Lèine duine sona.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1975.31.A1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Mar a thuig Mac 'ille Phàdraig gur e a mhì-thoileachadh fhèin a bha ga fhàgail tinn.
Bha Mac 'ille Phàdraig tinn agus cha b' urrainn do dhuine a leigheas. Thug fear comhairle dha lèine duine sona a bha fhathast blàth bho a dhruim a chur air agus gum biodh e na b' fheàrr. Chaidh dithis a lorg duine sona, agus an dèidh a bhith aig an rìgh, an dorsair agus an comhairliche aige, fhuair iad a-mach nach robh duine aca sona. Mu dheireadh lorg iad duine le teaghlach mòr ann an taigh beag a bha sona. Thug iad e chun an duine bha tinn agus nuair a thuirt iad ris an lèine aige thoirt do Mhac 'ille Phàdraig, thuirt e nach robh lèine air bhon a phòs e. Thuig Mac 'ille Phàdraig an uair sin gur e a mhì-thoileachadh fhèin a bha ga fhàgail tinn.
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Seòrsachadh
Tar-sgrìobhadh
Ach bha fear air choreiginich ann ris an canadh iad Eòghann a' Chnuic, agus thàinig e a choimhead air an duine bhochd. Agus thuirt e gun robh fhios aigesan math gu leòr gu dè bha ceàrr air, ach nan gabhadh iad a' chomhairle-san... tha... nam faigheadh e lèine duine a bha sona, agus dìreach mar a thigeadh i blàth o dhruim an duine, a cur air fhèin, gun cuireadh e... gun cuireadh e geall nach biodh dad air.
Co-dhiù, dh'fhalbh dithis air tòir duine sona. Agus, uill thuirt iad riutha fhèin:
"Ò uill, ma tha duine sona idir ann 's e an rìgh."
Chaidh iad chun an rìgh, agus dh'innis iad an gnothach.
"Ò," ars an rìgh, ars esan, "cha robh mise sona," ars esan, "on a bhàsaich m' athair," ars esan, "'s a chaidh an crùn air mo cheann. Ach tha mise a' smaointeachadh," ars esan, "gu bheil an dorsair agamsa a cheart cho sona ri duine sam bith."
Dh'fhalbh iad a-mach co-dhiù, 's anns a' bhruidhinn... bhruidhinn iad san dol seachad ris an dorsair 's thuirt iad ris:
"Tha thu gu socair, seasgair ann a sheo."
"Ò tha," ars esan. "Chan eil adhbhar ghearain agam."
"Ach a bheil adhbhar ghearain sam bith idir agad?"
"Uill," ars esan, "innsidh mi dhut aon rud a tha a' cur dragh orm," ars esan, ars an dorsair. Ars esan: "Tha fear a' tighinn an seo seachad," ars esan. "Bidh e a' tighinn a-staigh," ars esan, "corra uair a dh'fhaicinn an rìgh," ars esan. "Agus," ars esan, "thogadh 's... rugadh 's thogadh sinn," ars esan, "anns a... còmhla san aon àite. Thig e seachad orm ann a sheo," ars esan, "'s cha bhruidhinn e rium. Agus chan eil," ars esan, "sin a' còrdadh rium. Ach," ars esan, "tha mi a' smaointeachadh nam feuchadh sibh fear-comhairle an rìgh."
Uill, dh'fheuch iad am fear sin 's bha gearan aig an fhear sin e fhèin. Cha robh e toilichte na shuidheachadh. Cha robh e ach, mar gam biodh, dòcha a' feitheamh ri cuideigin eile a dhol a-staigh na àite. Agus bha iad a' feuchainn duine an siud 's duine an seo. Agus mar a bha an seanfhacal a' ràitinn, gun robh a smùdan fhèin an ceann gach fòid, 's nuair a bha iad air thuar toir suas, chuala iad mu dheidhinn fear a bha a' fuireach shìos ris a' chladach, àite ris an canadh iad Linne a' Mhadaidh, agus cha chuala duine riamh a' gearan e, 's bha e toilichte na shuidheachadh.
