Rannsaich

MacLeòid Dhùn Bheagain air a riochdachadh le muillear cam an...

Ceann-latha 17 June 1958
Àireamh a’ chlàir 79015
Pàirt 1
Pàirt 2
Pàirt 3

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1958.30+31.1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1958.030

Geàrr-chunntas

MacLeòid Dhùn Bheagain air a riochdachadh le muillear cam ann an geall.

Sgeulachd mu strì eadar MacLeòid Dhùn Bheagain agus coigreach bho dheas feuch cò aige a bha an duine a bu fhoghlamaichte. Ann an geall airson trì cheud bonn òir, rinn MacLeòid an gnothach nuair a bha e air a riochdachadh le muillear cam.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT1613

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain: Seo ma-thà. Bha sibh a' dol... bha sibh ag ràdh gun robh sgeulachd agaibh, ris an canadh iad MacLeòid agus am Muillear Cam.

Dòmhnall Mac an t-Saoir: Bha e na chleachdadh aig na tighearnan Gàidhealach, agus tighearnan nan eileanan, a bhith a' cruinneachadh uair no dhà sa bhliadhna, a thaobh nan laghannan a bha iad a' cumail, a chionn cha robh... cha robh lagh Pàrlamaid ann anns an àm ach an lagh a thogradh iad fhèin a dhèanamh. Agus air an turas a bha seo, bha iad cruinn ann an taigh mòr ris an canadh iad an Caisteal Tioram. Agus nuair a bha an cruinneachadh a bh' aca seachad a thaobh nan laghannan a bha sin, aig deireadh a' chruinneachaidh, bhiodh aca cuirm mhòr, agus bha sin ri bhith ann an òrdan fear an taighe lathaichean ron àm, airson gum biodh a h-uile sìon deiseil.

Agus fhuair... fhuair fear an taighe co-dhiù òrdan, nuair a bha gnothaichean nan laghannan a bh' aca seachad, airson a' chuirm fhaighinn air dòigh, agus na daoine bha a' dol a thighinn a-staigh thighinn a-staigh. Bhiodh [?e a' cur nan] nàbannan air am fiathachadh, 's bhiodh muinntir an àite air fad, a h-uile duine a thogradh fear an taighe bha seo, 's bhiodh cuirm aca, co-dhiù canaidh sinn bàl, aig deireadh a' ghnothaich.

Agus chruinnich iad, agus dh'fhaighneachd cuideigin an robh a-nist... an robh a' chuideachda cruinn air fad. Agus thuirt fear an taighe gun robh, gun robh cuideachadh cruinn air fad, ach gun robh aon duine ann, agus gura h-e coigreach a bh' ann, a thàinig a-nuas às an taobh a deas, gun tàinig e choimhead air a' Ghàidhealtachd, agus nach robh fios aigesan co-dhiù a dh'iarradh e air tighinn a-staigh 's gu nach iarradh, ach gun robh an toil aca fhèin, gur ann aca fhèin a bha gnothach air a' chùis a bh' ann, agus ma bha toil sam bith aca e thighinn còmhla riutha, gun iarradh esan air.

Tha e coltach gur e MacLeòid Dhùn Bheagain, gur e b' àirde sa chùirt aig an àm, gur e a bha san t-sèithear, agus gun tuirt e:

"Cha mhiste coigreach eile thighinn nam pàirt, agus bheir a-staigh e."

Chaidh an duine a-mach ga iarraidh 's thàinig e a-staigh còmhla ris, agus nuair a bha iad... thàinig e mun cuairt, fear an taighe, leis, agus thug e ann an làmh a h-uile duine a bha-staigh e, ag innse gur h-e seo a leithid seo a thighearna à leithid seo a dh'àite gus an do chuir e crìoch air an rùm air fad.

Agus 's ann gu MacLeòid Dhùn Bheagain a thàinig e air a' cheann bho dheireadh. Agus nuair a thàinig e thuige, shuidh e ann an cathair ri thaobh. Agus bha e a' sìor chur cheistean air MacLeòid mu dheidhinn gu dè seòrsa àite anns an robh e a' fuireach, 's bha MacLeòid ag innse dha. Bha MacLeòid a' cur cheistean air fhèin - cò às a thàinig e - 's dh'innis e dha gun tàinig e a-nuas às an taobh a deas, agus gun robh fearann mòr aige, gun robh stall mhòr aige, agus gun robh mòran dhaoine aige cuideachd anns an àite, a bha e ag ionnsachadh airson armachd, agus gun robh e a' smaoineachadh gun robh e cho beairteach ri gin a bha san taobh a deas aig an àm a bh' ann, agus gun robh e foghlamaichte gu leòr cuideachd.

"'S e sin," ars esan, "a chuir a-nuas an seo mi," ars esan, "feuch am faicinn pìosan dhen Ghàidhealtachd. Ach," ars esan, "'s e àite doirbh a th' ann," ars esan, "a dhol roimhe. Chan eil," ars esan, "na rathaidean fhèin ro mhath ann," ars esan. "Agus chan fhaigh duine," ars esan, "gigeachan fhèin," ars esan, "chan obraich iad air an rathad a th' ann. Agus," ars esan, "cha chreid mi," ars esan, "gun tèid mi nas fhaide na seo fhèin," ars esan. "Tha mi dol a thilleadh o chionn beagan lathaichean. Tha an t-astar cho fada."

"Ò," arsa MacLeòid," ars esan, "tha mòran dhen Ghàidhealtachd ma-tà," ars esan, "nach fhaca sibh fhathast. "Agus," ars esan, "tha a' chuid... faodaidh mi ràdha," ars esan, "a' chuid as fheàrr dhith," ars esan, "mar a tha taobh an iar," ars esan, "sìos, brèagha, chan fhaca sibh."

