Fiosrachadh mu Chlach Eanraig agus Mort Ghleanna Comhan.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1958.082
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Fiosrachadh mu Chlach Eanraig agus Mort Ghleanna Comhan.
Tha Clach Eanraig mu cheud slat bhon chuimhneachan air Mort Ghleanna Comhan. Oidhche a' mhuirt bha fear de na Caimbeulaich airson gum biodh fios aig cuideigin dè bha a' dol a thachairt. Thug e mac Mhic 'ic Iain chun na cloiche. Thuirt e ris a' chloich, nan robh fios aice dè bha a' dol a thachairt, nach biodh i an sin. B' e am balach sin an aon fhear a fhuair air teicheadh.
B' e Rìgh Shasainn cuideachd bu choireach airson a' mhuirt. Bha aig Mac 'ic Iain ri bòid a thoirt ann an Inbhir Aora. Cha ghabhadh iad e bhuaithe an toiseach, oir bha e air dheireadh. Thàinig an sin rèisimeid Chaimbeulach. Thug iad ceala-deug air aoigheachd aig Mac 'ic Iain ron mhort. Bha sneachd ann. Bhathar a' mort a h-uile neach fireann. Shàbhail saighdear leanabh le bhith ag ràdh gur e nighean a bh' ann.
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
Paraiste - Lios Mòr is An Appain
Baile/Àite - Gleann Comhann
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math