Rannsaich

Mar a chunnacas taibhse ann am Brèibhig.

Ceann-latha 25 September 1976
Àireamh a’ chlàir 62171
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1976.175.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1976.175

Geàrr-chunntas

Mar a chunnacas taibhse ann am Brèibhig.

Bha triùir bhràithrean ann am Brèibhig agus bhàsaich fear dhiubh agus e òg. Chunnaic an searbhant aca an taibhse aige aon oidhche agus i a-muigh airson buntàta. An dèidh sin cha bhiodh i a' dol a-mach ach ri solas latha, ach aon oidhche b' fheudar dhi a dhol a-mach agus chunnaic i an taibhse a-rithist. Dh'iarr i air na bràithrean eile tighinn a-mach ga choimhead. Dh'fhaighnich am fear bu shine dhan taibhse an robh rudeigin a' cur dragh air. Thuirt an taibhse gu robh e air gealltainn-pòsaidh a bhristeadh, agus gu robh e ag iarraidh maitheanas. Chaidh am bràthair far an robh an nighean agus thug i maitheanas dhan fhear eile. Chan fhacas an taibhse tuilleadh.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math