"'S cò leis," ars esan, "taobh an iar," ars esan, "na Gàidhealtachd," ars esan, "a tha sin?"

"Ò," ars esan, "tha i," ars esan, "pìos dhith leamsa, 's tha pìos dhith leis na tighearnan eile," ars esan, "a tha cruinn an seo."

"An-tà, ma-thà," ars esan, "bu mhath leam am faicinn," ars esan, "an t-àite a tha sin," ars esan, "ach chan eil ùine agam. Ach," ars esan, "chan eil," ars esan, "na daoine," ars esan, "ro fhoghlamaichte idir," ars esan, "anns na dùthchannan," ars esan, "a tha sìos an sin, 's gu h-àraid taobh an iar na Gàidhealtachd."

"Ò," arsa MacLeòid, "tha iad cho foghlamaichte," ars esan, "'s a tha feum air. Tha iad," ars esan, "nan luchd-armachd," ars esan, "a tha math dha-rìribh agus," ars esan, "tha iad," ars esan, "nan daoine còire, gasta," ars esan, "anns a h-uile seòrsa dòigh," ars esan, "anns an iarr sibh iad."

"Ò, tha," ars esan, "ach chan eil," ars esan, "sgoil idir," ars esan, "aca," ars esan, "shìos sna taobhannan a tha sin."

"Ò," arsa MacLeòid, ars esan, "tha, sgoilearan," ars esan, "anns an àite againn fhìn," ars esan, "cho math," ars esan, "agus a gheibh thu," ars esan, "ann an àite sam bith, agus anns an dùthaich agaibhse cuideachd."

"Ò," ars am fear seo, "cha robh còir aca," ars esan, "a bhith cho math," ars esan, "ri muinntir na dùthcha againne, a chionn 's ann againne a thòisich an sgoil an toiseach, agus a thòisich am foghlam. Agus tha mòran mòr dheth nach do ràinig an taobh agaibhse fhathast."

"Ò, chan ann," arsa MacLeòid, "agaibhse," ars esan, "a thòisich e an toiseach idir, ach thòisich e againne an toiseach, agus tha feadhainn anns an àite againne a bheireadh," ars esan, "foghlam dhan fheadhainn a th' agaibh fhèin."

"Ò," ars esan, "cha chreid mi sin idir," ars esan. "Tha eagal orm," ars esan, "gu bheil thu a' dol tuilleadh 's a' chòir far às do chùrsa."

"Ò, chan eil," arsa MacLeòid, "mi a' dol far mo chùrsa idir," ars esan, "ach tha thusa a' dol," ars esan, "far do chùrsa."

Thòisich an argamaid eatorra.

"Nist," ars an Deasach, "chuirinn," ars esan, "geall," ars esan, "a leithid seo riut," ars esan, "gum faighinn," ars esan, "air an fhearann agam fhìn," ars esan, "aon duine," ars esan, "agus gum faotainn," ars esan, "a' Ghàidhealtachd air fad," ars esan, "a shiubhal leis," ars esan, "agus nach fhaighinn," ars esan, "aon duine ann," ars esan, "a chuireadh," ars esan, "aon cheist air," ars esan, "a tha leth cho foghlamaichte ris."

"An-tà," arsa MacLeòid, ars esan, "cuiridh mise," ars esan, "geall riut," ars esan, "gum faighinn fear," ars esan, "na mo dhùthaich fhìn agus," ars esan, "a tha a' fuireach còmhla rium cuideachd," ars esan, "na mo thaigh fhìn agus," ars esan, "chan eil fhios a'm," ars esan, "nach toireadh e a dhùbhlan dhomh latha sam bith mura dèanadh e an gnothach air, ann am foghlam no an ann dòigh sam bith anns an rachadh e ga fheuchainn."

"Dè," ars esan, "an geall a chuireas tu sìos?"

"Geall sam bith," ars esan, "a thogras tu. Is tusa," ars esan, "a dh'fhuasgail an argamaid," ars esan, "chan eil agad ach ceangail i."

"Cuiridh mi," ars esan, "trì cheud bonn òir riut."

"Ceart gu leòr," arsa MacLeòid, ars esan, "cuiridh mise trì cheud bonn òir riut."

Cha robh air ach fhuaradh dithis fhianaisean airson an geall a bhith air a choileanadh, agus fada no goirid gun robh iad còmhla an oidhche sin, nuair a sgaoil a' chuirm, 's a ghabh iad mu thàmh, an làrna-mhàireach, ghabh gach fear gu thaigh fhèin.

Ach gheall MacLeòid agus am fear seo, an Deasach, gun coinnicheadh iad a chèile air a leithid seo de latha anns a' cheart taigh, anns a' Chaisteal Tioram, ann an ceann mìos no dhà a dh'ùine, agus gum biodh an dithis dhaoine aca airson a chèile fheuchainn.

Dh'fhalbh MacLeòid dhachaigh agus dh'fhalbh an Deasach dhachaigh. Agus bha MacLeòid, bha fear aige aig an taigh ris an canadh iad fear-comhairle, duine foghlamaichte a bh' ann cuideachd a chaidh tro cholaistean 's a bha gu math ionnsaichte. Agus nuair a bhiodh sìon sam bith ceàrr air MacLeòid nach deargadh e fhèin air dòigh a chur air, b' e seo am fear a bha a' dol a chur dòigh air, agus bha fios aige gun robh e cho ionnsaichte ri duine a bha sa Ghàidhealtachd, no ann an dùthaich sam bith eile. Agus thuirt e ris fhèin gun cuireadh e a' chomhairle ris mar a thachair dha fhèin agus dhan Deasach. Agus thug e a thaobh e aon latha, 's dh'innis e dha mar a bha, agus mar a thachair dha air an turas air an robh e.

