Rannsaich

Cha Bhàs le Fuachd Fhuair Mo Dhuine-sa

Ceann-latha 1963
Àireamh a’ chlàir 78827
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.57.B7

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.057

Geàrr-chunntas

'S e òran goirid no port-à-beul a tha seo anns a bheil tè ag ràdh nach ann le fuachd a bhàsaich an duine aice. Bha còta mòr ùr agus seann chòta aige.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

('S) Cha bhàs le fuachd fhuair mo dhuine-sa.
Cha bhàs le fuachd 's an clò gun luadh,
Cha bhàs le fuachd fhuair mo dhuine-sa.

Tha còta mòr ùr 's còta mòr eil' aige,
'S tha seann chòta mòr, mòr a-staigh aige.
Tha còta mòr ùr 's còta mòr eil' aige,
'S tha seann chòta, mòr, mòr eil' aige.

Cha bhàs le fuachd fhuair mo dhuine-sa.
Cha bhàs le fuachd 's an clò gun luadh,
Cha bhàs le fuachd fhuair mo dhuine-sa.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math