Rannsaich

Obair an earraich agus beatha air an àirigh.

Fiosraichean
Ceann-latha July 1982
Àireamh a’ chlàir 68336
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1982.183

Àireamh an Teip Thùsail

SA1982.183

Geàrr-chunntas

Obair an earraich agus beatha air an àirigh.

Cunntas air obair a bhathar a' dèanamh as t-earrach: buain feamainn; treabhadh; cliathadh; cur a' bhuntàta; priocadh; buain na mònach; agus cruachadh.

Air a leantainn le cunntas air beatha air an àirigh: a' buain liteir airson na leapa; a' bleoghan a' chruidh; a' dol dhachaigh le cuman bainne; biadh; iasgach; sealg; agus Oidhche na h-Imrich, nuair a bhiodh dannsa 's seinn aca air an oidhche mu dheireadh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Ùig

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Calanais

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Iain Peatarsan (IP): An cùm sibh oirbh, ma-thà?

Seonag Chaimbeul (SC): Ceart gu leòr, ma-thà. Nise, mu dheidhinn an earrach, a bheil sin ceart?

IP: Seadh.

SC: Mu dheidhinn an earrach, 's e obair bho thòisicheadh obair an earraich, gus an sguireadh obair an fhoghair, 's e fìor obair chruaidh a bh' anns a' chuid bu mhotha dheth. Ò, 's e. Bhiodh am buntàta ri chur, ach mus tòisich 's e a' chuid bu mhotha a bhith a' buain feamainn, agus ga cur na thiùrr aig bun na lot far am biodh... far am bitheas gu bhith ga cur. Bhiodh sinn... an uair sin nuair a bhiodh a h-uile càil dhen a sin deiseil, bhiodh sinn ga thogail mar sin 's ga chur am measg a chèile man a bha i ri fàs bog. Agus thòisich sinn an uair sin a' cur a' bhuntàta, agus thionndaidheadh sibh a' chiad sreath, 's chuireadh sibh am buntàta mar sin, 's chuireadh sibh an uair sin an fheamainn leis a' ghràpa, air muin... Agus ma bha sibh ag iarraidh buntàta bog, 's e an fheamainn a chuireadh sibh air. Ach ma bha sibh ag iarraidh buntàta na bu thioraim, 's e todhar a chuireadh sibh air. Bha a h-uile càil dhen a sin aca ri ionnsachadh.

IP: Nise, an ann leis an spaid a bha iad ag obrachadh...

SC: Ò, 's ann.

IP: Leis an spaid.

SC: Ach na lotaichean aig an robh feannagan fada. An can sibhse feannagan?

IP: Canaidh.

SC: Na lotaichean aig an robh feannagan fada, far am b' urrainn dhaibh... far am biodh rùm airson na h-eich agus an crann, uill bha sin aig mo mhàthair, bho cùlaibh an taigh gu deireadh an lot, agus... ach gum feumadh i... gum feumadh i iad nuair a thig iad... far am biodh na h-eich a' tionndadh, dh'fheumadh sin a thionndadh leis an spaid. Agus às dèidh a' bhuntàta a chur, dheigheadh an uair sin an talamh a thionndadh leis na h-eich, far am b' urrainn dhaibh. Agus nuair a bhiodh e air a thionndadh, dh'fheumadh e an uair sin a bhith air a chliathadh an toiseach, a chliathadh an toiseach, agus a-rithist bhiodh e air a chur, agus a chliathadh a-rithist, 's bha e an uair sin deiseil airson toirt air. Cha robh an còrr ri dhèanamh air gu 'n tigeadh a bhuain oirbh. Ach a-nise, a' dol air ais chun a' bhuntàta, bha a-nis am buntàta air a thighinn an-àirde timcheall air ceithir òirlich no còig, agus thòisicheadh iad an uair sin a' dèanamh - chan eil fhios a'm an cuala sibh riamh e - priogadh.

IP: Ò, 's e cabadh a chanamaid-ne.

SC: Cabadh?

IP: Cabadh a' bhuntàta.

