Rannsaich

Luadhadh an Diùra.

Ceann-latha August 1953
Àireamh a’ chlàir 8353
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.131.2b

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.131

Geàrr-chunntas

Luadhadh an Diùra.

Tha am fiosraiche ag innse mar a bhite a' postadh nam plaideachan. The i cuideachd a' bruidhinn air an othail a bhiodh anns a' choimhearsnachd mum biodh luadhadh ann. B' e boireannaich òga bu mhotha a bhiodh an sàs anns an luadhadh. Bha seo cuideachd fìor mu chruinneachaidhean airson càrdadh agus snìomh.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Diùra

Eilean - Diùra

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Agus bhiodh iad a' postadh aodaich. An canadh iad postadh?

Janet Shaw (JS): Bha, postadh. Bha... bha na... bha na plaideachan air am postadh mun rachadh an luadhadh.

CM: Seadh, seadh. Seadh dìreach.

[Stad sa chlàradh an seo.]

JS: ...timcheall air. An toil-inntinn a bh' aig daoine an latha a bhiodh luadhadh.

CM: Seadh, san àite.

JS: San àite.

CM: Bhiodh iad a' cruinneachadh, seadh.

JS: Uill, bha nigheanan òga air an iarraidh airson na h-obair.

CM: Seadh, seadh. Agus am biodh iad air an tàmailteachadh mura faigheadh iad cuireadh gu luadhadh?

JS: Uill, nam biodh iad a' smaointeachadh gun robh leathachas air a dhèanadh orra.

CM: Seadh, dìreach.

JS: Ach bha leithid seo de chunntas dìreach aca ga... ga chur. Bha. Bha iad air a cheart dòigh air snìomh 's air càrdadh.

CM: Dìreach.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math