"An-tà," ars am fear-comhairle, ars esan, "tha mi fuathasach duilich," ars esan, "chan urrainn dhomh," ars esan, "sìon a dhèanamh," ars esan, "anns a' chùis a tha sin. Tha," ars esan, "na daoine a tha sin," ars esan, "bha mise," ars esan, "ann mi fhìn ann a... ann an colaistean," ars esan, "agus," ars esan, "bha feadhainn ann," ars esan, "ag ionnsachadh," ars esan, "nach do thuig mi fhathast," ars esan, "gu dè," ars esan, "an sgoil," ars esan, "a bha iad ag ionnsachadh, agus faodaidh an duine sin a bhith cho ionnsaichte," ars esan, "agus gu bheil fios aige," ars esan, "air iomadach rud," ars esan, "nach cuala mise riamh, agus faodaidh e ceistean a chur orm," ars esan, "nach eil sìon a dh'fhios a'm," ars esan, "dè an dòigh air am freagair mi iad. Ah," ars esan, "chan urrainn mi," ars esan, "a dhol ann, a chionn," ars esan, "cha dèan mi feum idir ann."

"Bheil thu ag ràdh," arsa MacLeòid, "nach tèid thu ann idir?"

"Ò," ars esan, "cha tèid. Nan saoilinn," ars esan, "gun dèanainn sìon sam bith," ars esan, "a dh'fheum, rachainn ann. Ach, o nach dèan," ars esan, "cha tèid mi ann," ars esan, "a thaobh," ars esan, "cha dèan e ach cron dhuibhse," ars esan, "a thaobh 's cha dèan e," ars esan, "ach ball-bùird," ars esan, "dhen dithis againn," ars esan, "agus leis a sin," ars esan, "chan urrainn mi," ars esan, "a dhol air aghaidh."

A h-uile h-àite anns am biodh MacLeòid, aig cuirm, bheireadh e cuideigin a thaobh a bhiodh e a' smaointeachadh aig an robh deagh fhoghlam, a rachadh còmhla ris a dh'fheuchainn an duine bha seo. Ach chan fhaigheadh e duine idir. Mu dheireadh thall, thuirt e ris fhèin nach robh aige ach an trì cheud bonn a shìneadh seachad dhan Deasach nuair a thigeadh an ùine. B' e sin a bheachd, mu dheireadh.

Ach gu dè bha ach muileann, seann mhuileann, air an fhearann aig MacLeòid, a-mach pìos às... ann an taobh a' mhonaidh, agus bha a dh'fhasan aige gum biodh e a' dol dhan a' bheinn-sheilg gu math tric. Agus a h-uile h-uair a rachadh e dhan bheinn-sheilg, air fhalbh agus air a thighinn, bhiodh e a' dol seachad air taigh a' mhuilleir agus cha toireadh e sùil air taigh a' mhuilleir, agus b' àbhaist dha, roimhe sin, gum biodh e a' tadhal air a' mhuillear agus a' bruidhinn ris. [Stad sa chlàradh an seo.] Ach an oidhche a bha seo, thuirt am muillear ris a bhean gun robh e a' cur iongnadh mòr air gu dè a chuir MacLeòid seachad a dhà no trì thursan air an taigh, agus gum faca e e fhèin cuideachd bhuaithe, agus nach tug e sùil an rathad a bha e.

"Ach," ars esan, "feumaidh," ars esan, "gu bheil rud neònach air choreigin," ars esan, "a' cur dragh air inntinn," ars esan, "seach mar a b' àbhaist dha a bhith. On a bha e air falbh air an turas sa," ars esan, "mu dheireadh," ars esan, "cha tàinig e an còir an taighe. Ach," ars esan, "an ath triop a thig e," ars esan, "cha leig mise seachad e."

Ach an làrna-mhàireach, cò chunnaic iad a-mach an rathad ach MacLeòid air pìos dhen latha, agus thuirt am muillear ris fhèin:

"Gu dearbh cha leig mise seachad thusa an-diugh."

Agus thòisich e air e fhèin a sgioblachadh, agus air crathadh dheth dust na mine, agus ghabh e a-mach chun an rathaid. Chuir am muillear... thog a dheth an ad, agus rinn e modh do MhacLeòid, agus sheas MacLeòid 's thuirt e gun robh latha math ann.

"Tha, gu dearbh," ars am muillear, "latha math ann, ach le ur cead, a MhicLeòid," ars esan, "chunna mi a dhà no trì thriopaichean," ars esan, "a' dol seachad air an taigh sibh, agus chunna sibh mise bhuaibh cuideachd agus cha tug sibh sùil orm, agus bha mi a' gabhail neònachas," ars esan, "an robh rud neònach air choreigin," ars esan, "a' cur dragh oirbh."

"Ò, dh'fhaodadh sin a bhith ann," arsa MacLeòid, ars esan, "ach dè feum," ars esan, "dhomh, a dhol ga innse sin dha do leithid-sa."

"Chan eil sìon a dh'fhios agaibh," arsa MacLeòid [sic], "air a sin. Ma tha sìon a' cur dragh oirbh, innsidh sibhse dhòmhsa e."

