Rannsaich

Cleasan Oidhche Shamhna agus a' leughadh chupannan.

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 81426
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1961.032

Àireamh an Teip Thùsail

SA1961.032

Geàrr-chunntas

Cleasan Oidhche Shamhna agus a' leughadh chupannan.

Tha am fiosraiche ag innse mu chleasan Oidhche Shamhna. Bhiodh na caileagan a' feuchainn ri faighinn a-mach cò an leannan a bhiodh aca. Bhiodh iad a' dupadh airson ùbhlan agus a' leughadh ghlainneachan anns an robh ugh air a bhriseadh.

Tha i cuideachd ag innse mu bhith a' leughadh chupannan. Bhiodh an duine aice ag obair air seo agus tha i ag innse mu rud a thachair aig àm a' Chogaidh Mhòir nuair a chunnaic e soitheach na chupan.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Loch Bhraoin

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Kate Shaw (KS): Bhiodh sinn a' dèanamh bonnach-salainn Oidhche Shamhna.

Iain MacAonghuis (IM): Ò, 's dè bha seo a-nise?

KS: Tha, a' dèanamh bonnach... dìreach a' dèanamh rud ris an canadh sinn bonnach beag. Bonnach-salainn a theireadh sinn ris. Bha sinn a' cur salann ann, na caileagan. Bhiodh sinn ga ithe, 's ag òl bùrn no... dar a rachadh sinn a laighe... 's ann dìreach a' dol a laighe a bha sinn ag ithe a' bhonnach-shalainn. Bha sinn a' faicinn bruadar air na lads againn an uair sin. Chan eil fhios a'm an ann... chan eil cuimhn' a'm an ann a' faicinn cò an lad a bhiodh againn no an ann a' faicinn bruadar air na lads againn. Bha rud eile...

(Are you going to Dornie, Roddy? Are you going to town? Are you in a hurry? Och then... och, if you're going you can go. You'll call when you come back. Maybe Simon and Donnie will be home.)

Bhiodh sinn a' dèanamh rud ris an canadh sinn... bhiodh sinn a' dèanamh potagan... c' ainm a theireadh sinn ris? Gearradh criomag bheag às an talamh, potagan, agus a' cur ainm na trì lads ann. Bha na h-uile tè a' cur ainm lad anns an fhear ud, 's lad eile anns an fhear ud, 's lad eile anns an fhear ud, agus ga dhùnadh an-àirde mar a bha e.

IM: Agus an ann ga sgrìobhadh anns an ùir a bha iad, no ga sgrìobhadh...?

KS: Cha robh dad ach mar gun geàrrainn-sa criomag ann an sin, Ruairidh Seagha, Dòmhnall Seagha, Murchadh MacIllEathain, rudeigin mar sin, a' cur do chorrag ann dìreach...

IM: Agus ag ràdh an ainm?

KS: Ag ràdh an ainm, agus a' cur a' chriomag talamh air ais ann, ga dhùnadh an-àirde mar a bha e. Bhathar a' dol thuige sa mhadainn a-nise, agus dh'fhaodadh... tha fhios agaibh, baoiteag?

IM: Tha glè mhath, tha.

KS: A bheil fhios agaibh, baoiteag.

IM: Tha, glè mhath.

KS: Dh'fhaodadh gum biodh... chan eil cuimhn' a'm, am fear anns am biodh a' bhaoiteag, b' e seo an lad... lad ceart, am fear a bhiodh againn, [?dìreach]. Och bha mòran de... chan eil cuimhn' a'm am biodh sinn a-rithist a' toirt spìonadh... a' dol timcheall nan cruachan 's a' spìonadh diasan às a' chruach agus a h-uile gràinneag a bhiodh air an dias, bhiodh an uiread sin a chloinn againn. Mòran de dh'amaideas den an t-seòrsa sin. Ach 's e am bonnach-salainn rud cho snog 's a bha dheth.

IM: Agus an e flùr a bh' anns a' bhonnach-salainn?

KS: Ò chan e. Bonnach coirce.

IM: Bonnach coirce.

KS: Bonnach aran-coirce 's a' cur gràinneagan mòra salainn ann. Ach bha rud eile ann, a' toir ubhal à bùrn ach cha robh dad ceangailte ri sin ach dìreach a' toir an ubhal à bùrn le na... le beul, cò an neach a b' fheàrr a thogadh an ubhal.

IM: Seadh. Agus an robh sin a' dol ri ur ciad chuimhne?

KS: Bha, dar a bha mi anns an sgoil.

IM: A' togail nan ùbhlan às a' bhùrn?

