Mar a thog Dòmhnall Mòr mac na Banntraich an gunna-mòr.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1977.54.A2
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Mar a thog Dòmhnall Mòr mac na Banntraich an gunna-mòr.
Bho chionn fhada bhiodh uachdarain às na h-eileanan a' dol a Dhùn Èideann aison cìsean a phàigheadh, agus bhiodh feadhainn a' tighinn à Sasainn airson an cruinneachadh. Bha aon Sasannach ann aig an robh searbhanta a b' urrainn gunna-mòr anns an robh leth-tunna de chuideam a thogail. Rinn MacLeòid geall gum faigheadh e duine anns na h-eileanan a dhèanadh an aon rud. Chuala e mu fhear ann an Griomasaigh, Dòmhnall Mòr mac na Banntraich, a bha làidir. Bha e suas air maorach, buntàta agus bainne, ach thug MacLeòid gu Dùn Bheagain e far an d' fhuair e am biadh a b' fheàrr. Cha robh sin a' tighinn ris, agus bha e a' call a lùths gus an deach e air ais air a' bhiadh air an robh e eòlach. Chaidh iad gu Dùn Èideann agus chaidh Dòmhnall a-mach leis fhèin aon oidhche feuch an togadh e an gunna-mòr. Rinn e sin, agus chuir e clachan na bhroinn 's thog e a-rithist e. An ath latha cha b' urrainn don t-Sasannach an gunna a thogail idir, ach thog Dòmhnall e gun strì. Fhuair MacLeòid an t-airgead aige, ach cha d' fhuair Dòmhnall sgillinn. Nuair a chuala a mhàthair thuirt i, "MacLeòid 's an t-airgead!"
Neach/Cuspair a' Chlàir
Dòmhnall Mòr mac na Banntraich
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math