Fichead seanfhacal, le mìneachadh air corra fhear dhiubh:
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1956.57.A1(98-117)
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Fichead seanfhacal, le mìneachadh air corra fhear dhiubh:
Cha do smaoinich an t-olc nach do rinn an t-olc.
Ultach teine cuid fir eile.
An rud nach gabh na coin, thoir do dh'eun odhar e.
Cha b' fheàrr an-asgaidh e.
Is beag an rud a thoilicheas clann.
Chan eil deur air an t-sùil ged a tha an cù a' caoineadh.
Am fear a gheibh bean gheibh e buaireadh.
Cas a' falbh 's cas a' fuireach.
Mol gach neach mar a gheibh thu e.
Cha bhi iomall air cuid a' chait.
Cha tig aon rud gun dà rud.
Tha eagal aig a' bheò ron mhairbh.
Chan ioghnadh cèir na cluaise a bhith searbh; is ioma rud searbh a tha i a' cluinntinn.
Na spìon feusag fir nach aithne dhut.
Cha tig fuachd gus an tig earrach.
Dihaoine an aghaidh na seachdain.
Cha làidire duine na nàdar.
An-diugh Diciadain, thriall an t-seachdain.
Am fear a cheanglas 's e a shiùbhlas.
An Samhradh, an Geamhradh gu Nollaig.
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - An t-Eilean Sgitheanach
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math