KS: A' togail nan ùbhlan às a' bhùrn, bha. Och bha, dar a bha sinn... gus an robh sinn an-àirde ri trì bliadhna deug, chanainn. Dar a bha sinn mu thrì bliadhna deug a dh'aois anns an sgoil. Bha sinn ris an obair sin. Tional ann an aon taigh.

IM: Dìreach. Agus an cuala sibh riamh iad a bhith a' dol a-mach dhan an t-sabhal, agus a' tilgeil snàth anns an àtha no anns an t-sabhal, agus an uair sin mas e fìor gun robh am fear a bha sibh a' dol a phòsadh aig ceann eile an ròpa a bha sin?

KS: Ò cha chreid mi... chan eil beachd sam bith...

IM: Cha chuala sibh riamh duine a bhith ag ràdh, 'Cò siud thall air ceann mo ròpain?' No, 'Cò siud shuas air ceann mo ròpain?'

KS: Ò cha chreid mi...

IM: A' tilgeil cearla, a bheil fhios agaibh.

KS: 'S e.

IM: Sin an cleachdadh a bh' aca anns na h-eileanan, air Oidhche Shamhna.

KS: Seadh. Chan eil beachd sam bith agam air a sin a bhith ann ri mo linn-sa. Chan eil.

IM: Agus nuair a bhiodh sibh a' dol a spìonadh nan diasan a bha seo, 's ann air Oidhche Shamhna a bhiodh seo cuideachd, an ann?

KS: 'S ann, 's ann, 's ann.

IM: Ga spìonadh às a' chruaich?

KS: Ga spìonadh às a' chruach. 'S ann. A' dol timcheall cruach 's a' spìonadh, 's dar a... dar a shealladh sinn shìos bha sinn a' cunntadh na h-uile gràinneag a bhiodh shìos, 's bha an uiread sin a theaghlach gu bhith agaibh. Bha.

IM: Dìreach. Agus cha chuala sibh riamh caileag a bhith a' coimhead ann an sgàthan, gus am faiceadh i am fear a bha i a' dol a phòsadh? Ag amharc thairis air a gualainn.

KS: Cha chuala.

IM: Air Oidhche Shamhna. Cha chuala sibh sin?

KS: Cha chuala. Ach tha cuimhn' a'm, bhiodh iad a' leughadh nan cupachan, nan glainne-... glainneachan, nach e. Glainneachan a bhiodh iad a' leughadh. Bhiodh iad a' faicinn, tha fhios agaibh, dè bha a' dol a thachairt dhuibh, 's dè... cuin... an robh sibh a' dol a phòsadh 's an seòrsa fear a bha sibh a' dol a phòsadh, 's a h-uile rud a bha romhaibh.

IM: Seadh. Agus cha b' ann air Oidhche Shamhna, ge-tà, a bhiodh seo? Bhiodh... bhiodh... thachradh sin aig àm sam bith, an tachradh?

KS: Ò thachradh e aig àm sam bith ach bha e dha-rìribh a' dol Oidhche Shamhna. Bha e dha-rìribh Oidhche Shamhna air a chumail air adhart.

IM: Dìreach. Agus an e glainneachan anns an robh fìon no uisge-beatha a bha sin? No...

KS: Ò chan e. 'S e... 's e... bhiodh iad a' bristeadh uighean, cha chreid mi, anns a' ghlainne bhùirn, agus mar a bha an t-ugh ag obrachdainn 's ann leis a sin a bha iad a' leughadh dè bha a' dol a bhith air toiseach. Ach leughadh nan cupachan 's e bh' ann dìreach dar a dh'òladh sinn cupa teatha na duilleagan... na duilleagan, an set anns an robh iad. Bha.

Tha cuimhn' agamsa ann an seo, 's ann a mhuinntir nan eileanan a bha na Seaghaich a bha seo. 'S ann à Uibhist a thàinig iad, agus an duine agamsa, bha fasan aige glè, glè thric, gu h-àraidh on a dh'fhàs e sean, tha fhios agad, 's nach biodh cabhag air, tìde a' Chiad Chogadh, tha cuimhn' agam, cha robh a' chlann... bha a' chlann air falbh ann... anns an sgoil 's anns gach àite, agus bha sinn a' gabhail cupa teatha, an duine 's mi fhìn, a' gabhail cupa teatha air a' bhòrd a' mhadainn a bha seo 's bha na h-uile neach an uair sin, tha fhios agaibh, cho cianail feagalach bhon a' chogadh. Bha iad... cha robh iad [?dearbh] cho chruaidh 's a bha iad sa chogadh bho dheireadh. An rud bu lugha bh' air an t-saoghal, bheireadh iad dìreach faireachdainn duibh gun robh sibh... gun robh sibh gu bhith air na bomaig a ghabhail agaibh ann. Ach dar a ghabh sinn an cupa teatha, fhuair i an cupa mar seo:

"Ach Shìorraidh, b' fheàrr leam fhìn gun sguireadh sibh den obair amaideach a th' agaibh ann an sin. Carson a tha sibh a' tionndainn a' chupa mar sin? Tha a thìde agaibh sgur den obair amaideach a tha sin."

