Rannsaich

Obair an fhiosraiche an dèidh dha an sgoil fhàgail.

Ceann-latha 16 June 1977
Àireamh a’ chlàir 59390
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1977.96.A3-A5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1977.096

Geàrr-chunntas

Obair an fhiosraiche an dèidh dha an sgoil fhàgail.

Nuair a dh'fhàg am fiosraiche an sgoil bha e ag obair mar ghille-flidir air rathad Bheàrnaraigh. 'S e Dòmhnallach à Leòdhas a bha os cionn a h-uile rud. Bha timcheall air deich air fhichead duine ag obair anns an sgioba, agus tha e ag ainmeachadh cuid dhiubh. Bha e ag obair an sin airson dà bhliadhna.

Fhuair e an uair sin obair mar phost. 'S e Tormod Saighdear a bha a' postaireachd aig an àm sin agus tha e ag aithris rann mu dheidhinn. Bha am post ann Diluain, Diciadain agus Dihaoine. Thug Tormod na litrichean gu Port nan Long anns a' mhadainn agus tuilleadh litrichean air ais feasgar. Bha am fiosraiche an uair sin gan lìbhrigeadh. Rinn e sin airson ochd mìosan deug.

Nuair a dh'fhàg e a' phostaireachd chaidh e dhan mhailisidh. Bha e aig Campa Stobs ann an Hawick. Thàinig e dhachaigh agus bha e ri buachailleachd. Bha e an uair sin ag iasgach agus a' sealg còmhla ris an Sgalpach. An ath bhliadhna, chaidh e dh'Inbhir Nis còmhla ris a' mhailisidh. Chaidh e às dèidh sin a Ghlaschu.

Neach/Cuspair a' Chlàir

MacAskill, Neil

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Beàrnaraigh

Cànan

Beurla, Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math