Rannsaich

Muileann-luadhaidh ann an Uibhist a Tuath.

Ceann-latha November 1966
Àireamh a’ chlàir 64415
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1966.066

Àireamh an Teip Thùsail

SA1966.066

Geàrr-chunntas

Muileann-luadhaidh ann an Uibhist a Tuath.

Bha muileann-luadhaidh aig Ùisdean mac Aonghais Duinn (Dòmhnallach) à Màlacleit. Bha e air a bhith ag obair ann am Baile Raghnaill agus fhuair e fearann bhon uachdaran air a son. Canar Pàirc Ùisdein ris. Tha iomradh air a thoirt air Bogach nan Cailleach, a tha faisg air làimh.

Chithear na clachan aig tobhta na muilne fhathast [ann an 1966]. Bha dàm airson na muilne air abhainn. Bha Ùisdean a' fuireach anns a' mhuilinn. Tha oghaichean dha, a tha air an ainmeachadh, fhathast ann am Màlacleit.

Còmhradh mu dheidhinn mar a bha Ùisdean air a phàigheadh agus mu Bhùth mhic Eachainn ann an Loch nam Madadh, a bha a' reic clò. Tha 150 bliadhna bho bha a' mhuileann ann. Cha do mhair i ach mu naoi bliadhna.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Màlacleit

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math