Iain Breac Chalbhaigh

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 77841
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.054.B3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.054

Geàrr-chunntas

Iain Breac Chalbhaigh.

Bha Iain Breac Chalbhaigh a' fuireach ann an caisteal air eilean ann an Loch Baghasdail, far a bheil an taigh-solais a-nis, agus b' e spuinneadair a bh' ann. Chithear fhathast tobhta a' chaisteil. Ghoid Iain Breac nighean à Beinn a' Bhadhla. Thug muinntir Bheinn a' Bhadhla ionnsaigh air agus chuir iad teine ris a' chaisteal. Shnàmh e thar a' chaolais. Fhuair e dhan bheinn deas air Calbhaigh. Aon latha, fhuair boireannach na chadal e air taobh cnuic. Fhuair i clach agus mharbh i e. 'S e Bealach Iain a thugadh air an àite far an deach a mharbhadh.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Iain Breac Chalbhaigh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Calbhaigh

Paraiste - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Agus, ò, bha naidheachd eile a bha sibh ag innse dhomh air Iain Breac Chalbhaigh. Saoil an innis sibh i sin dhomh?

Eairdsidh Rothach (ER): Uill, cha robh... chan eil i agam dòigheil, ach... Tha eilean againn ann a sheo am beul Loch Baghasdail, Calbhaigh a th' air. Agus 's ann air a tha an taigh-solais airson bhàtaichean a bhios a' tighinn a-staigh a Loch Baghasdail.

Bha caisteal air, agus an caisteal a tha sin, tha pìos math dheth suas fhathast. 'S ann aig Breac... Iain Breac Chalbhaigh, 's e a bha a' fuireach anns a' chaisteal. Agus tha mi a' tuigsinn, a rèir na h-eachdraidh, nach robh ann ach duine doirbh, a' goid 's a' robaigeadh 's a h-uile sìon a gheibheadh e a thoirt dhan chaisteal mar a bha mòran. Tha mi cinnteach gur e sin an seòrsa dhaoine a bh' anns a h-uile seann chaisteal a chì sinn air... an àiteachan an seo. Ach co-dhiù, chan esan fear a b' fheàrr dhiubh, Iain Breac. Agus 's e a' chrìoch, tha mi a' tuigsinn, a chaidh air, ghoid e leis nighean à Beinn a' Bhadhla, agus thug e gu... dhan chaisteal Chalbhaigh i.

Bha i treis air chall air muinntir Bheinn a' Bhadhla co-dhiù, agus fhuair iad an sin a-mach gur esan a thug leis i. Agus chruinnich iad, thàinig iad à Beinn a' Bhadhla 's fhuair iad bàta 's chaidh iad gu ruige Calbhaigh feuch am faigheadh iad grèim air, tha mi cinnteach gur ann airson a mharbhadh, 's airson feuch am faigheadh iad an nighean beò co-dhiù. Agus ghlas e e fhèin suas anns a' chaisteal a bha sin, agus cha robh fios aca dè mar a gheibheadh iad thuige. Ach chruinnich iad mòran, mòran, mòran de fhraoch 's chuir iad teine ris feuch an tachdadh iad e no am faigheadh iad a shioftadh a-mach.

Uill, theich e an uair sin agus shnàmh e tarsainn a' chaolais a th' ann a shin, eadar Calbhaigh agus tìr-mòr. Chan eil an caolas ach caol co-dhiù. Rachadh aige air a shnàmh furasta gu leòr. Fhuair e a-nis a-null dhan bheinn a tha deas air Calbhaigh agus bha e ann a shin. Cha robh e a' tighinn air n-ais bhon a dh'fhalbh iadsan co-dhiù.

Ach an latha a bha seo, latha samhraidh a bh' ann, thuit e na chadal aig taobh cnuic ann a shin. Uill, bha boireannach a-muigh air feadh na beinne a' coimhead às dèidh chaorach no rudeigin dhen t-seòrsa sin, 's chunnaic i na chadal e. 'S bha ise i fhèin airson nam b' urrainn dhi a mharbhadh. Bha a h-uile duine ga ruith. Ach co-dhiù, on a fhuair i cothrom air, fhuair i cnap de chloich mhòir, tha mi cinnteach clach co-dhiù a b' urrainn dhi a thogail, agus bhuail i air anns a' cheann e, agus 's e sin crìoch a chaidh air Iain Breac.

Agus tha bealach an sin anns a' bheinn a deas aig Loch Baghasdail an seo, tha e... 's e Bealach Iain a th' aca air. Tha mi cinnteach gur ann às dèidh Iain Breac a thug iad Bealach Iain air. Sin far an tàinig a' chrìoch air, mar a chuala mise co-dhiù.

DE: Seadh, gu dearbh. Agus cò aige a chuala sibh an naidheachd, a bheil cuimhne agaibh?

ER: Ò, chan eil, ach... chuala mi aig cus dhaoine mar a tha i agam fhìn. Ach tha mi a' creidsinn gu bheil mòran eachdraidh eile nach cuala mi a-nis idir, fhios agaibh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math