spacer
spacer

Cleachdaidhean tiodhlacaidh ann an Uibhist a Tuath.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Cleachdaidhean tiodhlacaidh ann an Uibhist a Tuath.
Fiosraichean - Aonghas MacCoinnich
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

Geàrr-chunntas - Cleachdaidhean tiodhlacaidh ann an Uibhist a Tuath.

Aig aon àm bhite a' giùlan na ciste-laighe air chois ach thòisich iad an uair sin a' cleachdadh each 's cairt. Bhite a' cur mhaidean seachad mullach na cairteach agus bhiodh a' chiste air muin sin. Bhiodh fear dhen teaghlach sa chairt còmhla ris an fhear a bha an ceann na cairteach. Bhiodh na càirdean a' leantainn na cairteach air eich. Chunnaic am fiosraiche uiread ri dà fhichead pònaidh a' leantainn giùlan.

Às an dèidh uile bhiodh cairt na cosgais le biadh agus deoch a bhiodh iad a' gabhail aig a' chladh. Tha am fiosraiche a' toirt fiosrachadh mionaideach air mar a bhiodh iad a' roinn na cosgais an dèidh suidhe sìos taobh a-muigh gàrradh a' chladh. B' e briosgaidean 's càise agus uisge-beatha a bhiodh iad a' gabhail.

An dèidh a' Chiad Chogaidh chaidh athchuinge mun cuairt na sgìre airson stad a chur air a bhith ag òl uisge-bheatha aig cosgais seach gun robh e a' cur theaghlaichean bochda ann am fiachan. Lean an cleachdadh airson greis, gu h-àraidh airson giùlan a bhiodh a' tighinn air astar.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:14:54
Àm Clàraidh - 1977.04
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 70130
Àireamh an Teip Thùsail - SA1977.058
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1977.58.A1
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Tuath
  Eilean - Uibhist a Tuath

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/70130/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA