Rannsaich

Sgeulachd èibhinn mu mhuc-mhara.

Ceann-latha May 1953
Àireamh a’ chlàir 5878
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.77.A4

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.077

Geàrr-chunntas

Sgeulachd èibhinn mu mhuc-mhara.

Bha ministear air a' bhàta a' dol a Dhiùra. Chunnaic e muc-mhara agus thuirt e gur e sin an t-iasg a shluig Ionah. "Nach i a dh'fheumas a bhith diabhlaidh sean!" fhreagair fear an aiseig.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Diùra

Eilean - Diùra

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Nist an-dè bha sibh a' bruidhinn mu dheidhinn... bha sibh a' bruidhinn mu dheidhinn fear a bha a' falbh 's bha bàta aige a' dol a-null air an aiseag agus...

Donnchadh Caimbeul (DC): Bha, a' dol a Dhiùra.

CM: Dìreach. Agus ciamar a bha e? Dè thachair ma-thà?

DC: Bha min-... bha ministear aige ga thoirt thairis, agus thàinig muc-mhara an uachdar gu math faisg air a' bhàta, agus thuirt am ministear ris... gun teagamh sam bith cha b' e an t-iasg a shluig Ionah a bh' ann. Nan tuirt e, 's e muc-mhara a tha sin, cha robh an còrr air, ach thuirt e:

"Sin an t-iasg a shluig Ionah."

"Nach i a dh'fheumas a bhith diabhlaidh sean," thuirt... thuirt fear an aiseig.

Uill faodaidh e diachdaidh a chur ann, facal faoin.

Ach siud mar a bha an rud ge-tà. Agus 's e ministear a bha còmhla ris.

CM: Ò bha i sin math, ma-thà.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math