Rannsaich

Mar a thòisich am fiosraiche air pìobaireachd.

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 1977
Àireamh a’ chlàir 70472
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1977.068

Àireamh an Teip Thùsail

SA1977.068

Geàrr-chunntas

Mar a thòisich am fiosraiche air pìobaireachd.

'S e Ruairidh Nìll Sheumais, à Barraigh, a b' athair dhan fhiosraiche. 'S e pìobaire a bh' ann agus bha e anns an t-seann mhailisidh agus anns a' Chiad Chogadh. 'S e a thòisich am fiosraiche air pìobaireachd agus e mu naoi bliadhna a dh'aois, agus 's e a' phìob aigesan a bhios e a' cluich fhathast [ann an 1977]. Chaidh am fiosraiche gu Màidsear na Pìoba Iain Dòmhnallach à Inbhir Nis agus dh'ionnsaich e ceòl mòr.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Mòrag NicLeòid (MN): An innsibh dhomh a-rithist cò ur n-athair?

Niall Aonghas MacDhòmhnaill (NAM): B' e m' athair Ruairidh Nìll Sheumais, à Barraigh. Agus 's e pìobaire a bh' ann. 'S bha e san t-seann mhailisidh, agus bha e cuideachd anns a' Chiad Chogadh. Agus 's e a' phìob aige a tha mise a' seinn fhathast.

MN: 'S tha... an e esan a thòisich sibh air pìobaireachd?

NAM: 'S e, 's e. Agus... agus... cha robh e... cha robh e a' seinn ceòl mòr ro thric. Bha dhà no trì aige, ach bha e math air na ruidhleachan 's air... air a' cheòl bheag. Agus chaidh mi an sin gu... gu Iain MacDhòmhnaill, Pipe Major John MacDonald, à Inbhir Nis. Agus 's e esan a thug dhomh an ceòl mòr. 'S e.

MN: Agus an robh meas mòr aig ur n-athair air a' cheòl mhòr?

NAM: Ò bha, b' fhìor thoigh leis e. Tha cuimhn' agam an Dòmhnallach a bhith a-staigh againn ann am Bàgh a' Chaisteil, 's cha robh mise nam bhalach... ach nam bhalach an uair sin. Agus sheinn e an ceòl mòr, Màl an Rìgh. Agus mar bha m' athair ag ràdh gur e sin an ceòl mòr a bu docha leis.

MN: Sheadh. Ach an robh e... an robh e a' smaoineachadh gun robh ceòl mòr nas fheàrr na...?

NAM: Ò bha.

MN: Bha e a' miannachadh gun cluicheadh e sin.

NAM: Bha, bha, bha.

MN: Agus dè an aois aig an robh sibh ag ionnsachadh? Cuin a thòisich sibh ag ionnsachadh?

NAM: Ò, thòisich mi nuair a bha mi nam chnapach dìreach, ò, eadar naoi bliadhna no a leithid sin. Ach... ach mun deach mi dhan sgoil bha na puirt agam. Agus bhithinn ag èisteachd rim athair agus bhiodh bruis agam air mo ghualainn, agus bhithinn a' dol a-null a dh'ionnsaigh greusaiche, Dòmhnall Cuagach a chanamaid ris, agus bhithinn a' spaistearachd air n-ais 's air n-aghaidh leis a' bhruis, agus sin agaibh e. 'S bha e a' còrdadh ri Dòmhnall glè mhath. Agus bhithinn a' tiunaigeadh na bruise cuideachd - ga gleusadh, ga gleusadh. Bhitheadh. Bhitheadh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math