"Uill, ma-thà," arsa MacLeòid, ars esan, "innsidh mi dhut e. Ach," ars esan, "cha dèan e math no cron. Thachair dhòmhsa," ars esan, "a bhith shuas," ars esan, "air turas," ars esan, "a thaobh," ars esan, "cur nan laghannan," ars esan, "a bh' againn," ars esan, "sa Ghàidhealtachd," ars esan, "mu dheidhinn," ars esan, "an dòigh air am faodadh iad a bhith air an cumail, 's an dòigh air am faodadh an duine ud 's an duine ud eile," ars esan, "a bhith gan cumail," ars esan, "agus iad a bhith air an cumail," ars esan, "mar bu chòir dhaibh a bhith," ars esan. "Tha a dh'fhasan againn daonnan," ars esan, "a bhith a' cruinneachadh còmhla," ars esan. "Thachair," ars esan, "coigreach a bhith ann," ars esan, "às an taobh deas," ars esan, "'s chaidh mi fhìn 's e fhèin," ars esan, "faclan far a chèile," ars esan, "car mu dheidhinn," ars esan, "muinntir an àite. Bha e," ars esan, "car a' cur sìos," ars esan, "air muinntir na Gàidhealtachd," ars esan, "'s air muinntir," ars esan, "nan eileanan 's muinntir Eilean a' Cheò 's a h-uile h-eilean eile," ars esan, "cha robh aige mun deidhinn," ars esan, "agus nach robh iad foghlamaichte, 's nach robh iad fiosraichte, nach robh annta ach daoine aineolach. Ah," ars esan, "cha bu toigh leamsa," ars esan, "sin a leigeil leis. Thuirt mi ris," arsa MacLeòid, "gun robh," ars esan, "daoine sna h-eileanan," ars esan, "'s daoine," ars esan, "air a' Ghàidhealtachd," ars esan, "cho foghlamaichte," ars esan, "agus cho fiosrach," ars esan, "'s a bha na dhùthaich fhèin latha sam bith. Ach," ars esan, "an dèidh dhòmhsa," ars esan, "geall," ars esan, "a chur eadar mi fhìn 's an duine sin," ars esan, "chan fhaighinn duine," ars esan, "a rachadh còmhla rium," ars esan, "a dh'fheuchainn," ars esan, "an fhir a bha e fhèin," ars esan, "am fear foghlamaichte a bh' aige," ars esan, "a bha a' dol a dh'fheuchainn," ars esan, "a h-uile duine a bha sa Ghàidhealtachd, agus anns na h-eileanan cuideachd."

"'S gu dè," arsa MacLeòid [sic], "mu dheidhinn," ars esan, "an duine ionnsaichte a th' agaibh fhèin," ars esan, "mar am fear-comhairle? An dèanadh e idir an gnothach?"

"Ò," ars esan, "cha rachadh e idir ann."

"'S dè bu choireach nach rachadh e ann?"

"Bha e ag ràdh," ars esan, "nach robh de sgoil aige," ars esan, "na dhèanadh an gnothach," ars esan, "gum faodadh iomadach seòrsa sgoil a bhith ann," ars esan, "nach do dh'ionnsaich esan riamh," ars esan, "agus nach rachadh e idir," ars esan, "an còir," ars esan, "a leithid a rud," ars esan, "nach dèanadh e ach cron dhomh fhìn 's dha fhèin."

"An-tà," ars esan, "nach b' e," ars esan, "am burraidh e."

"An-tà, MhicLeòid," ars esan, "ged nach eil mòran sgoile agamsa," ars esan, "tha de sgoil agam," ars esan, "na rinn dheth," ars esan, "mo rathad agus a bha ga dhèanamh riamh, agus mura faigh sibhse duine dh'fhalbhas còmhla ribh," ars esan, "falbhaidh mise."

"Ò," ars esan, "chan eil," ars esan, "foghlam," ars esan, "mòr agadsa ann."

"Tha," ars esan, "de dh'fhoghlam agam," ars esan, "na rinn an gnothach riamh dhomh, agus nì e an gnothach dhomh às a dhèidh seo cuideachd, agus mura faigh sibhse duine falbhaidh mise còmhla ribh."

"Uill, ma-thà," arsa MacLeòid, ars esan, "fàgaidh mi latha math an-diugh agad, ach chì mi dè ghabhas dèanamh."

Chaidh MacLeòid dhan bheinn. Tha mi cinnteach nach robh e a' dèanamh dad fad an latha ach a' smaointeachadh co-dhiù bheireadh e leis am muillear 's gu nach toireadh. Ach co-dhiù, thuirt e ris fhèin, ged a chailleadh e fhèin, gum b' fheàrr leis cuideigin a bhith còmhla ris na gun duine idir, agus 's e a' chiad rud a dh'òrdaich e nuair a chaidh e dhachaigh, tàillear fhaighinn agus e a dhol gu taigh a' mhuilleir agus deis-aodaich a dhèanamh dha, deise Ghàidhealach, mar a bha a' dol anns an àm. Agus fhuaradh sin. Agus ann an ceann beagan lathaichean bha i dèante, agus nuair a fhuaradh deiseil i, agus a thugadh chun a' mhuilleir i, agus a dh'fheuch e i... dh'fheuch e air i, bha e a' coimhead na dhuine eireachdail, agus cuideachd a' coimhead fichead bliadhna na b òige na bha e. Agus thàinig MacLeòid, thadhail e turas no dhà air, airson gum faiceadh e e, agus gun dèanadh e suas inntinn airson falbh còmhla ris. Agus 's e am muillear, 's e bh' air a dhòigh, gun d' fhuair e an t-urram a bha seo airson falbh còmhla ris.

Agus thàinig seo an ùine gu ceann, agus bha am muillear deiseil roimhe. Agus 's e dà phònaidh a bh' aca, a' dol gu aiseag Chaol Àcain. Agus dh'fhàgadh iad ann a shin iad, agus chùm iad air aghaidh às a sin bho aiseag Chaol Àcain, treis ann an gigeachan 's treiseachan a' coiseachd, gus an do ràinig iad an Caisteal Tioram. Agus dh'iarradh orra dhol a-staigh dha a leithid seo a rùm, rùm mòr farsaing ann, agus rug MacLeòid air làimh air a charaid, air an Deasach, agus chuir iad fàilte air a chèile. Agus rug an dithis ghillean air a chèile, gille MhicLeòid agus gille an Deasaich. Agus nuair a bha iad treis a' còmhradh ann a shin, thuirt an Deasach ri MacLeòid:

"A-nist," ars esan, "tha," ars esan, "an dithis ghillean a tha seo," ars esan, "gus a dhol a dh'fheuchainn a chèile," ars esan, "ann an seòmar eile, agus 's e an dòigh," ars esan, "anns a bheil iad a' dol a dh'fheuchainn a chèile," ars esan, "'s e sin gun smid chainnte a dhèanamh," ars esan, "ri chèile," ars esan, "ach," ars esan, "sgoil-mheur. Agus bidh fios againn," ars esan, "nuair a bhios iad ullamh," ars esan, "cò," ars esan, "as fheàrr."

Ach co-dhiù, ma bha eagal air MacLeòid reimhid, bha an t-eagal buileach a-nist air. Bha fios aige ge brith dè rud a dhèanadh am muillear ann an dòigh sam bith eile, ann an sgoil sam bith eile, nach dèanadh e dad air a siud gu brith an cuala e guth riamh air a leithid a rud. Ach co-dhiù, fhuair MacLeòid a thoirt an dàrna taobh, mun deach iad a-staigh, agus dh'innis e dha gur ann le soidhneachan a bha iad gus a bhith a' bruidhinn ri chèile, agus nach robh facal aige a ràdha ris an fhear eile ann an dòigh sam bith, gus am faiceadh e esan air neo an Deasach; gur ann ag obair le meuran 's le làmhan a bha iad gus a bhith anns an t-sèomar, gus am biodh iad ullamh dhen a' chòmhradh a bh' aca, ge brith gu dè a bhiodh ann.

"Tha sin," ars am Muillear Cam, ars esan, "ceart gu leòr," ars esan, "leamsa. Nì mise sin," ars esan, "cho math ris fhèin."

Ach mun d' fhuair MacLeòid [sic] a-staigh co-dhiù bha am fear eile na shuidhe aig a' bhòrd, air sèithear, agus a dhà uilinn air a' bhòrd, agus bha sèithear eile air an taobh eile, agus thuirt am muillear ris fhèin gun suidheadh esan anns an fhear seo. Agus rinn e an aon rud agus a chunnaic e an Deasach air a dhèanamh mar-thà; chàirich e a dhà uilinn air a' bhòrd, agus thòisich an dàrna fear air coimhead air an fhear eile. Agus cha robh fear seach fear a' togail a làimhe. Ach a-nist, mar a tha fios agaibh, an dòigh a bhios aig na muillearan co-dhiù, 's gu h-àraid anns an latha a bha siud, mar bu trice cha bhiodh aca ach an aon aodach. Bhiodh am muillear daonnan, bha e a dh'fhasan aige, bhiodh e a' crathadh plaosg 's sadach dheth mar seothach, le mheòirean, agus aig a' cheart àm, mar a bha an gnothach ga ruighinn, 's ged a bha deise bhrèagha Ghàidhealach air, thog e a mheur mar siud, agus rinn e mar siud. Agus b' e sin, air rèir coltais, ionnsachadh no sgoil-mheur, thu thòiseachadh, agus b' fheudar dhan Deasach tòiseachadh nuair a chunnaic am muillear a' dèanamh an t-soidhne bha seo. Agus 's e a' chiad rud a rinn e, chuir e suas aona mheur. Dh'fhalbh am muillear agus chuir e suas a dhà. Dh'fhalbh an Deasach agus chuir e suas a trì, agus nuair a bha na trì shuas, bhuail am muillear dòrn air a' bhòrd, agus leag am fear eile a làmh an uair sin. Chuir iad an uair sin an uileann air a' bhòrd a-rithist, agus bha iad a' feitheamh, an dàrna fear a' feitheamh an fhir eile.

Ach bha an fhoighidinn aig a' mhuillear a' fàs goirid, agus thug e a-mach fiosrachadh air fhèin, 's a' dol a chaitheadh dheth sadach na mine, agus gun fios aige càit an robh e, agus b' fheudar dhan fhear eile tòiseachadh an uair sin. Agus 's e an rud a rinn e an uair sin, thug e a-mach pìos de dh'aran... 's ann a thug e a-mach ubhal, agus thug e a-mach sgian agus thòisich e air rùsgadh na h-ubhail leis an sgithinn. Agus nuair a rùisg e air fad i, thòisich e air toirt aiste bìdeagan beaga, agus air a h-ithe, air a shocair fhèin. Dh'fhalbh am muillear agus thug e a-mach... dè rud a bh' air a chùlaibh ach seann bhaga gràin fhuair e air lobht a' mhuilinn mun do dh'fhalbh e, agus thug e leis bonnach mòr de dh'aran-corca, a bhiodh aige, agus gun fhios aige gu dè thachradh dha air an rathad. Agus thug e a-nall am balg a bha seo, 's e seann bhalg anns am biodh iad a' cumail shoithichean [???] a bh' ann, agus thug e a-nall air a bheulaibh e, agus thug e a-mach bonnach às a' bhalg. Agus thòisich e air greimeannan a thoirt às, agus air ithe, mu choinneamh an Deasaich. Agus nuair a bha an Deasach treis a' coimhead air, agus a dh'ith e pàirt dhen ubhal, chàirich e an còrr dhith na phòca agus ghabh e a-mach an doras, agus dhùin e an sgian 's chuir e na phòca i.