SC: Cabadh. Cò bhuaithe a thàinig sin? 'S cò bhuaithe a thàinig priogadh?

IP: 'S e. Sin nuair a bha sibh a' togail an-àirde na h-ùireach?

SC: Chan e, chan e. 'S e seo a' chiad rud, eadar na sreathan. Fhios agaibh, bha feur beag a' fàs an uair sin, 's bha sibh ag obair mar seo leis an tobha. No le croman. An robh croman agaibhse?

IP: Ò bha. Cròcan.

SC: Cròcan, 's e bh' agaibh air? Uill, 's e croman a bha againn airson an ath rud, cha b' e tobha. Bha tobha airson seo. Ach bha an croman airson a bhith a' cur taca ris na barran man a bha iad a' fàs, bha iad lag. Nise, bha sin a-nise deiseil. Cha robh an còrr ri dhèanamh air. Nam fàsadh am feur bha... cha bheanadh iad dha. Agus nise, bha buain na mònach a' tòiseachadh. Cheart cho luath 's bha sin seachad anns... deireadh an Ògmhios. Bha a' mhòine ga buain anns an Ògmhios. Tha fhios agaibh, bha a h-uile càil air a sin a chantainn, nach eil. Agus nuair a bha a' mhòine air a rùdhadh. An canadh sibhse sin?

IP: Chanadh.

SC: Agus bha i an uair sin deiseil airson a cruachadh. Agus nuair a bha i deiseil airson a cruachadh, bha an uair sin a h-uile càil a' tighinn an ceann a chèile. Bha àm an àirigh a' tighinn, agus bhiodh sibh an siud 's bhiodh sibh an seo, a' slaodadh dhachaigh a' bhuain an uair sin ann an cliabh air ur druim. Cha robh cairt, cha robh lorry... cha robh lorry, 's bhiodh iad a' cruachadh air na puill, cruach-stèidhidh.

IP: Seadh. Ò an e cruach-stèidhidh?

SC: Cruach-stèidhidh a bh' air an fheadhainn mhòra. Agus an fheadhainn bheaga, bhiodh iad gan tughadh le cip. A bheil fhios agaibh, 's e bhiodh na cip cho tiugh air muin a' mhòine, mar [???], agus bhiodh iad a cheart cho tioram ri... 's a ghabhadh iad a bhith, nuair a bhiodh sibh gan toirt dhachaigh. Agus thòisich an uair sin na cairtean a' tighinn. Mus do dh'fhàg mise Leòdhas thòisich na cairtean gan toirt dhachaigh. 'S bha e na b' fhasa. Agus bhiodh sinne a' ceannach a chèile. Bha siud na croitearan... an teaghlach agaibhse 's an teaghlach agamsa còmhla ri chèile. A' ceannach a chèile. Cha b' ann le airgead, ach le obair. Agus dheigheadh sinne an uair sin chun... thuigesan, 's latha thuigesan ge bith cò bh' againn, dh'fheumadh sinn a phàigheadh.

IP: Sin agaibh e. Dh'fheumadh. Sin an dòigh... Agus gu h-àraid àm buain na mònadh. 'S ann dol a-mach...

SC: Buain na mònach agus bho dheireadh ga toirt dhachaigh, an dà chuid. 'S e dà latha mhòr, mhòr a bha sin. Agus pailteas biadh agus pailteas dibhearsan. Agus uaireannan bhiodh feadhainn aca a' toirt a-mach rud ris a chanas iad an-diugh am bogsa. Cha chan sinne bogsa idir. Bucas a chanas sinne.

IP: Ò 's e, bucas a chanas sibhse.

SC: Agus bhiodh iad a' toirt a-mach... cha b' e fear dhen fheadhainn mhòra a bh' aca an uair sin idir, ach meileòidian. 'S bha iad eagallach math air.

IP: Bha. Ò bheireadh iad ceòl snog às.

