Rannsaich

Nighean Chruinn Donn Dhut Is Èibhinn

Ceann-latha 27 March 1953
Àireamh a’ chlàir 59
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.35.B3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.035

Geàrr-chunntas

Anns an òran luaidh seo tha caileag a' seinn an òrain do nighean chruinn donn, a tha fortanach gu bheil iomadh fear an tòir oirre. 'S e maraiche, mac duine-uasail, a fhuair a làmh. Tha a' chaileag eile ann an trom ghaol leis, agus tha fhios aice gur ann air sàillibh nach eil tochar aice agus gu bheil a pàrantan marbh a chuir e cùl rithe.

Tha an t-òran an uair sin ag atharrachadh agus tha i a' labhairt ri mac Fir Lagan Lasrach, à Bràigh Loch Iall agus Loch Airceig, a bhios a' marcachd an eich dhuibh a thàinig à Sasainn. Tha e a' gabhail cùram mhòr dheth, a' toirt dha fìon na dheoch-maidne agus a' cur chruidhean òir mu chasan. Dh'fhalbh e air astar leis an each luath seo, gu cruinneachadh mòr de dh'uaislean ann an àite far an robh an rìgh a' cumail cùirt. Dh'fhaighnich an rìgh cò am fear a bha seo, a bha a' cur chruidhean òir air a chuid eich (Raghnall Òg à Lagan Lasrach). Chuir an rìgh an gille-freastail ga iarraidh, agus thug an rìgh dha làn na h-aide de dh'òr a chaidh a chùinneachadh an Sasainn. Air eagal 's gun toireadh e air Alba masladh, sgap Raghnall an t-òr air feadh an achaidh.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math