Rannsaich

Fiosrachadh air mar a bhiodh Fionnlagh MacFhitheachain ag ob...

Fiosraichean
Ceann-latha September 1976
Àireamh a’ chlàir 62406
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1976.179.A6+B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1976.179

Geàrr-chunntas

Fiosrachadh air mar a bhiodh Fionnlagh MacFhitheachain ag obair an fhearainn.

Bhiodh Fionnlagh MacFhitheachain a' cur tughadh fraoich air an taigh aige. Ghearradh e fhèin agus a bhràthair feamainn anns a' Mhàrt, airson todhar. An uair sin ghearradh iad a' mhòine airson mu chola-deug. Thòisicheadh iad an uair sin air a' bhuntàta. An dèidh sin, bha iad a' tionndadh gu ruamhar, le na spaidean. Chuireadh iad dà phoca mhòr de shìol, agus dhèanadh iad dà chruach mhòr arbhair. 'S e cruachan crios a bhiodh iad a' dèanamh, air an ceangal le sìomanan fraoich.

Tha dòigh togail nan cruach air a dhealbhachadh.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math