Rannsaich

Tha Naidheachdan sna Pàipeirean (Cumha Barrach, 1923)

Ceann-latha July 1965
Àireamh a’ chlàir 82022
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1965.85.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1965.082

Geàrr-chunntas

Rinn am bàrd an t-òran seo mu na h-eilthirich a dh'fhàg Barraigh (agus Uibhist) air a' Mharloch ann an 1923, 's iad a' dol a Chanada. Tha e ag innse mu na faireachdainnean aca fhèin agus aig na daoine a dh'fhàg iad. Tha Mgr Iain MacIlleMhaoil, a chaidh a-null còmhla riutha, air ainmeachadh.

Chuala am fiosraiche an t-òran o bràthair.

Notaichean a' Chlàir

Eight verses sung. Composed by Dòmhnall Iain Mhic Mhurchaidh 'ic Fhionnlaigh from Vatersay.

See:
'Deoch-Slàinte nan Gillean' (C. O'Lochlainn ed., 1948) p. 13

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - An t-Ìochdar

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Ceit NicNeacail (CN):

Tha naidheachdan sna pàipearan
An-dràst' gam chur fo ghruaim
Ag innse mu na nàbannan
A dh'fhalbh air imprig cuain
Do chrìochan cianail choigrich
Far nach cluinn iad osnaich stuadh
Ach gaoirich coill' nan àrd-bheannan
Gan toirt gu làr le tuaigh.

'S e feasgar latha Sàbaid bh' ann
'S bha bàtaichean mun cuairt
Toirt Beannachd nam Beann Àrda dhaibh
Mun tairngeadh iad gu cuan
Bu duilich leam 's bu chràiteach e
Bhith faicinn pàistean truagh
'S ag èisteachd osnaich mhàthraichean
'S an cridhe gam fàsgadh cruaidh.

'S an latha dh'fhalbh ar càirdean bhuainn
'S a dh'fhàg iad sinn fo ghruaim
Gun d' chuireadh anns a' Mharloch iad
An t-eithear làidir luath
Nuair tharraing i cuid chàblaichean
'S a h-àmhainnean fo ghual
Bu bhochd bhith faicinn phàrantan
Le sruth gu làr on gruaidh.

Cha b' annas anns an tràth sin e
Ged bhiodh iad làn de ghruaim
Bha mulad air an sàrachadh
'S a' milleadh blàth an gruaidh
A' falbh on eilean àlainn sin
San deach an àrach suas
'S gach goban beann a b' àirde dheth
À sealladh tràth Diluain.

'S tha 'n t-athair measail ainmeil leibh
Dhan ainm MacIlleMhaoil
A chumas ann an òrdan sibh
'S nach leig an crò mar sgaoil
Tha chombaistean air dòigh aige
Le bhòidean Òrdugh Naomh
'S gun ruith e 'n cùrsa dòigheil leibh
'S a bheir gu glòir sibh saor.

'S o, mìle beannachd bhuams' thuige
Ged 's fhada bhuam e 'n-dràst'
Far bheil a' choille ghruamach iad
'S na gathan uaigneach àrd
Nan tilleadh e air chuairt thugainn
Mo dhùrachd bhuam gach latha
Gur e bhios a' toirt an fhuasglaidh dhomh
Nuair thigeadh uair mo bhàis.

'S tha mulad mòr air pàirt aca
Bhon dh'fhàg iad Tìr nam Beann
A' caoidh an àite dh'àraich iad
'S nan càirdean dh'fhàg iad ann
Ach guidheam soraidh slàn bhith leò
Measg chraobhan àrda thall
Gun tachair sinn air Calbharaidh
An t-àit' air nach tig ceann.

'S on dh'fhalbh sibh uile 's dh'fhàg sibh sinn
'S tha 'n t-àite seo air thuar
Am beagan tha air fhàgail dhiubh
Gun toir am bàs iad bhuainn
Rinn Mac a' Chreachain fàisneachd dhuinn
Ag ràdh gun tig an uair
Nach fhaicear air an làthair
Ach geòidh-ghlas an àit' an t-sluaigh.


Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): 'S a bheil fhios agaibh cò rinn e?

CN: Rinn, Barrach. Chan eil fhios a'm dè an t-ainm a bh' air.

DE: Seadh, gu dearbh. 'S bidh treis mhath on uair sin?

CN: Rinn, ann an nineteen twenty-three no four.

DE: Seadh. 'S cò aig a chuala sibh fhèin e?

CN: Aig bràthair dhomh a chuala mi e, ach chan eil cuimhn' a'm...

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math