spacer
spacer

Na tachartasan a bha aig duine bochd 's a thriùir mhac nuair...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Na tachartasan a bha aig duine bochd 's a thriùir mhac nuair...
Fiosraichean - ; Unknown (female)
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

Geàrr-chunntas - Na tachartasan a bha aig duine bochd 's a thriùir mhac nuair a chuir a bhràthair beairteach air falbh iad.

Bha dithis bhràithrean ann, fear bochd 's fear beairteach. Bha am fear bochd ag obair dhan fhear bheairteach. Aon là bha e ag obair air a' chroit agus thuit e na chadal. Chuala e guth ag ràdh ris cladhach far an robh e, 's gum faigheadh e rudeigin a dhèanadh feum dha. Fhuair e fàinne òir. Nuair a chaidh e dhachaigh, fhuair e ciste làn airgid 's òir. Bha farmad aig a' bhràthair bheairteach ris, agus chuir e am bràthair bochd 's a thriùir mhac ann an seann sgoth agus dh'fhalbh an t-sruth agus a' ghaoth leotha. Chaill iad am fàinne òir agus rinn na mic oidhirp mu seach fhaighinn air ais. Choinnich iad ri fuamhaire, taibhse, dà mhèirleach dheug, an Cocaire Ruadh agus an diùc. Aig a' cheann thall, fhuair am mac as òige am fainne òir. Fhuair am mac as sine làmh nighean an diùc, an dèidh dha fhèin 's a bhràithrean trì sgeulachdan gun bhreug innse.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:23:48
Àm Clàraidh - 1965.03
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 62964
Àireamh an Teip Thùsail - SA1965.015
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1965.015.A+B1
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R


Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/62964/1

Bloighean:
Cluich pàirt 1 (00:23:48)
Cluich pàirt 2 (00:05:19)




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA