Rannsaich

Seonaidh Roidein: fiosrachadh mu a bheatha.

Ceann-latha August 1982
Àireamh a’ chlàir 72169
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1982.144

Àireamh an Teip Thùsail

SA1982.144

Geàrr-chunntas

Seonaidh Roidein: fiosrachadh mu a bheatha.

Tha Seonaidh Roidein ag innse mu a bheatha fhèin. Rugadh e ann an 1898 ann an taigh-tughaidh ann an Dalabrog. Bha athair na dheagh phìobaire agus na dheagh dhannsair. Ann an 1913 thug caraid dha dhan arm e. Chaidh e a dh'Inbhir Nis. 'S e not a' chiad phàigheadh a fhuair e agus chuir e dhachaigh gu a mhàthair e. 'S e màidsear-pìoba Iain Dòmhnallach a bha air ceann nam pìobairean agus dh'ionnsaich e mòran bhuaithe. Thill e air ais dhachaigh ann an 1914 agus rinn e fìor mhath aig Geamachan ann an Dalabrog.

Chaidh a thogail dhan chogadh ann an 1917 agus chuireadh dhan Fhraing e. Tha e a' toirt iomradh air àm san Fhraing agus sa Bheilg. Bha e aig Batal Arras far an d' fhuair e beagan mustard gas, ach fhuair e tron chogadh gu slàn sàbhailte.

An uair sin thill e air ais a dh'Uibhist. Cha robh obair ri faotainn ach aon latha thàinig am poileasman an Loch Baghasdail far an robh e is dh'fhaighnich e dha am bu toigh leis a bhith na phoileasman. Sin mar a chaidh e gu Poileas Ghlaschu, far an do chuir e seachad 38 bliadhna. Fhuair e a' chiad àrdachadh ann an dreuchd a' phoileis ann an 1932 agus ann an 1942 rinneadh Inspector dheth. 'S ann am Baile a' Ghobhainn a bha e ag obair agus chòrd sin gu mòr ris oir bha an t-àite làn Ghàidheal. Bha e na mhàidsear-pìoba air Còmhlan Pìoba Phoileas Ghlaschu airson 25 bliadhna agus bhuannaich iad am prìomh dhuais mar chòmhlan as fheàrr san t-saoghal naoi tursan san àm sin.

Ann an 1948 leig e dheth a dhreuchd agus thill e a dh'Uibhist. Tha e a' toirt beachd air stoidhle pìobaireachd Uibhist agus buaidh na Gàidhlig air, agus stoidhle pìobairean an airm. The e cuideachd a' toirt iomradh air mar a bha màidsear-pìoba Iain Dòmhnallach uabhasach tinn agus mar a fhuair esan leigheas dha aig dotair a b' aithne dha.

Notaichean a' Chlàir

The contributor says he retired in 1948; it was actually 1958.

Neach/Cuspair a' Chlàir

MacDonald, John [Seonaidh Roidein]

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math