spacer
spacer

Obair an fhiosraiche an dèidh dha an sgoil fhàgail.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Obair an fhiosraiche an dèidh dha an sgoil fhàgail.
Fiosraichean - Neil MacAskill
Luchd-clàraidh - Iain Peatarsan
Item Person - MacAskill, Neil

Geàrr-chunntas - Obair an fhiosraiche an dèidh dha an sgoil fhàgail.

Nuair a dh'fhàg am fiosraiche an sgoil bha e ag obair mar ghille-flidir air rathad Bheàrnaraigh. 'S e Dòmhnallach à Leòdhas a bha os cionn a h-uile rud. Bha timcheall air deich air fhichead duine ag obair anns an sgioba, agus tha e ag ainmeachadh cuid dhiubh. Bha e ag obair an sin airson dà bhliadhna.

Fhuair e an uair sin obair mar phost. 'S e Tormod Saighdear a bha a' postaireachd aig an àm sin agus tha e ag aithris rann mu dheidhinn. Bha am post ann Diluain, Diciadain agus Dihaoine. Thug Tormod na litrichean gu Port nan Long anns a' mhadainn agus tuilleadh litrichean air ais feasgar. Bha am fiosraiche an uair sin gan lìbhrigeadh. Rinn e sin airson ochd mìosan deug.

Nuair a dh'fhàg e a' phostaireachd chaidh e dhan mhailisidh. Bha e aig Campa Stobs ann an Hawick. Thàinig e dhachaigh agus bha e ri buachailleachd. Bha e an uair sin ag iasgach agus a' sealg còmhla ris an Sgalpach. An ath bhliadhna, chaidh e dh'Inbhir Nis còmhla ris a' mhailisidh. Chaidh e às dèidh sin a Ghlaschu.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:06:29
Àm Clàraidh - 1977.06.16
Cànan - Beurla, Gàidhlig
Seòrsa - Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 59390
Àireamh an Teip Thùsail - SA1977.096
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1977.96.A3-A5
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Meadhan Lodainn
  Paraiste - Dùn Èideann
  Baile/Àite - Dùn Èideann


Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Na Hearadh
  Eilean - Beàrnaraigh

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/59390/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA