Rannsaich

Cleachdaidhean tiodhlacaidh ann an Uibhist a Tuath.

Ceann-latha April 1977
Àireamh a’ chlàir 70130
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1977.58.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1977.058

Geàrr-chunntas

Cleachdaidhean tiodhlacaidh ann an Uibhist a Tuath.

Aig aon àm bhite a' giùlan na ciste-laighe air chois ach thòisich iad an uair sin a' cleachdadh each 's cairt. Bhite a' cur mhaidean seachad mullach na cairteach agus bhiodh a' chiste air muin sin. Bhiodh fear dhen teaghlach sa chairt còmhla ris an fhear a bha an ceann na cairteach. Bhiodh na càirdean a' leantainn na cairteach air eich. Chunnaic am fiosraiche uiread ri dà fhichead pònaidh a' leantainn giùlan.

Às an dèidh uile bhiodh cairt na cosgais le biadh agus deoch a bhiodh iad a' gabhail aig a' chladh. Tha am fiosraiche a' toirt fiosrachadh mionaideach air mar a bhiodh iad a' roinn na cosgais an dèidh suidhe sìos taobh a-muigh gàrradh a' chladh. B' e briosgaidean 's càise agus uisge-beatha a bhiodh iad a' gabhail.

An dèidh a' Chiad Chogaidh chaidh athchuinge mun cuairt na sgìre airson stad a chur air a bhith ag òl uisge-bheatha aig cosgais seach gun robh e a' cur theaghlaichean bochda ann am fiachan. Lean an cleachdadh airson greis, gu h-àraidh airson giùlan a bhiodh a' tighinn air astar.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math