Taighean-tughaidh.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1972.226.A2-B1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Taighean-tughaidh.
Bhite a' cur nan ceanglaichean an sàs an toiseach. Bha iad air an dèanamh le giuthas-puill a bhathar a' lorg sa mhòine. Bhite gan cur ri chèile le pineachan daraich. 'S e sgrathan a bhathar a' cleachdadh airson mullach an taighe, le fraoch 's muran air a' mhuin. Bha am balla a-staigh air a dhèanamh le fàl, suas gu bràigh a' bhalla. Bhite a' còmhdach taobh a-muigh an taighe le aol a bhathar a' dèanamh le coileagan 's feusganan.
B' e dorsan cleithe a bha anns na taighean; bhathar gan dèanamh le sìoman-fhiadhag. Bhite cuideachd a' dèanamh snòdan airson lìon-beag leis an t-sìoman-fhiadhag. Bhite a' dèanamh similear-crochaidh le frèam air an robhar a' cur fodar 's crèadh.
Cunntas air na leanas: àite-teine; làr; leabaidh-dhùinte; cluasag; talan.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Cataibh
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Cataibh
Paraiste - Ceann Tàile
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math