Rannsaich

Obair a' chlò bho toiseach gu crìoch.

Ceann-latha January 1963
Àireamh a’ chlàir 65106
Pàirt 1
Pàirt 2
Pàirt 3
Pàirt 4

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.088.A; B1; B4

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.088

Geàrr-chunntas

Obair a' chlò bho toiseach gu crìoch.

Bha am fiosraiche na bhreabadair agus tha e a' toirt iomradh gu math mionaideach air obair a' chlò. An toiseach bha dathan gan cur air a' chlòimh, crotal agus seileastair nam measg. Bha a' chlòimh air a chàrdadh an dèidh sin. Bha an obair seo air a dhèanamh air an oidhche anns na taighean-cèilidh. Bha na mnathan a' snìomh air cuibhlichean-snìomh a bha air an dèanamh le tuairnear ann an Càirinis. Bha an clò air fhighe air beart agus tha am fiosraiche ag ainmeachadh gach pàirt agus a' toirt dealbh air mar a bha i ag obair. An uair sin bhiodh an clò air a luadh. Bha uimhir de chlann-nighinn anns an sgìre nuair a bha am fiosraiche òg gum biodh iad uile a' feuchainn ri cuireadh fhaighinn gu luadh, uaireannan a' gealltainn thiodhlacan dha chèile. Bha an clò air a luadh air bòrd clèith le claisean. Tha cuimhn' aig an fhiosraiche air a bhith a' seinn còmhla ris a' chlann-nighinn nuair a bha iad a' luadh. B' e an cleachdadh gu robh an clò air a dhèanamh air fad ann an Uibhist, ach thàinig seo gu crìoch mu àm a' Chogaidh Mhòir.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Griomsaigh

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann, Ceàrnag Sheòrais, Sgoil Eòlais na h-Alba

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math