Rannsaich

Naidheachdan 's eachdraidh na sgìre.

Ceann-latha July 1963
Àireamh a’ chlàir 79416
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.32.B5-B10

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.031.032

Geàrr-chunntas

Naidheachdan 's eachdraidh na sgìre.

Iomradh air dùin timcheall Loch na Bà. A rèir beul-aithris bha an Doideag Mhuileach a' fuireach ri taobh an locha. Tha sgeulachdan aig an fhiosraiche mu deidhinn. Tha e cuideachd ag innse mu bhlàran a bh' anns an sgìre eadar Clann MhicIllEathain agus Clann Dòmhnaill, agus eadar Clann MhicIllEathain Locha Buidhe agus Dhubhaird.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Eilean - Muile

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Lachlann MacIllEathain (LM): Bha sin Cnoc an Taigh Mhòir, cha chreid mi nach e sin as fhiosrach dhomh. Tha e air taobh thall an loch. Tha Loch Bà, tha e còig mìle a leud. Air taobh thall an loch fo Cnoc an Taigh Mhòir, tha coille, agus air an taobh sin dhen loch tha mòran dhe na brochs, fhios agad, na Pictish Brochs. Chì sibh iad ann a shin agus feumaidh... bha... [?rud eile ann], chunna mi fear an latha roimhe dìreach, their iad ris ann am Beurla, charcoal burning. Feumaidh gun robh sin a' tachairt anns na h-àiteannan seo. Chan eil fhios a'm cuin a bha e, no dè an deit, ach tha a h-aon no dhà dhe na h-àiteannan sin, agus tha an ùir an-diugh dubh fhathast, 's gheibh thu an sin na pìosan de dh'fhiodh, bristidh sibh iad.

Elizabeth Sinclair (ES): Dè mar a bhiodh iad a' dèanamh charcoal? Ann an le fiodh?

LM: Tha fiodh... tha coille dharaich an sin air fad, air an taobh sin dhen loch, agus chì sinn na h-àiteannan far an robh iad a' dèanamh an losgadh, [???]...

ES: 'S an robh iad... a bheil iad mòr? An e clais mhòr a th' ann?

LM: Clais a th' annta, air an togail suas air na cliathaichean le clachan. Ach tha iad air tuiteam am broinn a chèile a-nist, ach an aon... a bheir fios dhuibh gu bheil... tha an ùir dubh, 's gheibh sibh pìosan dhen an fhiodh, ma [???] sibh iad air ur corragan e thèid e dubh. Ach tha sin air taobh thall an loch.

ES: Agus rud eile, an cuala sibh riamh mu dheidhinn gual Gàidhealach ma-tà?

LM: Cha chuala riamh.

ES: Cha chuala.

LM: Cha chuala.

ES: Gu dè chuala tusa airson an rud a tha seo? Gual...

LM: Gual-gobha.

ES: Gual-gobha. Ach cha robh fhios agadsa...

LM: Bha e air a dhèanadh air mhòine, ach... a-rithist cha chuala mi e ach bho nuair a bha mi glè bheag, agus cha chuala mi an còrr bhon uair sin. Ach cha chreid mi nach e facal Sgitheanach a th' ann an sin.

ES: Ò dh'fhaodte gur ann aig taobh ur n-athair...

LM: Aig mo chuideachd a chuala mi e. Cha chreid mi nach ann. Chuala mi gual-gobha iomadach uair. 'S tha fhios a'm gur e mòine air a tiormachadh le teas a bh' ann an sin. Ach co-dhiù, nuair a bha sinn... An gabh sinn sìos... sgrìob sìos taobh Loch Bà an seo fhathast?

ES: Gabhaidh.

LM: An ath àite a theirinn a bha ainmeil sam bith air taobh Loch Bà, 's e Sròn a' Chrann-lithe. Tha sin dìreach os cionn... Benmore Lodge a th' aca air an-diugh. Dìreach mu choinneimh seo, tha creag mhòr an seo, agus 's e sin far am b' àbhaist an dachaigh aig an Doideag Mhuileach. Nach e sin...? Tha e coltach gur e sin... bha buidseach... chan eil fhios a'm - dh'fhaodadh gun innis Donnchadh dhuibh tuilleadh mu deidhinn. Sin an tè a b' àbhaist a bhith... bha i cho àrd gum b' urrainn dhi a dhol thairis air a' mhinch, cha d' reigheadh e ach gu a gualainn... a dhol gu a glùinean. Agus bha Loch Bà, coltach cho domhainn gum b' urrainn dhi gabhail failceadh ann, agus bha e air a ghràdh gum b' urrainn dhi sin a bhith... gum biodh i beò cho fad 's gum b' urrainn dhi gabhail failceadh... a dhol a dh'fhailceadh... an e sin am facal a th' agaibhse, failceadh?