SC: Ò bheireadh. Tha, 's bidh feadhainn aca fhathast. Bidh Tommy Darky ga chluich fhathast. Tha e a' gabhail grèim air, bidh, bidh. Agus... a' mhòine. Chrìochnaich mi an rud a bha mi... chrìochnaich mi a' mhòine ga cruachadh, agus man a thòisich iad an uair sin a' toirt dhachaigh... ga chur chun an rathaid, 's ga toirt dhachaigh le cairtean an toiseach. Agus nuair a chitheadh sibh air na cairtean a' mhòine bheireadh sibh ur briathran gur e cruach mhònach a bh' ann. Bha i air a stèidheadh, gus nach tuiteadh i. Bha iad grinn air an làmhan.

IP: Bha. Ò bha iad math air rud dhen t-seòrsa sin.

SC: Bha iad grinn air an làmhan, bha. Càil sam bith a bha iad a' dèanamh, bha... cha chreid mi nach robh ùidh aca anns an... nan obair. Dh'fheumadh iad a dhèanamh co-dhiù, ach 's e rud mòr a th' ann an ùidh a bhith agaibh anns an rud a tha sibh a' dèanamh, bhon nì sibh nas fheàrr e. Nì sibh nas fheàrr e. Agus an dèidh tha a' mhòine nise a-staigh. Tha i aig an rathad, agus tha sibh an uair sin ga toirt dhachaigh far a bheil sibh ga h-iarraidh air a' chroit, bhon chan eil a h-uile taigh ri oir an rathaid. Agus man as fhaisge dha na teintean, 's ann as fhasa dhan an fheadhainn a tha a' frithealadh a-staigh, an àite a dhol chun an rathaid ag iarraidh cliabh mònadh.

Agus às dèidh sin a-nise, thàinig àm an àirigh. Gu dearbha, tha àm an àirigh ann an teis-meadhan àm cruachan... àm rùdhadh agus cruachadh na mònach, 's dh'fheumadh sibh latha a bhith an siud 's latha a bhith aig an àirigh. Agus 's e an adhbhar a bha air latha na h-àirigh, a bhith a' buain liteir. An cuala sibh am facal? Buain liteir, liteir, agus... airson leabaidh. Agus bhiodh sinn a' buain fraoch timcheall air còig no sia... còig troighean, theirinn, a dh'àirde, agus ga thiormachadh gus nach fhaigheadh sibh tinneas nuair a bhiodh... nach fhàs sibh tinn ann an rud bhiodh tais. Agus às dèidh sin, an ath latha gheibh sibh a-mach, bha agaibh ri feur ris an canadh iad muran a bhuain. Agus bha a-nise am fraoch deiseil airson a thionndadh. Agus bha dòigh aca air man a dheigheadh an leabaidh a dhèanamh.

IP: Ò tha mi a' creidsinn.

SC: Ò bha, gu dearbh. Agus bidh cuimhn' agamsa air fad mo bheatha. Agus an ath latha bha sibh a' dol a-mach a chrathadh a' mhurain, agus bhiodh am muran an àirde ud, air muin an fhraoch, 's abair, ò, fàileadh àlainn a bh' air an leabaidh ud.

IP: Agus a-nise, an leabaidh a bhiodh an sin, 's e leabaidh bhogsach a chanadh iad rithe, an e?

SC: Cha b' e idir, ach bha feadhainn a' cur crèadha, làr crèadha, agus bhiodh pocannan ga chur air muin a' chrèadha, 's às dèidh sin bhiodh iad a' cur an fhraoch mar siud, 's mar siud, airson gum biodh na geugan a bha cruaidh, nach fhairicheadh sibh iad. Agus feumaidh mi seo a thoirt a-steach air a' bhìdeag dhen a... Nuair a phòs mise, cha robh mi ach dà bhliadhna air fhichead, 's bha fios a'm air a h-uile càil. Ò, cha robh càil... cha leigeadh iad a leas càil innse dhòmhsa mu dheidhinn an àirigh. 'S dh'fhaighnich mi dha mo mhàthair an latha seo:

"A mhàthair," arsa mise, "an leig sibh dhòmhsa a dhol leis a' chrodh chun an àirigh am-bliadhna?"

"Ò, bhrònag bhochd," ars ise, "dè nì thusa aig an àirigh?"

