Rannsaich

An sgeulachd aig Seasaidh Bhaile Raghnaill,

Ceann-latha April 1977
Àireamh a’ chlàir 71830
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1977.52.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1977.052

Geàrr-chunntas

An sgeulachd aig Seasaidh Bhaile Raghnaill,

Bha fearann aig Fear Bhaile Raghnaill anns an Eilean Sgitheanach. Bha nighean aige, Seasaidh, a bha air leth brèagha agus bha i a' dèanamh suas le Sgitheanach ris an cante am Bàillidh Beag. Shaoil Baile Raghnaill nach robh esan math gu leòr dhi agus thug e air ais i a dh'Uibhist. Chuir e air dòigh gum pòsadh i am bàillidh Sasannach aige. Air oidhche an rèitich thàinig am Bàillidh Beag le sgioba ann an sgoth agus thug iad Seasaidh air falbh leotha. Dh'fhàs an t-sìde dona agus b' fheudar dhaibh dèanamh air Ròdal anns na Hearadh. Bha bràthair athair Sheasaidh an sin, agus ghlas e suas i anns an taigh. Dh'fhalbh am Bàillidh Beag ach thill e le sgioba mòr às an Eilean Sgitheanach. Bha sabaid ann, ach fhuair iad Seasaidh air falbh. Theich iad gu tìr-mòr agus à sin chaidh iad a-null thairis.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Seasaidh Bhaile Raghnaill

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math