Fiosrachadh mu dheidhinn obair agus beatha chlann-nighean an...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1970.169.B10
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Fiosrachadh mu dheidhinn obair agus beatha chlann-nighean an sgadain.
'S e obair shalach, throm a bh' anns a' chutadh. Bhiodh iad a' tòiseachadh aig sia uairean sa mhadainn. Bha ciùrairean gu leòr ann am Bàgh a' Chaisteil. Bhiodh na nigheanan a' faighinn £3 nuair a bha iad air am fastadh agus sia sgillinn am baraille airson pacadh no tastan airson cutadh. Mhaireadh an seusan bhon Chèitean chun na Sultain. Bhiodh iad a' dol a Shasainn an uair sin. Thigeadh iad dhachaigh le tiodhlacan de gach seòrsa. Dhèanadh iad a' chùis leis a' Bheurla a bh' aca. Bhiodh iad ag obair air a' chosta an ear cuideachd. Bha triùir ann an sgioba: dithis a' cutadh agus aon a' pacadh. Phòs cuid dhiubh air a' chosta an ear. Bhiodh iad cuideachd a' dol a Shealtainn agus a dh'Arcaibh.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Barraigh
Eilean - Barraigh
Cànan
Beurla, Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math