"Tha fios agam," arsa mise, "dè tha sibh a' dèanamh aig an àirigh. Tha fios a'm air a h-uile càil a tha sibh a' dèanamh."

'S thuirt i:

"Uill, ceart gu leòr," ars ise, "bidh fios againne a bheil fios agad."

Dh'fhalbh Seonag. Rug Seonag air... mi fhèin 's an duine agam. B' e sin a' chiad bhliadhna a bha sinn pòsta, [???] honeymoon. Rug sinn air puicean dhen an fhraoch, 's chuir sinn ann a shiud e, 's ann a shiud, 's ann a shiud, 's ann a shiud. Agus làrna-mhàireach, chaidh sinn a-mach... bha a-nise... bheil fhios agaibh rud a bhiodh aca air na cairtean ris an canadh iad tarpaulin. Bha iasad againn dhen a sin ga chur air muin an fhraoch mus tigeadh uisge. Agus bheireadh sinn sin dheth 's chuireadh sinn seo air muin an fhraoch. Cha do chaidil Seonag ann an leabaidh na mo bheatha cho uabhasach. Ò, cha robh dad a dhiofar dè man a thionndadh sibh. Bha am fraoch an-àirde mar siud.

IP: Bha, cha robh sibh air am fraoch a chur ceart innte.

SC: Tha cuimhn' agam fhathast air mo mhàthair a bhith a' cantainn:

"Bha fios agad," ars ise, "air a h-uile càil 's chan fhaodadh duine càil ionnsachadh dhut."

Co-dhiù, bha... chuir i ceart e, 's thàinig i a-mach còmhla rinn 's chuir i an leabaidh ceart. Agus bha mìos againn. Bha an-còmhnaidh mìos no sia seachdainean. Agus, bha sibh... nise, anns a' mhadainn, timcheall air ochd uairean, bha sibh ag èirigh 's a' bleoghan a' chruidh.

IP: 'S an ann air an àirigh a bha seo, no...?

SC: 'S ann air an àirigh. Bha sin a-nis air an àirigh. Agus a' bhìdeag air a bheil an àirigh, tha e air rud beag de thulach, airson a cumail bhon... gus nach bi e tais. Agus dheigheadh sibh a-mach a bhleoghan a' chruidh, agus feadhainn aca, feadhainn dhe na boireannaich, bha iad cho math dhan a' chrodh agus nach tugadh an crodh am bainne mana tugadh orra a bhith a' toirt dhachaigh... toirt a-mach feur ùr bhon a' bhaile 's ga thoirt dhan a' bhò dha... mar gum biodh ga brèaghachadh. 'S mana fhaigheadh i feur, cha leigeadh i am bainne. Agus sguir - chan e mise - sguir mo mhàthair. Droch chleachdadh. Agus dheigheadh an crodh an uair sin a bhleoghan agus dheigheadh sinne... bhiodh cead an cois aca. Dh'fhalbhadh iad an uair sin a dh'fhaighinn... far am faigheadh iad feur feadh an fhraoch. Agus dheigheadh sinne an uair sin a-steach dhan an àirigh a dhèanamh ar bracaist. 'S às dèidh sin, dh'fheumadh Seonag a dhol dhachaigh le cuman, leis a' bhainne. Agus bheil fhios agaibh rud a bhiodh aca air beulaibh...? Bheil cuimhn' agaibh cò dheth a bha e dèanta?

IP: 'S e cracann...

SC: 'S e gu dearbh. Cracann, 's e. Cracann caora. Bhiodh iad ga chur... ga chumail ann am...

IP: 'S dè an t-ainm a bh' agaibhse air an rud a bha seo?

SC: Imbhuideal.

IP: Imbhuideal. Sin agaibh e.

SC: Imbhuideal. An e a bh' agaibh?

IP: 'S e.

SC: Imbhuideal, agus sreang cho teann 's a b' urrainn dhaibh, gus nach... agus bhiodh a h-uile càil ga chur ann an cliabh, air an druim ud. Agus cha robh...

