Seanfhacal le sgeulachd à Uibhist a Tuath co-cheangailte ris...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1966.83.A1f
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Seanfhacal le sgeulachd à Uibhist a Tuath co-cheangailte ris, agus còmhradh mu shinnsearachd an fhiosraiche à Uibhist a Tuath.
Cha tig fuachd gus an tig earrach,
no cruaidh-chàs no cruaidh-ghainne,
nuair a dhiùltas bean 's i na h-èiginn,
biadh dha ciad dhuine cloinne.
Tha am fiosraiche ag innse sgeulachd a tha co-cheangailte ris an t-seanfhacal seo mu bhean à Cnoc an Torrain a bha ann an leithid de chruaidh-chàs air sgàth gainne agus gum b' fheudar dhi biadh a dhiùltadh dha mac. Tha seo air a leantainn le mìneachadh air mar a fhuair Cnoc an Torrain an t-ainm.
Bhuineadh sinn-sinn-seanmhair an fhiosraiche, Mairead Dhòmhnallach, do dh'Uibhist a Tuath. Tha i cuideachd càirdeach do Chlann MhicAoidh Iolaraigh, teaghlach a' bhàird Ruairidh MacAoidh.
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Tuath
Eilean - Uibhist a Tuath
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math