Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 8705
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 12.05.1997

Geàrr-chunntas

Tuairisgeul air Taigh Mòr Ratharsair.

Tha Fearchar MacIllFhinnein ag innse mun ùine a chosg e ag obair ann an Taigh Mòr Ratharsair 's e na oileanach. Tha e cuideachd ag innse beagan de dh'eachdraidh an taighe.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Paraiste - Steòrnabhagh

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Ratharsair

Paraiste - Port Rìgh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Flòraidh NicIllEathain (FN): Chuala sinn an t-seachdain sa chaidh gu bheil Taigh Mhòr Ratharsair air a reic aon uair eile, agus an turas seo tha an taigh, a chaidh a thogail anns an ochdamh linn deug, a-nis ann an làmhan muinntir an àite fhèin. Ach airson beagan de dh'eachdraidh an àite fhaighinn, còmhla rinn air loidhne-fòn à Eilean Ratharsair tha fear a chuir seachad cuid dhe ùine co-dhiù, nuair a bha e na oileanach, ag obair anns an dearbh thaigh. 'S esan Fearchar MacIllFhinnein. Madainn mhath dhut, Fhearchair.

Fearchar MacIllFhinnein (FM): Madainn mhath, a Fhlòraidh.

FN: Tha sibh gu math an-diugh?

FM: Dòigheil, taing. Tha.

FN: Glè mhath. Seadh, ma-thà. 'S e taigh mòr, tha e coltach, a tha seo, nach e? Nach toir sibh dhuinn dìreach dealbh, cò ris a tha e coltach, 's dè na togalaichean eile a tha timcheall air, 's an t-àite 's mar sin?

FM: Uill, 's e an taigh as motha a th' ann an Ratharsair 's a bh' ann, agus e ann an suidheachadh air leth brèagha, a' sealltainn a-mach a-null chun an Eilein Sgitheanaich, sealladh fosgailte 's craobhach mun cuairt air, 's beanntan 's coille air a' chùl. Tha e dìreach... suidheachadh àlainn gun teagamh sam bith. Ach chan eil an eachdraidh aige, math dh'fhaodte, buileach cho brèagha no cho àlainn sin, air sàillibh mar a thachair dha.

Ri mo chiad chuimhne-sa, 's e an Taigh Mòr a chanadh iad ris, agus gu dearbh bha e air a sgeadachadh na bhroinn 's an taobh a-muigh dheth. Agus gu sònraichte bha gàrradh mòr dìreach mu choinneamh - no air a chùl, 's e bu chòir dhomh a ràdh - agus balla mòr àrd mun cuairt air. Agus tha cuimhn' a'm nuair a bhitheamaid anns an sgoil, ann am Bun-sgoil Ratharsair, gum bitheamaid as t-samhradh gu h-àraid air ar cur a dh'iarraidh measan gàrraidh sìos ann a shin, agus gu dearbh bha e a' cur annas 's iongnadh mòr ormsa dìreach cho brèagha 's a bha an gàrradh, 's na rudan a bha a' fàs ann.

Am measg sin bha fìon-dhearcan, fhios agad. Bha mòran de thaighean-glainne ann, agus bha na fìon-dhearcan ann a shin, 's bagaidean fìon air an crochadh 's bhiodh tu a' miannachadh... Agus bha an gàrradair a bh' ann, 's e Coinneach Mòr a bh' air, bha e glè choibhneil.

FN: Coinneach Mòr eile. Cha b' urrainn dhomh gun siud ag ràdh.

FM: Chan e an aon fhear a bh' ann. Agus bheireadh e dhuinn, fhios agad, rudan blasta a bha a' fàs anns an ghàrradh. Ach bha e air a chumail cho eireachdail. 'S e sin an rud. Agus nuair a chì thu suidheachadh an Taighe Mhòir an-diugh, tha e dìreach caran leibideach gu dearbh mar a dh'èirich dha.

FN: An togalach fhèin. Dè seòrsa clach a bh' ann? An e... no cò às an tàinig e?

FM: Uill, tha mi a' smaoineachadh... dòcha gun robh... gur e clach-ghainmhich leis an deach a thogail, agus bha mi a' smaoineachadh gun robh 's dòcha snighe a' tighinn a-staigh thairis air na bliadhnaichean, mura robh e, gu h-àraid aig an àm, nach robh e air a ghleidheadh ceart, agus gun robh sin ag adhbharachadh, fhios agad, snighe a bhith a' tighinn a-staigh ann, agus 's dòcha a' milleadh an togalach na bhroinn. Ach chaidh gabhail aige aig mullach an taighe bhon a chaidh a ghabhail thairis le Bòrd na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus co-dhiù, tha an rud sin dheth air a ghleidheadh, ach tha a dhìth tòrr a dhèanamh ris a-muigh, fhios agad, am balla a dhèanamh dìonach agus cuideachd gabhail aige na bhroinn. Bha e cho àlainn, brèagha. Nuair a bha mise ag obair ann nam oileanach, dh'fheumadh an deise 's am 'bow tie' a bhith orm. 'S bha na h-uaislean, 's bha mòran de dh'uaislean a' tighinn a Ratharsair aig an àm sin, a h-uile bliadhna bha iad... an t-àite cho sàmhach, 's bha e a' dèanamh leithid de dh'fheum dhaibh. 'S am measg iad sin, bha feadhainn air an robh de Beers. Chuala tu an t-ainm sin?