IP: Bha seo a-nise... bha sibh a' toir dhachaigh a' bhainne ann an cuman, ach mun deigheadh an cuman air ur druim, bha sibh a' cur an imbhuideal a bha seo air...

SC: Bha, bha. Dh'fheumadh sibh. Dh'fheumadh sibh.

IP: Dh'fheumadh. 'S bha e air a cheangal air uachdar a' chumain le sreang?

SC: Le sreang làidir. Agus chan e... chan ann aon uair idir. Dh'fheumadh sibh a dhol dà uair gus am biodh sibh cinnteach nach spreadhadh... nach sracadh... nach fhosgladh e. Agus bhiodh sinn a' toirt dhachaigh a' bhàrr air deireadh na seachdain, 's a' measradh aig an taigh. Dè an t-ainm a bh' agaibhse air [???]. Siud an rud a bh' againn an toiseach.

IP: Crannachan.

SC: 'S e biota a bh' againn air.

IP: 'S e biota, sin agaibh e.

SC: Bhiodh sinn a' cur a' bhàrr chun a' bhiota. Agus 's e loinid a bh' againn an uair sin, ach fhuair mo mhàthair tè dhen an fheadhainn ùra leis a'... 's bha e tòrr na b' fhasa. Agus chan eil fhios a'm fon ghrian dè man a fhuair i e, ach cheannaich i e co-dhiù. Tha fios a'm air a sin. Leis a' chlò tha mi a' creidsinn, a' chlò mhòr. Agus an dèidh sin... a-nise, càit an robh mi? Ò bha, nise, bhiodh obair ri dhèanamh aig an taigh. Agus na bha ri dhèanamh aig an... bhiodh sinn a' fuine, airson a thoirt a-mach leinn, agus dh'fheumadh sinn a h-uile càil a dh'fheumadh sinn airson ithe, bhiodh sinn ga thoirt... aig deireadh na seachdain airson gun dèanadh e fad na seachdain dhuinn. A bheil mi deiseil?

IP: Chan eil, tha sibh glè mhath.

SC: Agus ann an cuid... anns an t-suidheachadh anns an robh mise, 's e duine mu seach againn.

[Stad sa chlàradh an seo.]

Nuair a dheigheadh sinn dhachaigh, bhiodh mòran ri dhèanamh aig an taigh. Agus a thuilleadh air na bha ri dhèanamh de dh'obair an taigh 's a' chroit, bha againn ri fuine a dhèanamh - aran-flùir agus aran-coirce, agus bha sin còmhla ris na gnothaichean eile. Teatha agus siùcar, agus na rudan beag eile ga thoirt linn anns a' chliabh air ais chun an àirigh airson... na sheasadh an t-seachdain dhuinn. Agus bhiodh... bha uaireannan feadhainn, bhiodh iad a' toirt a-mach slat iasgach 's ga cumail air falach, bhon bha bradan ann an cuid dhe na lochan. Ach na lochan anns nach robh bradan, dh'fhaodadh iad breacach a dhèanamh, agus bhiodh na fireannaich uaireannan a' dèanamh sin. 'S bhiodh iad a' sealg cuideachd, agus bhiodh... dè chanadh sibh riutha... cha robh rud ris an can iad pheasants againn idir. An robh agaibhse? An robh iad agaibhse?

IP: Cha robh.

SC: Cha robh no againn. Ach bhiodh guilbnich, uill sin... bhitheadh... agus sgairbh, 's e sin eun mara, ach bhiodh iad uaireannan a' tighinn air ais, bha sinn a' coiseachd fad air falbh bhon mhuir.

IP: Agus am biodh iad a' marbhadh nan sgarbh agaibhse 's gan ithe?

SC: Uill, anns a' bhaile againne cha bu toigh leotha idir iad, ach an fheadhainn a bha gan cleachdadh bhiodh iad gan tiodhlacadh anns an talamh, airson seachdain, gus am falbhadh blas na mara bhon an fheòil, 's bha iad ag ràdh gun robh iad eagallach math.

IP: Ò, bha iad gan ithe againne, bitheanta.

