Rannsaich

Cleachdaidhean fhigheadairean an Diùra.

Ceann-latha August 1953
Àireamh a’ chlàir 8349
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.131.1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.131

Geàrr-chunntas

Cleachdaidhean fhigheadairean an Diùra.

Tha am fiosraiche ag innse mar a bhiodh na figheadairean a' cur snàth a bh' air fhàgail os cionn an dorais. Ge bith cò thigeadh a-steach an toiseach, bhiodh an neach sin am measg na bhiodh a' gabhail pàirt anns an luadhadh.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Diùra

Eilean - Diùra

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain: Seadh, bha sibh ag ràdh, nuair a bhiodh iad a' crìochnachadh a' chlò?

Janet Shaw: Nuair a... nuair a bha figheadair a' crìochnachadh, fhios agaibh, a' chlò, bha e a' fàgail na h-uiread de shnàth, agus bha e ga... ga dhèanadh na letheannan agus a' cur snadhm air. Agus bhiodh iad a' toirt... gearradh feadhainn dhiubh bho sin agus ga... gan cur os cionn an dorais, agus ge be cò thigeadh a-staigh an toiseachd, bha... bha sin... fear de na... de na daoine a bha iad... an fheadhainn a bha a' luadhadh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math