Bha an Deasach... [Stad sa chlàradh an seo.]

Dhùin e an sgian 's chàirich e na phòca i. Dh'fhosgail e doras an t-seòmair 's bha MacLeòid 's an Deasach ann a shin. Thuirt e riutha:

"Le ur cead, tha an gnothach seachad a-nist."

"Seadh," ars an Deasach. "Ma-tà, bu toil againn," ars esan, "fhaighinn a-mach dè mar a chaidh dhut, ach," ars esan, "tha mi cinnteach," ars esan, "gura fheàrr dhòmhsa," ars esan, "a dhol a dh'àite eile 's gun innis thu."

"Innsidh," ars esan, "gach neach air leth... air leth," ars esan, "a chor fhèin."

"Ceart gu leòr, ma-thà," ars am balach, ars esan, "innsidh mise dhuibh e, mar a thachair dhomh."

Chaidh e a-mach do sheòmar eile.

"Seadh," ars esan, "dè mar a chaidh dhut?"

"Ò," ars esan, "cha deachaidh..." ars esan, "chaill mi," ars esan, "chaill mi," ars esan, "an geall a bh' agaibhse," ars esan, "eadar sibh fhèin agus MacLeòid."

"A bheil thu fhèin ag ràdh," ars esan, "gun do rinn," ars esan, "fear a mhuinntir," ars esan, "Eilean a' Cheò," ars esan, "an gnothach riut," ars esan, "ann an sgoil-mheur?"

"Ò," ars esan, "cha tiginn suas idir ris."

"Nach tigeadh gu dearbh?" ars an Deasach.

"Ò," ars esan, "cha tigeadh. Chan eil mi a' smaoineachadh," ars esan, "gu bheil e," ars esan, "furasta fhaighinn," ars esan, "duine," ars esan, "a thigeadh suas ris."

"'S dè," ars esan, "mar a dh'obraich sibh? Dè mar... dè bha eadaraibh?"

"Nuair a chaidh mise a-staigh," ars esan, "bha mi ann," ars esan, "treiseag bheag roimhe. Chuir mi," ars esan, "m' uileann air a' bhòrd," ars esan, "feuch dè dhèanadh e fhèin. Rinn e fhèin," ars esan, "a leithid eile," ars esan, "feuch gu dè a dhèanainn-sa. Bha e sin," ars esan, "air rèir choltais," ars esan, "a' gabhail fadachd," ars esan, "tha mi cinnteach," ars esan, "gun robh e na b' ionnsaichte na mise co-dhiù air rèir coltais," ars esan, "thug e dhomh soidhne," ars esan, "airson tòiseachadh, agus," ars esan, "'s e chiad rud a rinn mi," ars esan, "chuir mi suas," ars esan, "m' aona mheur, agus," ars esan, "bha sin a' ciallachadh," ars esan, "nach robh anns an duine bhochd," ars esan, "ach aon sùil. Dh'fhalbh esan," ars esan, "agus chuir e suas," ars esan, "a dhà. Mura robh annsan," ars esan, "ach aon tè," ars esan, "bha a dhà annamsa. Dh'fhalbh mise an uair sin," ars esan, "'s mi a' smaoineachadh," ars esan, "gum faodadh gun dèanainn," ars esan, "a' chùis air," ars esan, "chuir mi suas a trì, gun robh aon tè aigesan agus dhà againn le chèile, ach anns a' mhionaid uarach," ars esan, "bhuail e dòrn air a' bhòrd: "Chan eil ri bhith ann ach siud."

"Seadh," ars esan, "tha sin," ars esan, "coltach gu leòr," ars esan, "rinn e an gnothach ort ann a shin. 'S gu dè," ars esan, "an ath rud a bh' ann?"

"Innsidh mi sin dhuibh," ars esan. "Chuir mise mo dhà uilinn air a' bhòrd," ars esan, "agus bha mi a' feitheamh a-rithist," ars esan. "Cha robh fios a'm," ars esan, "cò air a thòisichinn," ars esan, "ach thug e an ath shoidhne dhomh," ars esan, "tighinn a-mach le gu dè a bh' agam ri chantail. A-nist," ars esan, "dh'fheuch mi e cho domhainn 's a b' urrainn dhomh air an turas seo. Thug mi mach," ars esan, "ubhal a bh' agam," ars esan, "ann am phòca, a thug mi leam," ars esan, "airson 's gum biodh i agam," ars esan, "air an rathad. Bha," ars esan, "a dhà no trì agam. Bha mi ag ràdha rium fhìn," ars esan, "ma bha sìon idir ann," ars esan, "a dhèanadh an gnothach air," ars esan, "gura h-e an ubhal. Thug mi a-mach an ubhal," ars esan, "agus an sgian, 's thòisich mi air a rùsgadh, agus thòisich mi," ars esan, "air toirt," ars esan, "bìdeagan beaga aiste," ars esan, "'s air a h-ithe. Bha esan," ars esan, "a' coimhead orm. Ach," ars esan, "chuir e làmh air a chùlaibh," ars esan, "agus thug e a-nall seòrsa de bhaga neònach," ars esan, "agus thug e a-mach," ars esan, "pìos de dh'aran mòr neònach às," ars esan, "agus thòisich e air greimeannan a thoirt às. Agus nuair a chunna mise e," ars esan, "a' toirt greimeannan às an aran," ars esan, "agus ga ithe, bha fhios a'm," ars esan, "gun robh mi ullamh. Agus," ars esan, "'s e sin," ars esan, "dh'fhàg mise an siud e."

