Rannsaich

Caidil a Mhòrag, Caidil a Mhàireag

Luchd-clàraidh
Ceann-latha June 1956
Àireamh a’ chlàir 70669
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1956.56.B6a

Àireamh an Teip Thùsail

SA1956.056

Geàrr-chunntas

'S e tàladh beag goirid a tha seo. Tha crodh aig an tè a rinn e.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Seo a-nise dà phort tàlaidh goirid. Caidil a Mhòrag, caidil a Mhàireag.

Caidil a Mhòrag, caidil a Mhàireag
Caidil a Mhòrag hù ill òro
'S mòr mo chrodh-laoigh air an àirigh
Caidil a Mhòrag, caidil a Mhàireag

Caidil a Mhòrag, caidil a Mhàireag
Caidil a Mhòrag gheibh thu nad phòca
Airgead an agh dhuinn 's na làire
Caidil a Mhòrag, caidil a Mhàireag

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math