Rannsaich

Fiosrachadh mu dheidhinn Amy NicRuairidh.

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 71867
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1952.143.2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1952.142.145

Geàrr-chunntas

Fiosrachadh mu dheidhinn Amy NicRuairidh.

Fiosrachadh mu dheidhinn Amy NicRuairidh, a thug manaich agus mnathan-cràbhaidh a dh'Uibhist an toiseach agus a thog Caisteal Tioram ann am Mùideart. Fiosrachadh mu a sliochd agus sinnsearachd Chlann Dòmhnaill agus Chlann Ruairidh. Thog Amy Caisteal Bhuirgh agus eaglaisean sna h-Eileanan. Beagan còmhradh mun Rìgh Seumas.

Neach/Cuspair a' Chlàir

NicRuairidh, Amy; MacRuairi, Amy

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Agus a-niste, bha seann naidheachd aca gur ann an oidhche sin a chaidh Caisteal Ormacleit na teine.

Dòmhnall Mac an t-Saoir (DM): Chuala mi sin.

CM: Niste, ciamar bha sin?

DM: Nach cuala mi sin. Fhios agad, gun robh... gun robh seanfhacal aca ann an Uibhist gun cuireadh... gun rachadh cailleach nam mogan fhathast gu ruige Baile nan Cailleach. 'S e Amy NicRuairidh a thug na manaich agus an creideamh againne, Amy NicRuairidh, 's i a thug an creideamh againne dhan dùthaich againne an toiseach. 'S e sin a' bhean a bh' aig Eòin Ìleach, Amy NicRuairidh. Agus 's e ise a-nist... bha i pòsta aig Eòin, Eòin fear a chanadh... canaidh iad Eòin... 's e... 's e... 's e esan a chuir e a-mach mòran airgid airson Paisley Abbey ann a sheo.

Nist, Amy NicRuairidh, dhivorce e i airson nighean Robert the Second, no na Stiùbhartaich a phòsadh na h-àite. Tha fhios agad fhèin air a sin, a Chaluim. Thug e dhi divorce, agus 's ann uile-gu-leir... chan eil fhios a'm an e gràin a bh' aige air a' Ghàidhealtachd ach 's e sannt a bh' aige air a bhith mòr co-dhiù, nuair a chuir e bhuaithe a bhean airson bean an rìgh... nighean an rìgh a phòsadh. Phòs e i co-dhiù.

Uill a-nist, 's e sin a-nist am boireannach a thug... a thug na... na manaich agus na mnathan-cràbhaich - 's e a chanas sinn riutha - gu ruige Uibhist an toiseach. Amy NicRuairidh. Agus 's i... 's i ise a thog an Caisteal Tioram. 'S e ise a thog an Caisteal Tioram a bh' ann am Mùideart, agus... a rinn... a rinn na... na... cheann-suidhe dhan... do Chlann Raghnaill nan Garbh-chrìochan i. Agus 's e a mac... a mac... dè a chanas mi ris a-rithist ach Goraidh - 's e a bh' againne air co-dhiù - Goraidh a dhiùlt a bhith fo làimh Dhòmhnaill Dhuibh. 'S e Dòmhnall Dubh a' chiad mhac a bh' aig Eòin, Eòin Ìleach, o bhean... o phiuthar an rìgh... no o nighean an rìgh. Dhiùlt... thuirt Goraidh...

Ò Dhia tha mi duilich a Chaluim...

CM: Seadh, seadh.

DM: Thuirt Goraidh, mac nighean Amy:

"Cha... cha tèid mi fo làimh fear sam bith," ars esan. "Carson a thèid mi fo làimh fear sam bith, agus oighreachdan m' athar agam 's mo mhàthar agam."

'S dhiùlt e a dhol ann.

Uill a-niste, tha mi... tha mi... tha mi a' dol a thoirt... tha mi a' dol a thoirt seo an aghaidh Chlann Raghnaill. 'S e Raghnall bràthair a b' òige na e, a leag e fhèin sìos ri bhith fo chasan Dhòmhnaill Dhuibh, 's gun gabhadh e na h-eileanan. 'S ann on fhear sin, am fear ris an canadh iad Raghnall, a thàinig Clann Raghnaill nan Eileanan. Ach Goraidh, chaidh a chrochadh ann an Inbhir Nis. Chaidh Alasdair Mòr mac Ghoraidh a chrochadh ann an Inbhir Nis aig James the First of Scotland, a chionn 's gun do sheas e a-mach 's gun tuirt e:

"'S leamsa an oighreachd. 'S ann le mo mhàthair a bha i romham. 'S ann le a h-athair fhèin a bha i roimhe sin 's carson a bhithinn... carson a ghabhainn i ann an [?deòntas] o dhuine sam bith, 's gur ann leinn fhìn a bha i co-dhiù."