"Seadh," ars esan, "gu dearbh," ars esan, "tha sin," ars esan, "gu math neònach," ars esan. "Ach," ars esan, "gu dè," ars esan, "a bha an t-aran a bha sin," ars esan, "a' ciallachadh?" ars an Deasach.

"Innsidh mi sin dhuibh," ars esan, "bha mise a' ciallachadh," ars esan, "leis an ubhal a bha seo," ars esan, "gur ann leis a seo," ars esan, "a pheacaich," ars esan, "an sluagh an toiseach," ars esan, "anns a' ghàrradh, agus airson," ars esan, "a dhèanamh cho domhainn," ars esan, "'s a b' urrainn dhomh," ars esan, "chor 's nach tuigeadh e mi, ach," ars esan, "nach saoil sibhse," ars esan, "nach e bha foghlamaichte," ars esan, "nuair thug e a-mach an t-aran," ars esan, "agus a thòisich e air ithe. Bha sin," ars esan, "a' ciallachadh," ars esan, "ma bha an ubhal," ars esan, "gam buaireadh," ars esan, "gun robh an t-aran," ars esan, "airson an sàbhaladh. Agus cha ghabh mise an còrr turas ris. Ge brith dè bha eadaraibh," ars esan, "bidh e eadaraibh sibh fhèin 's MacLeòid. Tha mise ullamh dheth."

Thàinig an Deasach a-staigh far an robh MacLeòid, agus thuirt e ris:

"Uill," ars esan, "tha," ars esan, "an gille agad," ars esan, "air buannachadh," ars esan, "air a' ghille agamsa," ars esan, "'s chan eil agamsa," ars esan, "ach an t-airgead," ars esan, "an t-òr a thoirt dhut."

"Ò," arsa MacLeòid, "bha deagh amharas agamsa air a sin," ars esan, "o thoiseach, a chionn," ars esan, "nuair a thòisich an argamaid, cha tòisich mise," ars esan, "air argamaid uair sam bith," ars esan, "gun a bhith cinnteach," ars esan, "dè bhios mi a' cantail, a chionn," ars esan, "tha mi ann an dreuchd àrd."

"Tha mi a' faicinn sin," ars an Deasach.

Ach co-dhiù, cha robh an Deasach uabhasach toilichte fhathast. Thuirt e gun robh e airson an gille aige fhaicinn fhathast, agus thug e a leth-thaobh a-rithist dhan t-seòmar e. Agus:

"A bheil fhios agad," ars esan, "le cinnt," ars esan, "gun do rinn," ars esan, "an gille aig MacLeòid an gnothach ort?"

"Ò," ars esan, "rinn. Chan eil," ars esan, "duine air an t-saoghal," ars esan, "tha mi a' smaointeachadh," ars esan, "a dhèanadh an gnothach," ars esan, "air an duine ud ann an dòigh sam bith."

"Ò ma-tà," ars esan, "ma rinn e an gnothach ort," ars esan, "chan ann," ars esan, "le sgoil no le foghlam. Ach," ars esan, "bheil fhios agad air a seo, chuala mise," ars esan, "mun tàinig mi ann a sheo idir," ars esan, "gun robh," ars esan, "gibht," ars esan, "aig MacLeòid ris an canadh iad buidseachd, agus ma bha dad idir ann," ars esan, "a rinn an gnothach ortsa, 's e sin."

"An-tà," arsa gille an Deasaich, "le ur cead," ars esan, "chan eil iad aig MacLeòid idir."

"Nach eil?" ars esan.

"Ò," ars esan, "chan eil. Ach," ars esan, "ma sheallas sibh a-staigh," ars esan, "dhan t-seòmar an siud," ars esan, "'s ann aig a' ghille aige a tha iad. Ach," ars esan, "ma thèid sibh a-staigh," ars esan, "tha iad aige air a mhuin."

"Dearbh fhèin," ars an Deasach, ars esan, "cha tèid," ars esan. "Tha mi," ars esan, "goirid gu leòr dha," ars esan, "mar a tha mi."

Cha robh ach chaidheadh a-staigh agus fhuaradh an dithis fhianaisean, a chaidh fhaighinn a' chiad latha a chuireadh mun gheall, agus chaidh na trì cheud bonn òir a shìneadh do MhacLeòid air cionn bùird. Agus treis às a dhèidh sin, cha robh an Deasach airson fuireach fada. Bha cabhag air, bha e ag ràdha gun robh tursan aige ri dhèanamh, a dh'fheumadh e a dhèanamh an ùine nach biodh fada, agus tha mi cinneach gur e a' chabhag a bh' air uile-gu-lèir eagal 's gum faiceadh e am fear aig an robh am baga, a bha san t-seòmar aige, mar a bha na buislichean.

Nuair a fhuair iad air dòigh, dh'fhaighneachd an uair sin MacLeòid dhan Mhuillear Cham gu dè bha eatorra anns an t-seòmar.