Ràinig iad sìos an taigh, 's bha ann a shin taigh beag tughaidh dìreach ris a' chladach. Agus bha dithis nighean beaga shìos fon taigh a' togail fhaochag sa chladach, agus bha dithis eile a' faighinn air dòigh slatan 's iad a' falbh a dh'iasgach. Bha e fhèin agus fear no dithis eile dhe na gillean a' gnìomhadh cruach-mhòna. 'S bheannaich iad an latha dha chèile, 's bha iad a' bruidhinn, 's thuirt fear dhe na bha air tòir an duine shona:
"Tha... tha thu gu math socair, seasgair a bhith ann a sheo."
"Ò tha, gu dearbh," ars esan.
"Ò uill," ars esan, "chan eil agad ach taigh beag."
"Ò," ars esan, "'s fheàrr taigh mòr," ars esan... "'S fheàrr taigh beag làn," ars esan, "na taigh mòr falamh."
"Chan eil agad," ars am fear eile, "ach croit bheag an seo."
"Ò tha i mòr gu leòr," ars esan. "Chan urrainn dhòmhsa," ars esan, "an còrr obrachadh," ars esan. 'S ars esan: "Carson a bhios mi a' gearan?" ars esan. "Tha a' chlann agam a' fàs suas," ars esan, "'s tha toradh na mara a' tighinn air tìr aig an doras," ars esan, "'s chan eil èis no acras oirnn," ars esan.
Choimhead na daoine air a chèile agus thuirt iad:
"Seo agad a-nist an dearbh dhuine a tha a dhìth oirnn, ach cha toir sinn guth mun lèinidh air eagal 's nach fhalbh e còmhla rinn."
Agus thuirt iad gun robh a leithid seo a dhuine airson fhaicinn, Mac 'ille Phàdraig, am fear a bha bochd.
Dh'fhalbh e còmhla riutha 's thugadh suas a choimhead air an duine bhochd e. 'S nuair a bha iad treis a' còmhradh thuirt am fear a bha seo ris, am fear... an duine bochd, gum b' fheàrr dhaibh a-nist iomlaid lèintean a dhèanamh.
"Hod," ars am fear eile, "cha robh lèine," ars esan, "ri mo dhruim," ars esan, "on a phòs mi," ars esan, "'s cha robh ionndrainn agam oirre."
Thuig am fear a bha san leabaidh an uair sin gu dè bha lèine duine sona a' ciallachadh. Leis cho mì-thoilichte 's a bha an duine na shuidheachadh, 's e bha ga fhàgail bochd.
Agus sin agad mar a chuala mise an stòiridh.
Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Uill, 's e deagh stòiridh tha sin, a Dhòmhnaill,
gu dearbh agus cha chuala mi riamh i.
DM: Nach cuala?
DE: Cha chuala.
DM: Cha chuala thu riamh i?
DE: Cha chuala.
DM: An do chòrd i riut?
DE: Chòrd i rium gu dearbh. 'S cò aige... cò aige a-nist a chuala sibh fhèin i?
DM: Leugh mi ann an leabhar air choreigin o chionn fada i. Chan eil sìon a chuimhn' a'm dè an leabhar a bh' ann.
DE: Seadh gu dearbh.
DM: [???] sonas. Sin agad an t-ainm a bh' oirre.
DE: Ò uill, tha i math, agus dh'innis sibh gu math i cuideachd. Agus trobhadaibh, an ann am Beurla no Gàidhlig a bha i?
DM: Am Beurla a bha i... an Gàidhlig a bha i.
DE: An ann?
DM: Ò 's ann, 's ann. Bha i air a dèanamh mar siud dìreach. Bha... [?bha ainmean air a thoirt] air na characters a bh' innte 's mar a bha an taigh a bha seo ann an Linne a' Mhadaidh.
DE: Seadh gu dearbh.
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math