Fhuair Lochan a' Chlaidheimh ainm nuair a thàinig Loch Iall...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1958.082
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Fhuair Lochan a' Chlaidheimh ainm nuair a thàinig Loch Iall agus Diùc Athaill gu còrdadh mu dheidhinn chrìochan.
Bha Loch Iall a' dol a thachairt air Diùc Athaill airson crìochan a chur an òrdugh. Cha robh gu bhith ann ach an dithis aca. Thuirt boireannach ri Loch Iall a chuid dhaoine a thoirt leis. Rinn e sin. Bha Diùc Athaill ann roimhe. Cha tàinig iad gu còrdadh agus dh'èirich na daoine aig an diùc. Thuirt e gur e caoraich Athaill a bh' annta a' tighinn a dh'ithe feur Loch Abar. Thionndaidh Loch Iall a chòta agus dh'èirich na daoine aige fhèin. Thuirt e gur e coin dubha Loch Abar a bh' annta agus nach fhàgadh iad ceann air caoraich Athaill. Thàinig iad gu còrdadh agus thilg iad na claidheamhan ann an loch. Sin mar a fhuair e an t-ainm Lochan a' Chlaidheimh.
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Pheairt
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math