Rannsaich

Am blàr mu dheireadh a chaidh a chur ann an Colbhasa eadar C...

Ceann-latha 03 August 1953
Àireamh a’ chlàir 7574
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.124.6

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.124

Geàrr-chunntas

Am blàr mu dheireadh a chaidh a chur ann an Colbhasa eadar Clann Illeathain agus Clann Mhic a' Phì.

B' e Blàr an Dèabhaidh am blàr mu dheireadh ann an Colbhasa, eadar Clann Mhic a' Phì agus Clann Illeathain Loch Buidhe. Bha Clann Illeathain ann an Colbhasa a' buain arbhair agus nuair a bha Mac a' Phì a' dol seachad orra gheàrr e an làmh far fear dhiubh le claidheamh. Ghabh Clann Illeathain dìoghaltas air aig Blàr an Dèabhaidh. B' e Clann MhicIlleMhaoil a bha ann am Baile na h-Àirde aig ann àm agus thàinig sia deug dhiubh a shabaid - ochd sa mhadainn is ochd feasgar. Mharbhadh a h-uile duine a thàinig sa mhadainn agus bha am blàr seachad nuair a ràinig an fheadhainn eile. Rinn seo sgaradh ann an Clann MhicIlleMhaoil. Bha iad ann an dà roinn: Clann MhicIlleMhaoil Mhoch agus Clann MhicIlleMhaoil Anmoch. Thog iad càrn ann am Bealach na h-Àirde agus rachadh an fheadhainn mhoch air aon taobh dheth is an fheadhainn anmoch air an taobh eile.

Chaill Clann Illeathain am blàr gu dona. Bha aon duine ann, Calum Caol MacMhuirich, a bha tinn le fiabhras, ach nuair a chuala e gun robh am blàr a' dol an aghaidh fir Cholbhasa ghabh e dhan bhlàr. Mharbh e ochd de Chlann Illeathain a bha air teicheadh ann an Glaic a' Mhuirt.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Colbhsaigh is Orasa

Eilean - Colbhasa

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math