Rannsaich

Fiosrachadh mu Oidhche na h-Imrich agus mu dheidhinn eòin ag...

Ceann-latha 1978
Àireamh a’ chlàir 62155
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1978.076

Àireamh an Teip Thùsail

SA1978.076

Geàrr-chunntas

Fiosrachadh mu Oidhche na h-Imrich agus mu dheidhinn eòin agus uighean.

Bhiodh na daoine a' tilleadh bhon àirigh anns an Lùnastal. Chanadh iad Oidhche na h-Imrich ris an oidhche a bha iad a' tilleadh. Tha àite ann ris an canar Bealach na h-Imrich.

Bha pailteas ri ithe air an àirigh agus bha mòran saorsa aig a' chloinn. Fiosrachadh air mar a bhiodh iad a' dearbhadh an robh isean ann an ugh mus toireadh iad leotha e. Bha ugh na circe-fraoich anabarrach blasta. Fiosrachadh mu dheidhinn eòin.

Bhiodh daoine a' tighinn bhon bhaile a chuideachadh leis an imrich agus bhiodh dannsa, ceòl agus òrain aca. Bhiodh iad ag ithe 's ag òl a h-uile dad a bh' aca airson nach tigeadh aca a thoirt leotha.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math