Rannsaich

A' buain mòine aig an àirigh.

Ceann-latha 1978
Àireamh a’ chlàir 62190
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1978.076

Àireamh an Teip Thùsail

SA1978.076

Geàrr-chunntas

A' buain mòine aig an àirigh.

Fiosrachadh coitcheann mu dheidhinn na h-àirigh. Bhite a' buain mòine aig an àirigh airson na h-ath bhliadhna agus a' cleachdadh nan ceap cuideachd.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Donald MacDonald (DM): Ach cha chreid sibh man a bha an àirigh cho dachaigheil 's cho coibhneil. Latha faing, cha robh am buachaille... bha e a' cruinneachadh nan caorach. Bhathas a' fàgail muga bainne dha, 's dh'innseadh dha an latha ron a sin càit am faigheadh e a h-uile càil. Fhios agad, cha robh glas a' dol air doras ann.

Iain Peatarsan (IP): Cha robh. Cha robh. Ò, cha robh.

DM: Agus gu math tric thàinig sinne... thàinig sinne dhachaigh, 's mathaid gun robh dà thastan, bonn dà thastan no tastan air fhàgail ann am mias. Bha sin ag innse dhuinn gun robh... gun deach duine seachad.

IP: Bha, dìreach. Bha.

DM: Ach cha robh feum agaibh fàgail càil. Gu math tric, bha cuid ann nach b' urrainn fàgail càil. Ach bha siud ann co-dhiù. Bha am biadh ann 's bha am bainne ann, 's chuidicheadh iad iad fhèin. Nise, bha sinn a' buain mòine a h-uile samhradh airson na h-ath-bhliadhn' a-rithist.

IP: Ò seadh, seadh. 'S e dìreach. Bha mi dìreach a' dol a dh'fhaighneachd dhuibh sin. Dè bha iad a' dèanamh airson connaidh mar sin. Bha sibh a' buain mònadh a-muigh faisg air far an robh an àirigh agaibh?

DM: Bha. Agus bhiodh sinn a' buain... bhiodh sinn cuideachd a' cleachdadh cuid dhe na cip a bha sinn a' toirt far bhàrr a' pholl-mònach. Agus a h-uile h-oidhche, bha an teine ga thasgadh, agus bha e cho brèagha na do shìneadh anns an leabaidh 's coimhead air mullach na h-àirigh agus, air a ghabhadh fàd, thigeadh lasair teine a-mach agus bha dathan ag atharrachadh. Bha an aon dol mun Lùnastal. Bha sgòthan an dubhair a' tighinn. Sgòthan dubh dorch. Bha iad, 's mathaid, a' mùchadh... a' mùchadh air falbh na neòil bhrèagha a bh' againn fad an t-samhraidh. 'S tha cuimhn' agamsa aon oidhche a bhith a-muigh air ceann cnoc, a-mach bhon an loch aig... bhon àirigh againn fhìn, 's a' ghaoth... a' ghrian air a dhol fodha, 's bha a h-uile dath a bh' anns an iarmailt ri fhaicinn anns an loch. Dorch, gorm, uaine, buidhe, a h-uile dath, agus iad ag atharrachadh gun sgur man a bha uspagan gaoith a' tighinn. Bha seo a' dol gun sgur, agus cha b' urrainn dhut innse cho brèagha 's a bha e ann an sin.

IP: Ò tha fhios gun robh e brèagha, gun teagamh.

DM: Bha. Bha e brèagha. Nise, bha am biadh... agus ged a bha daoine a' smaoineachadh gun robh an àirigh truagh, dh'fhaodadh e bhith bhon taobh a-muigh gun robh i a' coimhead truagh, ach bha i gu math dìonach air a dèanamh. Bha i gu math dìonach. Agus bha blàths 's seasgaireachd 's biadh agad, 's dè an còrr a bha duine ag iarraidh fad an t-samhraidh.

IP: Cha robh an còrr a dhìth orra. Cha robh, dìreach.

DM: Bhiodh daoine tinn a' dol a-mach ann an siud. Cha chreideadh tu, an crodh a chunnaic thu air a bhiodh tu a' falbh toiseach an t-samhraidh chun na mòintich, caol, seang, clèigeanan air na sliasan aca, a' tighinn dhachaigh as t-samhradh a' dannsa 's a' ruith dìreach sìos cliathaich na croit.

IP: Bhitheadh, dìreach. Bhiodh iad air tighinn air adhart cho math leis a... feur math aca.

DM: Bha feur math 's an t-saorsainneachd. Cha robh duine a' cur dragh orra. Agus faisg air a h-uile h-àirigh bha trì no ceithir de chlachan air an cur air ceann gu 'm biodh an crodh gan tachas fhèin ris.

IP: 'S e, dìreach.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math