ES: Chan e ach tha fhios a'm dè tha e a' ciallachadh, ach...

LM: An e sin...

ES: Cha chuala mi ach ann am Muile fhèin e.

LM: Bathing. Ann an Loch Bà a h-uile madainn, mun comhartadh cù, agus gun cumadh i a h-òige. Ach tha e coltach aon mhadainn bha i na b' anmoiche gun tighinn agus chomhart cù. Chuala mi a-rithist gun do gheum coileach, ach cha chreid mi nach e cù a chomhart, agus chaidh a bàthadh an Loch Bà an seo. Agus bha cleachdadh am Muile 's tha mi a' creidsinn gu bheil aig na seann [???] gus an latha seo, a h-uile ugh a bh' aca riamh, nuair a bha iad ullamh ag ithe ugh, bha iad a' cur an spàin tro... an t-ugh. Tha e coltach gur ann anns a... ann an slige ugh a thàinig i a Mhuile. Ach chunna mi sin riamh, 's chunna mi daoine a theireadh riut: "Bidh cinnteach gun cuir thu an spàin troimhe."

ES: Eagal 's gun tig an tè eile?

LM: Gun tigeadh an tè eile. An cuala sibhse sin riamh?

Neach neo-ainmichte: Cha chuala.

ES: Cha chuala, ach bhiodh sinne a' dèanamh sin 's cha robh fhios a'm riamh carson a bhiomaid ga dhèanamh.

LM: Chuala mi sin aig muinntir Mhac an Fhlèisteir 's iad sin. Na seann daoine shuas taobh Loch Buidhe, bheireadh iad ort gun cuireadh thu an spàin tron t-ugh, agus... ach 's e sin Sròn a' Chrann-lithe. A-rithist, aig bun Sròn a' Chrann-lithe, Benmore Lodge a th' aca an-dràsta, tha tobar a-rithist, tobar uabhasach math a th' ann airson òl, ach 's e Tobar nan Ceann a th' aca air. Cha [???] mi riamh, a' chuid as motha dhen tubaist 's e... b' àbhaist o shean, mun de-... mum faigheadh iad grèim air [???] a bhith ann 's ga nighe [???]. Ach an aon rud a fhuair mi a-mach riamh a thachair an sin aig - tha mi ga thighinn ga ionnsaigh fhathast - baiteal a bha shìos aig... mu cheithir mìle bhon chnoc an seo, chaidh feadhainn dhiubh... chaidh dhe na Dòmhnallaich, chaidh iad cho fada ri Sròn a' Chrann-lithe an seo, agus thachair iad ri feadhainn de Chlann 'IllEathain à Dubhaird, agus chaidh a h-aon no dhà a mharbhadh an sin. Fear dhiubh, 's e mac de uachdaran Treisinis a bh' ann. Chaidh a mharbhadh aig... ach bha sin aig an tobar sin. Ach a-bhos anns a' chnoc - tha sinne a' tighinn a-nuas seo - ach an cnoc an seo fhèin far a bheil sinn a-nochd...

ES: Agus... an urrainn dhomh ur sgur mionaid. An deach ceann sam bith a chur anns an tobar?

LM: Cha chuala mi riamh gun deachaidh, ach gun deachaidh am balach sin a mharbhadh an sin.

ES: Ach cha chuala tu gun deach an ceann a chur sìos...

LM: Cha deachaidh. Cha chuala mi riamh gun deachaidh. Cha deachaidh sin... ach chaidh a thiodhlacadh an Ì. Ach cho fad 's a tha sinn an seo, a dhol air ais rathad mòr beagan, gu Grùlainn an seo. Bha baiteal an sin, eadar Clann 'IllEathain Locha Buidhe agus Clann 'IllEathain Dubhaird. Tha sin [?dìreach] anns an Achadh Mòr, taobh thall na drochaid an sin. Bha baiteal an sin. Sin an aon rud as eòlaich mi bhith timcheall an sin. Tilleadh air ais a-rithist an seo, ma thèid thu sìos dhan chladach bhon taigh seo far a bheil sinn, anns a' chnoc an seo, tha Taigh an Lòin ann, cha d' fhuair sinn a-mach às mu dheidhinn dìreach gu bho chionn ghoirid an seo, 's e taigh-òsta a bh' ann, agus bha... mar a their thu... ferry. Bhiodh na bàtaichean a' dol a-mach gu na h-eileanan, Treisinis, Eòrsa a tha seo, nach eil duine ann, chan eil duine annta a-niste, agus gu Ì. Agus 's e sin an rathad a b' àbhaist iad a dhol a-mach [???] gu na h-àiteannan sin. Bha sin, àite beag aig... tha e a-staigh fon chnoc an seo.

ES: An robh ainm air?

LM: 'S e Taigh an Lòin an t-ainm a th' air. Chan eil ainm sam bith air a-niste, tha dìreach... tobhta a th' ann.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math