A' tionndadh cip leis a' chas-chrom airson feannagan taomaid...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1970.41.AC
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
A' tionndadh cip leis a' chas-chrom airson feannagan taomaidh.
Thathar a' cleachdadh cas-chrom airson na cip sia òirlich a leud a thionndadh a-staigh air gach taobh dhen fheannaig, mar as trice bhon taobh dheas. Bha dà ghearradh air gach ceap airson a thionndadh. Bha e doirbh ceap a thionndadh ann an talamh glas. Bha iad a' cleachdadh spaid airson an taomadh a chur sa mheadhan eadar na cip a chaidh a thionndadh leis a' chois-chruim. Bhite a' briseadh 's a' taomadh na feannaig mar a bha iad a' dol air adhart. Ma tha an talamh tana bidh an fheannag nas caoile seach nach eil doimhneachd taomaidh ann. Bidh an fheannag mu cheithir troighean a leud ann an talamh tana. Uaireannan feumaidh iad ùir a tharraing bho àite eile aison a cur air uachdar na feannaig ma tha an talamh cruaidh.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Tuath
Eilean - Griomsaigh
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Tuath
Eilean - Griomsaigh
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math