SC: [?Bha 's ann am] pàirt dhen an t-àite againn.

IP: Ach a bheil fhios agaibh... a bheil fhios agaibh, bha muinntir taobh an iar againne, bheil fhios agaibh, agus ann an cùl na Hearadh ann a shin, agus bha na sgairbh a bh' ann fada air thoiseach air sgairbh a bha timcheall ann an àitichean eile.

SC: A thaobh 's an rud a bha iad ag ithe.

IP: Sin agaibh e.

SC: A thaobh 's an rud a bha iad ag ithe. Bha e a' dèanamh barrachd blas air an t-eun... air an t-eun. Bha.

IP: Ach bhiodh iad a-nise gan dàthadh an dèidh an spìonadh?

SC: Ò bhitheadh. Bhiodh iad a' dèanamh sin air na cearcan cuideachd. Dh'fheumadh iad. Dh'fheumadh iad sin a dhèanamh.

IP: Dh'fheumadh, dìreach. Ach tha mise air a bhith a' cur casg air ur cainnt. Bha sibh a' bruidhinn air...

SC: Chan eil fios agam dè bu choireach nach robh iad ag ithe sgairbh idir. Bhiodh iad ag ithe cuid eile dhe na h-eòin. Eòin an fhraoch. Chan eil cuimhn' a'm ceart...

IP: An robh geòidh ann a shin?

SC: Bha geòidh gu leòr ann, bha. Agus chòcairich mise na mo bheatha anns an eilean dà swan.

IP: Ò, eala.

SC: Eala. Dà eala, a mharbh mo chompanach. Agus bha làn-fhios aige gun robh e an aghaidh an lagh. 'S e eun bòrd an rìgh. Chan eil fhios a'm an-diugh, ach 's e a bh' ann an uair sin.

IP: 'S e dìreach, 's e. Ach cha bu toigh le daoine, ann an gu leòr a dh'àitichean co-dhiù, cha bu toigh leotha a bhith a' marbhadh eala.

SC: Ò tha iad brèagha. Tha iad àlainn.

IP: Cha chuala mise iad am Beàrnaraigh riamh a bhith a' marbhadh nan ealaichean, airson an ithe gu h-àraid.

SC: Cha chuala mi na mo bheatha gu 'n do rinn esan siud. Agus nuair a chuala mi gur e eun bòrd an rìgh a bh' ann, uill thuirt mi rium fhìn: "Bidh e eagallach math." Chòcairich mi iad, 's bha iad...

IP: Ò bhitheadh, tha mi a' creidsinn gum biodh iad...

SC: Agus, nise... tha nise a' tighinn gu... àm an àirigh a' tighinn gu deireadh. Agus 's e oidhche mhòr, mhòr a bh' ann an oidhche na h-imrich. Bhitheadh... cha mhòr nach biodh am baile falamh. A h-uile duine a b' urrainn a dhol ann, bhiodh iad a-muigh air an àirigh. Àirigh... chan e a h-uile h-àirigh, ach àirigh sònraichte. Agus bha mo mhàthair-sa cho làn... bha i cho aighearach 's cho làn dibhearsain 's gun robh an àirigh againne an-còmhnaidh làn. Agus air oidhche na h-imrich ma-thà, air a bha a h-uile càil [???], bha ceòl 's dannsa air a' gheàrraidh. 'S e an geàrraidh a bh' againn air an t-àite air an robh an àirigh air a togail. Bha pàirt dheth rèidh, agus bhiodh dannsa agus am meileòidian ann, agus bhiodh seinn gu leòr, de dh'amhranan àlainn. Tha cuimhneachain eagallach math agamsa air. Agus an rud bho dheireadh a dh'fheumaiste a dhèanamh, an liteir agus an fhraoch a thogail a-mach às an àirigh agus a chur a-muigh pìos air falbh bhon an àirigh 's a losgadh, gus nach... bhon nan deigheadh fhàgail anns an àirigh bhiodh na caoraich a' dol a-steach tron gheamhradh, airson fasgadh, 's bhiodh e salach, 's cha bhiodh e gu feum. Agus bha iad ceart gu leòr an rud a bha iad a' dèanamh

Dhìochuimhnich mi innse dhuibh gum biodh againn ri latha a chur... a' buain na mònach air an àirigh cuideachd, 's bha pailteas dhith ann. Agus bhiodh an-còmhnaidh, nuair a bhiodh oidhche... às dèidh oidhche na h-imrich, bhiodh againn ri coiseachd dhachaigh eadar a sia 's a seachd a mhìltean, 's bhiodh sinn aig an taigh aig còig uairean anns a' mhadainn.

