Rannsaich

Mar a fhuair Màl 'icIllFhialain an Uibhist a Deas ainm.

Ceann-latha 1969
Àireamh a’ chlàir 5921
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1969.66.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1969.066

Geàrr-chunntas

Mar a fhuair Màl 'icIllFhialain an Uibhist a Deas ainm.

Chaidh rubha Màl 'icIllFhialain ainmeachadh air boireannach NicIllFhialain a chaidh a mharbhadh ann. Chaidh i a reic clò gu Ormacleit ach bha fear Chlann Raghnaill a-muigh agus b' fheudar dhi fuireach gu anmoch mus do thill e agus cheannaich e an clò. Air an rathad dhachaigh choinnich i Fear Bhaghasdail le buidheann reubaltach a bha air an rathad don Eilean Sgitheanach a thogail creach. Thuirt e rithe mura rachadh an turas leis gum marbhadh e i nuair a thilleadh e: bhite a' creidsinn gur e droch mhanadh boireannaich a choinneachadh. Cha deach leis idir anns an Eilean Sgitheanach agus chuir e dithis dhaoine ga marbhadh. Chaidh iad às a dèidh 's i a' togail crotal air an rubha agus thilg iad i ris a' ghrìoba. Chuir Fear Bhaghasdail an uair sin dithis a mharbhadh a' ghille aice a bha a' fuireach còmhla ri mhàthair is piuthar a mhàthar. Cha robh iarraidh aig na daoine seo a dhèanamh agus dh'iarr piuthar a mhàthar orra ise a mharbhadh na àite an toiseach. An àite a mharbhadh, mharbh iad uan is thug iad an cridhe air ais gu Fear Bhaghasdail. Chuir iad an gille is piuthar a mhàthar don Eilean Sgitheanach.

Nuair a dh'fhàs an gille chaidh e don Nèibhi agus dh'innis piuthar a mhàthar dha mar a thachair do mhàthair. Anns an Nèibhi choinnich e Eachann Dòmhnallach, mac Fear Bhaghasdail, agus chuir iad sabaid claidheimh air bhonn anns an do mharbh e Eachann. Chuir iad fios air ais gu Fear Bhaghasdail agus cò mharbh a mhac.

Chuala am fiosraiche seo bho Dhòmhnall Mhìcheil, Gleann Dail, a bhàsaich dusan bliadhna ron àm anns an deach an sgeul a thogail. Bha esan pòsta aig piuthar an fhiosraiche.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math