Rannsaich

Boban Saor agus mar a fhuair e brath gun rachadh a chrochadh...

Ceann-latha September 1966
Àireamh a’ chlàir 60776
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1966.084

Àireamh an Teip Thùsail

SA1966.084

Geàrr-chunntas

Boban Saor agus mar a fhuair e brath gun rachadh a chrochadh.

'S e duine innleachdach a bha ann am Boban Saor. Chaidh e a dh'fhuireach ann an taigh ann an Èirinn far an robh dithis ghillean. Bha allt a bha a' ruith aig ceann an taighe a bha ga chumail na dhùisg air an oidhche. Dh'fhaighnich e dhan chiad ghille dè bu chòir a dhèanamh. Thuirt e gum bu chòir balla a thogail eadar an taigh agus an t-allt. Dh'fhaighnich e dhan dàrna gille, a thuirt e gum feumte an taigh a ghluasad.

Dh'iarr Boban Saor air a mhac falbh a reic fichead caora agus tastan an tè iarraidh orra. Cha robh e a' faighinn duine a cheannaicheadh iad. Air an rathad dhachaigh, choinnich e ri dà nighean agus gille aig sruthan. Fhuair e cuireadh chun an taighe agus cheannaich nighean na caoraich, rùisg i iad, agus thug i air ais dha iad. Nuair a ràinig e dhachaigh dh'fhaighnich athair dha cò rùisg na caoraich. Dh'innis e mun nighinn a choinnich ris. Dh'iarr athair air a dhol ga h-iarraidh airson a pòsadh. Fhuair e i.

Dh'fhalbh Boban Saor agus an gille a Lochlann a thogail caisteal. Dh'iarr athair air a' ghille a dhol a shuirghe air nighean àraidh. Thuirt an nighean gun rachadh an crochadh nuair a bhiodh an caisteal deiseil. Chuir Boban Saor mac an duine-uasail a dh'Èirinn a dh'iarraidh nì àraidh e dh'fheumadh e airson an caisteal a chrìochnachadh. Chaidh mac an duine-uasail a chur dhan phrìosan ann an Èirinn agus chan fhaigheadh e ma sgaoil gus am faigheadh mac Bhobain Shaoir a shaorsa an toiseach.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Boban Saor

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math