Agus:

"Uill," ars esan, "troibhidh ach am faic sibh seo."

"Dè tha sibh a' faicinn a-nise?"

"Troibhidh ach am faic sibh e."

Thionndainn e an cupa. Uill, bheireadh sinn ar facal, gun robh am bàta, dìreach stìomair mhòr... Sheall mi air mo tharsainn, leis cho diombach 's a bhithinn airson an amaideas, tionndainn a' chupa, cha robh mi a' dol a thoirt a dh'ùmhlachd dha gun robh mi a' dol a shealltainn right off air, ach sheall mi air mo tharsainn, dar a thuirt mi rium fhìn, tha stìomair ann an sin. Bheireadh sinn ar mionnan gun robh na trì cruinn anns an stìomair ann an sin. Agus bha sinn a' falbh a chruachadh mòine an-àirde bhos cinn an rathad ann an sin, 's dar a dh'èirich sinn a-mach:

"Och," arsa Ruairidh, "'s fheàrr dhuinn a bhith a' dol mus tig am feasgar 's gun tig a' chlann dhachaigh, ach am bi sibh dhachaigh tìde biadh a dhèanamh dhaibh."

Agus dar a chaidh sinn a-mach - cha robh an taigh sa ann an uair sin, cha robh ann ach an doras, an aon doras a tha na dhoras front an-diugh - 's dar a chaidh sinn a-mach an doras, thug Ruairidh sùil a-mach air a' mhuir.

"Troibhidh ach am faic sibh seo," ars esan.

Uill bha an uair sin stìomair a' tighinn a-nuas bho Cidhe Bad an Tairbeirt, tha fhios agaibh, aig bonn nan lotaichean ann an... [Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

IM: Nise, chaidh an duine agaibh a-mach, bha sibh a' ràdh, agus... agus dh'èigh e oirbh tighinn a dh'amharc. Nach ann mar sin a bha e?

KS: 'S ann, 's e, 's e. Dh'èigh e orm a thighinn ach am faicinn an stìomair. Chaidh mise a-mach, 's bha an stìomair air a' chaolas, a' dol sìos an caolas. Tha fhios agaibh, dar a chitheadh sibh stìomair an uair sin, cha robh dad ach dìreach [?dol a bh' ann], na Gearmailtich a' dol a bhomaigeadh. Agus, uill, cha mhòr nach do thuit mi, dìreach, leis a' chlisgeadh a ghabh mi.

"Sin agad a-nis," arsa Ruairidh. "Sin agaibh a-nis an stìomair a bha sibh a' fanaid ormsa a bha sa chupa."

"Ò uill, 's e," arsa mise.

Cha do chreid mise ann an dad a bh' ann an cupa riamh gus a seo. Ach chaidh i sìos. Cha do rinn i... Ach dar a bha sinn ag obair an-àirde bhos cinn an rathad air a' mhòine ann an sin, bha bomaigeadh, theireadh sibh gun robh e shìos cò fhad ris an Alltan Dubh, bha bomaigeadh a' dol air adhart ann an sin, gun canadh sibh gun robh dìreach a' Chòigeach uile-gu-lèir gu bhith air a sgrios às. Ach cha do rinn... cha chreid mi gur e stìomair chabhltach a bh' ann ach, chan eil cuimhn' a'm c' ainm a theireadh iad ris... am bàta a bh' ann. Bàta a bha a' sireadh rud air choreigin. Ach ghlèidh mi cuimhne riamh, an clisgeadh...

IM: 'S e, bha e iongantach ma-thà, a bheil fhios agaibh. Bha, bha e iongantach.

KS: An clisgeadh a fhuair Ruairidh 's mi fhìn, dar a chunnaic sinn am bàta a bh' ann an sin. Ach 's e am... 's e am feagal a chuir i oirnn bu choirich gun robh reflection aig a' chupa bu choirich ris, tha mi a' dèanamh dheth

IM: Dìreach, dìreach. Och bha. Och bha, bha iomadach rud mar sin ann.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math