"Hò, mac an fhir ud," ars am muillear, "bha e a' smaoineachadh gun dèanadh e an gnothach ormsa, ach cha dèanadh, no gin eile thàinig às a dhùthaich. Bheil fhios agad," ars esan, "gur e chiad rud a rinn e," ars esan, "nuair a chaidh e," ars esan, "bha," ars esan, "na aghaidh nam choinneamh," ars esan, "chuir e suas," ars esan, "aona mheur," ars esan, "a' magadh ormsa, ag ràdha nach... a' ciallachadh nach robh agam ach aon sùil. Chuir mise an uair sin," ars esan, "suas," ars esan, "mo dhà mheur," ars esan, "ag ràdha gun robh a dhà aige fhèin. Dh'fhalbh esan," ars esan, "'s chuir e suas an uair sin," ars esan, "an trì, gun robh trì againn le chèile. Bhuail mise," ars esan, "dòrn air a' bhòrd," ars esan, "nan tigeadh e na bu dàine, gun cuirinn-sa na dhà a bh' ann às."

"Seadh," arsa MacLeòid, "dè an ath rud a rinn e?"

"Innsidh mi sin dhut, a bhalaich," ars esan. "Thug e mach ubhal às a phòca, ag innse," ars esan, "cho leòmach," ars esan, "agus a bha iad shuas anns an taobh deas," ars esan, "agus am biadh a bh' aca. Ach," ars esan, "thug mise a-mach pìos de dh'aran-corca," ars esan, "agus tha pìos agam ann a sheo fhathast dheth, anns an t-seann bhalg, agus," ars esan, "nuair a chunnaic e mi," ars esan, "ga ithe," ars esan, "ghabh e iongnadh," ars esan, "theich e. Chan eil fhios a'm," ars esan, "gu dè bha e a' ciallachadh," ars esan, "ach cha robh," ars esan, "leithid an arain ud acasan anns an taobh a deas, agus cha bhi."

"Ò," arsa MacLeòid, ars esan, "rinn thu glè mhath, 'ille chòir," ars esan. "Rinn thu deagh fheum dhòmhsa," ars esan. "Tha an geall agad," ars esan, "air a ghleidheadh."

"An-tà," ars esan, "'s e sin rud as toilichte", ars esan, "a rinn mi riamh, agus dearbh tha mi glè thoilichte."

Bha iad oidhche mu seach anns a h-uile taigh mòr no taigh-seinnse a b' fheàrr na chèile, gus an do ràinig iad an Caol. Agus chaidh steud each a chur a làimh gu cùirt MhicLeòid a dh'innse gun robh iad a' tighinn, agus a' chùirt a bhith cruinn romhpa. Nuair a ràinig iad, bha a' chùirt 's gach dad cruinn, cuirm 's gach sìon a ghabhadh dèanamh, agus nuair a ghabh iad am biadh, thuirt MacLeòid a-nist, dh'èirich e na sheasamh agus thuirt e gun deachaidh a thuras leis uabhasach math, agus gu dè bha iad am beachd, dè bha am muillear, dè an duais bu chòir a thoirt dha airson cho math 's a dh'obraich e. 'S e am fear-comhairle a bha seo a' chiad fhear a dh'èirich na sheasamh, agus thuirt e:

"Tha mi a' smaoineachadh," ars esan, "MhicLeòid," ars esan, "on a rinn am muillear," ars esan, "cho math 's a rinn e," ars esan, "bu chòir dhuibh," ars esan, "fhaighinn na fhear-comhairle. Agus," ars esan, "bhithinn-sa glè dheònach," ars esan, "an t-àite a thoirt dha a-màireach."

Arsa MacLèoid: "Bidh sin," ars esan, "aige fhèin, aig a thoil fhèin. Ma thogras e fhèin sin," ars esan, "a ghabhail, gheibh e e, no rud sam bith," ars esan, "a tha e ag iarraidh. Tha a h-uile sìon," ars esan, "aig a thoil fhèin a-nist."

Dh'èirich mac... am Muillear Cam na sheasamh agus thuirt e:

"An-tà," ars esan, "cha robh mise riamh," ars esan, "o rugadh mi," ars esan, "air mo chumail," ars esan, "cho math agus a bha mi," ars esan, "o chionn lathaichean an seo," ars esan, "on a dh'fhalbh mi còmhla ri MacLeòid. Ach," ars esan, "tha aon rud ann," ars esan, "a b' fheàrr leam air fad," ars esan, "nam faighinn dhachaigh," ars esan, "gu mo thaigh fhìn," ars esan, "còmhla ri mo bhean. Sin," ars esan, "an aon rud," ars esan, "a b' fheàrr leam a gheibhinn uile-gu-lèir, agus," ars esan, "chan eil mi ag iarraidh sìon air duine sam bith," ars esan, "no chan eil mi ag iarraidh," ars esan, "ùghdarras," ars esan, "no dhol ann an àite duine eile, agus ged a rachainn-sa," ars esan, "ann an àite an fhir-comhairle," ars esan, "'s olc a dhèanainn an gnothach," ars esan, "an taca ris an fhear a th' ann. Ach," ars esan, "tha mi ag iarraidh aon iarrtas oirbh," ars esan, "ma leigeas sibh leam e, agus 's e sin," ars esan, "faighinn dhachaigh," ars esan, "agus fhios a'm," ars esan, "gum bi a' bhean a' gabhail fadachd dhìom."

Agus dh'fhàg e oidhche mhath aig MacLeòid agus aig a' chuideachd, agus dh'fhalbh e. Ach ma dh'fhalbh, cha b' ann gun deagh [???] airson MacLeòid anns an dealachadh, agus dhealaich mise riutha.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math