Boireannach neo-ainmichte: Dhòmhnaill, fan sàmhach.

CM: Agus a-niste, Alasdair a bha siud, an ann... an ann bhuaithesan a thàinig Clann 'ic Alasdair?

DM: Chan ann, chan ann.

CM: Ann an Inbhir Gharadh.

DM: 'S ann a tha seo... 's ann a tha seo Clann MhicRuairidh, Alasdair Mòr MacRuairidh. 'S e Alasdair Mòr mac Goraidh a chanamaid-ne ris. 'S ann a bha seo Clann Ruairidh, 's e Clann Ruairidh a chanadh iad riutha air fad. 'S e Amy NicRuairidh, Clann Ruairidh a bh' annta uile an uair ud. Cha robh guth air... 's ann o Dhòmhnall Dubh Arla a thàinig Clann Dòmhnaill, tha fhios agad, Dòmhnall Dubh à Arla. Cha robh guth air... sìol Chuinn a bh' annta an uair ud. Sìol Chuinn a bh' annta air fad an uair ud, a h-uile h-aonan dhen fhreumh aige thàinig riamh à Èirinn, à Connacht. Connacht. Sin a bhiodh iad ag ràdh riutha. Sìol Chuinn a bha e a' ciallachadh.

CM: Seadh. Sìol Chuinn.

DM: Cha robh guth air Clann Dòmhnaill an uair ud - 's e clan, Sìol Chuinn a chanadh iad riutha. 'S e Clann Ruairidh a chanadh iad airson 's e Ruairidh a bh' air... 's ann à Arainn a thàinig iad an toiseach nuair a thàinig iad dhan dùthaich againne. À Arainn a thàinig iad. 'S e Arainn 's Earra-Ghàidheal a bh' aig Clann Ruairidh. Nist, 's e Amy NicRuairidh, 's e ise a thog an caisteal sin a chì thu na ruins aige, no a' mhainnearach aige mar a chanas sinne ann am Beinn a' Bhadhla cuideachd. Borve Castle, 's e ise a thog e cuideachd. Amy NicRuairidh a thog sin.

CM: 'S i ise a thog e, an i?

DM: 'S i ise a thog e. Agus 's i a thog Eaglais na Trianaid anns a' cheann a tuath.

CM: Anns a' cheann a tuath, seadh.

DM: Seadh. 'S a h-uile h-eaglais, faodaidh tu a ràdh, a tha againn, 's a h-uile nunnery 's a h-uile Baile nan Cailleach 's Baile... Baile a' Mhanaich, 's Baile nam... Buaile nam Bodach, 's e a chanas iad ris ann am Barraigh. Sin Amy NicRuairidh. 'S ann bhuaipese a thàinig Clann Raghnaill.

CM: Dìreach, dìreach. Seadh.

DM: 'S ann bhuaipese a thàinig Clann Raghnaill. Cha b' ann... cha b' ann on mhac bu shine aice a thàinig iad, ge-tà. Chaidh am mac bu shine a bh' aice a chrochadh ann an Inbhir Nis.

CM: Seadh.

DM: Chroch James the Second e, no James the First of Scotland e. 'S ann nuair a thàinig e on fhear nach robh... nach robh duinealas ann, am fear a ghabh ri riaghaltas Shasainn, co-dhiù an e an diplomat a chanas tu ris no an e... 's e treacherous 'b' a chanas mise ris. A bheil thu gam thuigsinn, a Chaluim?

CM: Seadh. Glè math, a-niste. Tha sin math.

DM: Sheas... sheas... sheas Goraidh chun a' bhàis, 's bha e air a chrochadh air a shon. Carson a bhitheamaid-ne fo chasan duine sam bith. Carson a... carson a ghabhamaid second place do... duine a chruthaicheadh Dia na bha fon a... nach eil sinn fhìn first class, a h-uile duine againn. Carson a bhitheamaid ann an second place ri duine sam bith?

CM: Sin agaibh e. Seadh, uill, uill tha an tè seo gu bhith deiseil cuideachd a-niste agus...

[Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math