Lachlann Mòr Dhubhaird agus Blàr Tràigh Ghruinneart.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
PN1968.011
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Lachlann Mòr Dhubhaird agus Blàr Tràigh Ghruinneart.
Ann an 1598, bha Lachlann Mòr Dhubhaird airson sealbh a ghabhail air fearann Ìle. Chomhairlich a' bhean-chomhairle aige (An Doideag Mhuileach) dha trì nithean a sheachnadh, agus gun a bhratach a thogail air àite air an robh Cnoc nan Aighean. Gu mì-fhortanach, cha do ghabh e a' chomhairle, agus mu dheireadh chaidh a mharbhadh le fear dam b' ainm an Dubh-sìth. Chaill na Leathanaich am misneachd 's theich iad. Aig a' cheann thall, chaidh iad uile, ach aon duine a-mhàin, a losgadh gu bàs am broinn eaglais.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Lachlann Mòr Dhubhaird; An Dubh-sìth; An Doideag Mhuileach
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
Paraiste - Cill Chomain
Eilean - Ìle
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math