Fiosrachadh air an dà-shealladh.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1975.119.A9
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Fiosrachadh air an dà-shealladh.
Chuala am fiosraiche o Mhàiri, piuthar a sheanmhair, nach bu chòir dha guth a ràdh, nam faiceadh e rud mì-nàdarra. Thuirt i gun robh daoine ann a chitheadh tiodhlacaidhean mus tachradh iad. Ghabhadh an comas seo toirt seachad, fireannach gu boireannach agus boireannach gu fireannach. Ma bha e airson rud fhaicinn, bha aige ri a chas dheas a chur air a' bhròig chlì aig an fhiosaiche, agus a làmh dheas air a gualainn chlì, agus coimhead anns an aon àite. Nam faiceadh e rudeigin cha robh aige ri bruidhinn air idir ach Bìoball a ghluasad mu choinneamh a shùilean trì tursan. Chan fhaiceadh e seallaidhean mì-nàdarra an dèidh sin.
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Tuath
Eilean - Uibhist a Tuath
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math