IP: Ò bhitheadh. Ò, bha sibh a' falbh far na h-àirigh tron an oidhche?

SC: Bhitheadh. Bhiodh an latha a' tighinn an uair sin.

IP: Bhitheadh, dìreach. Deireadh an t-samhraidh.

SC: Deireadh an t-samhraidh. Uill, chan ann anns an t-uthar. 'S e an t-uthar a chanas sinne ri July. Agus an ath mhìos a-rithist, uaireannan. Uaireannan aig fìor deireadh an uthair, agus uaireannan aig an ath mhìos. Agus leis a sin... agus an cianalas. Bhiodh an cianalas oirnn a' fàgail an àirigh.

IP: Bhitheadh, tha mi a' creidsinn.

SC: Bhitheadh, bhon bha... a thuilleadh air cho math 's a bha e a bhith air an àirigh, bhiodh iad a' tighinn a chèilidh air a chèile. Seanchas, naidheachdan 's rudan dhen t-seòrsa sin. Cha b' e seanchasan air a dhèanamh suas idir.

IP: Cha b' e.

SC: Cha b' e. Naidheachdan.

IP: Naidheachdan. Rudan a bh' air tachairt.

SC: Rudan thachair an siud no an seo. 'S tha cuimhn' agam mus do... mus robh mise an aois airson a dhol chun an àirigh, thàinig... bha tobhta, you know what I mean? Tobhta na h-àirigh. Leum... rinn... bha bò, a thàinig chun an àirigh, a bhuineadh dhan an teaghlach, agus thòisich i a' sreap an-àirde airson an fheur a bha a' fàs air an tobhta ithe. Nach do thuit i tro mhullach an àirigh, 's bhris i gàirdean a' bhean. Thuit i air muin a' bhean, anns an leabaidh. Dhìochuimhnich mi innse dhuibh mu dheidhinn... mu dheidhinn an àirigh fhèin. Tha an àirigh fèar fad na leapa, ach an fhad ud. Agus sin an fhad aice, agus tha an leud aice beagan nas... tha i beagan nas leathainn na sin. Bhon tha talan aig a' cheann seo, agus siud an leabaidh, 's tha an talan an siud, 's tha àite-teine ann, agus if you please, hobaichean air, air a thogail, far am biodh iad a' cur an coire, 's bhiodh a' phrais 's srabhlaidh gan cumail ann an sin.

IP: 'S e, dìreach. Dè a-nis an t-ainm a bh' agaibhse air an rud air an robh a' phrais crochte?

SC: Srabhlaidh.

IP: Ò, srabhlaidh.

SC: Dè chanas sibhse?

IP: Slabhraidh a chanamaid-ne.

SC: Ò, an e? 'S e an aon rud a th' ann.

IP: 'S e.

SC: Tha mi a' creidsinn gur e sin tha ceart, ge-tà. Ò 's iongantach mana h-e.

IP: Uill, chan eil fhios agamsa, ach tha e glè inntinneach am facal a th' agaibhse.

SC: Srabhlaidh.

IP: Srabhlaidh a chanadh sibhse.

SC: Agus pùlais.

IP: Bùlais. Sin agaibh...

SC: Agus lùbaidh sibh am pùlais mar siud.

IP: Sin agaibh e. Bùlas na praise.

SC: Sheadh. Agus dà chromag airson a' chluais. Airson cluais na prais. Mar siud, 's mar siud. Agus nuair a bhiodh sibh deiseil, dhùineadh sibh iad.

IP: Dhùineadh, dìreach.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math