Mar a chuir Nighean Dualachain seun air Niall Mabach gus a d...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1953.183.2
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Mar a chuir Nighean Dualachain seun air Niall Mabach gus a dhìon ann an cogadh.
'S e Nighean Dualachain boireannach a bh' ann an Sgìre an t-Sratha iomadach bliadhna bhuaithe. Bha buadhan iongantach aice. B' urrainn dhi seun a chur air duine gus nach goirticheadh e. Rinn i seo uair dha fear ris an canadh iad Niall Mabach, Niall MacAonghais, mus deach e dhan arm. Nuair a bha e a' sabaid an aghaidh nam Frangach ann an Cogadh Bhonaparte, cha do dh'èirich càil dha. Aon uair, bha dìth bidhe air na Breatannaich. Chaidh Niall a-null is ghoid e ceathramh mairt bho na Frangaich. Air an t-slighe air ais dhan champ aige fhèin, thòisich na Frangaich a' losgadh air. Fhuair e air ais sàbhailte, ach cha robh càil air fhàgail dhen cheathramh ach an cnàimh mòr. Bha e iomadach bliadhna san arm agus cha do dh'èirich càil dha.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Niall Mabach
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - An Srath
Eilean - An t-Eilean Sgitheanach
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
B' ann anns... ann an Àird an t-Sratha, gille òg ris an canadh iad Niall Mabach - Niall MacAonghais - agus ghabh e anns an arm ge b' oil le... le athair 's le mhàthair, agus cha robh e fada gus an robh e mu choinneamh nam Frangach, 's e ann an Cogadh Bhonaparte.
Tha e air innse, agus iad... mar a chanas iad an-diugh anns na trainnseachan, gun tigeadh... a h-uile h-uair a thigeadh làdach bho na Frangaich agus a thilgeadh i srad anns an talamh timcheall air Niall agus a leagail sìos an fheadhainn a bh' air gacha taobh dheth, gur ann a chanadh esan: "Mo bheannachd ort fhèin, Nighean Dualachain."
Agus latha sònraichte, bha na Breatannaich air dhroch dhòigh a thaobh biadh, agus mun coinneamh bha campa nam Frangach a' deasachadh biadh agus a choltas orra gun robh am pailteas aca. Leum Niall Mabach a-mach às an trainnse leis fhèin, agus an gunna air a ghualann. Ghabh e a-null dìreach far an robh na Frangaich, agus bha iad ann a shin a' ròsladh ceathramh mairt air an teine. Stob e a bheugaileid anns an fheòil agus thilg e air a ghualann i, agus thòisich e air coiseachd air ais gun a' champa aca fhèin. Ach ma thòisich, thòisich na Frangaich air losgadh air, agus dh'fhalbhadh caob dhen fheòil an siud 's an seo, ach cha robh a leithid a' bualadh ann an Niall.
Ràinig e gu sàbhailte an t-àite a dh'fhàg e, ach ma ràinig, cha mhòr a bh' aige air a shon. Cha robh mòran aige ach an cnàimh mòr dhen a... dhen a' cheathramh a chuir e air a ghualann aig campa nam Frangach.
Chuir Niall seachad iomadh bliadhna anns an arm an dèidh sin, fad cogadh Bhonaparte uile-gu-lèir, agus cha d' fhuair e dochann sam bith. Thàinig e dhachaigh sàbhailte na... a dh'Àird an t-Sratha, far an do... an t-àite a dh'fhàg e, agus tha e uile-gu-lèir a' toirt an cliù airson sin do Nighean Dualachain agus an t-seun a chuir i air mus do dh'fhalbh e an toiseach.
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math