Rannsaich

A' cur a' bhuntàta anns na feannagan taomaidh.

Ceann-latha 25 March 1970
Àireamh a’ chlàir 8365
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.41.AD

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.041

Geàrr-chunntas

A' cur a' bhuntàta anns na feannagan taomaidh.

Nuair a tha an taomadh deiseil tha iad a' cur a' bhuntàta - chan fheum iad ràcadh idir. Thathar a' cur nan sùilean sia òirlich bho chèile le sliobhag airson tuill a dhèanamh san fheannaig. Tha na sùilean ann an sgùird ceangailte air beulaibh an duine a tha a' cur. Tha na sùilean air am putadh sìos dha na tuill a rinneadh leis an t-sliobhaig. Tha croisean air an t-sliobhaig agus sgonnan airson a putadh dhan ùir le cas an duine a tha a' cur. Tha na sùilean a' laighe air uachdar na feamad san fheannaig. Nuair a tha iad ullamh cur airson an latha tha iad a' dùnadh nan toll le ràcan. Tha ceithir sreathan buntàta anns gach feannaig, a tha còig troighean de leud. Tha na sùilean air gearradh a-mach às a' bhutàta nan sgealban agus an còrr dhen bhuntàta (glaodhan) air a thilgeil air falbh - cha bhi iad gan toirt dha na beathaichean idir.

An dèidh a ràcadh, cha bhi iad a' dol an còir a' bhuntàta gus am bi iad ga thogail. Uaireannan, nam biodh talamh mòintich ann a bhiodh a' sgagadh, dh'fheumadh iad smùr mònadh a chur air uachdar airson na tuill a chumail dùinte. Cha bhi mòran luibhean a' fàs anns na feannagan idir.

'S e Kerr's Pink am buntàta as cumanta a bhios iad a' cur agus b' àbhaist buntàta ruadh a bhith aca. Tha aon duine ga chur fhathast. Bha buntàta geal - Bowman - cumanta ann am Paibeil is Haisgeir ach bha e trom air gaiseadh. 'S e Kerr's Pink as fhreagarraiche airson Griomasaigh ach bidh seo fhèin a' gaiseadh uaireannan. Bha buntàta dubh aca bho chionn fhada. Bidh iad a' togail a' bhuntàta le cròcan, ga chur ann am pocannan agus ga chur ann an tòrr, le sgrathan air an uachdar is tuill airson gaoth a leigeil a-steach.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Griomsaigh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Griomsaigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math