FN: Chuala.

FM: Tha mi cinnteach gun robh iad gu math saidhbhir. Ach saoilidh mi nach robh iad buileach cho fialaidh sin.

FN: Seadh. Dè bha sibh fhèin a' dèanadh anns an àite?

FM: Tha mi duilich?

FN: Dè bha sibh fhèin... dè an obair a bh' agaibh?

FM: Uill, 's ann a' frithealadh aig bòrd a bhithinn. Agus, ò, dh'fheumadh tu a bhith cho dòigheil 's... fhios agad, ged nach d' fhuair mi trèanadh, thog mi gu math luath ciamar a bu chòir dhomh mi fhìn a ghiùlan 's eile. Agus bha e dìreach cho àlainn agus cho brèagha a bhith ag obair ann. Agus a' toirt cosnaidh do mhuinntir an àite, grunnan math dhiubh. 'S feadhainn a thigeadh a-staigh dìreach airson an t-samhraidh ag obair ann. Chaidh mòran tron taigh mhòr a bha sin gu dearbh.

FN: Thug sibh tarraing gun robh iad a' toirt cosnadh seachad. Cia mheud a bha ag obair ann?

FM: Uill, aig an àm ud, bha cuideigin sa ghàrradh, 's bha grunnan math de luchd-frithealaidh ann, 's feadhainn a' coimhead às a dhèidh. Tha mi cinnteach gun robh co-dhiù deichnear a' faighinn cosnadh às aig an àm ud.

Agus... uill, tha an eachdraidh an dèidh sin caran muladach, bidh fhios agaibh. Shaoilinn-sa gum biodh e... dòcha nan èireadh sin fhèin a-mach às a' phrògram agad, gum bu chòir cuideigin dìreach rannsachadh a dhèanamh air, o thùs gu deireadh, chun an latha an-diugh, airson 's e... tha eachdraidh gu math inntinneach fuaighte ris an taigh mhòr a tha sin. Agus tha sinn an dòchas leis na tha air tachairt dìreach bho chionn ghoirid gun tig piseach air 's gun tig rudeigin math às.

FN: A bheil càil a bheachd againn cò thog e an toiseachd?

FM: Uill, sin agad, fhios agad, an eachdraidh mhionaideach nach d' fhuair mise. 'S dòcha nach do ghabh mi gu leòr de dh'ùidh ann, ach tha sin air a chlàradh gun teagamh. Bha leabharlann mòr brèagha ann cuideachd, 's leabhraichean prìseil 's eile, 's leis mar a dh'èirich, tha mi cinnteach, chaidh iad às an t-sealladh, mòran dhiubh, no chaidh am milleadh. Tha mi a' smaoineachadh gun d' fhuaras cuid dhe na pàipearan ann an seann seada bho chionn ghoirid agus sin agad an rud a tha cho doirbh mun t-suidheachadh, gun do thachair a leithid nuair a bha de stòras agus de dh'fhiosrachadh ann a chaidh a dholaidh, dh'fhaodadh tu a ràdh. Ach tha beagan ann a ghabhas sàbhaladh fhathast, leis an rannsachadh bu chòir a bhith air a dhèanamh air.

FN: Seadh. 'S na daoine a bhiodh a' tighinn ann a-nise de... uaislean de dhaoine, mar a bha sibh ag ràdh ann a shiud. De Beers 's daoine mar sin. Dè seòrsa... carson a bha iad a' tighinn ann co-dhiù?

FM: Ciamar a bhitheadh iad a' tighinn ann?

FN: No carson?

FM: Tha mi a' smaoineachadh gur e... uill, ciamar an toiseach a thàinig iad ann? Feumaidh gun d' fhuair iad fathann air choreigin, fhios agad. Bha ceangal aig na Leòdaich, fhios agad, clann-cinnidh MhicLeòid, bho thùs ris an togalach sin a' dol air ais linntean. Agus bha MacIain, fhios agad, an t-Ollamh MacIain, bha e ann an Ratharsair cuideachd, 's tha sin anns na sgrìobhaidhean aig Boswell, fios a'd, mar a chaidh gabhail aige 's mar a chòrd e ris a bhith anns an taigh sin. Ach thàinig atharrachaidhean mòr air bhon uair sin mar a thuigeas tu.

Ach 's e dìreach... bha sìth 's sàmhchair agus cofhurtachd ann a shiud, do dh'fheadhainn a b' urrainn pàigheadh air a shon. Agus bha ainm aig an taigh mhòr, Taigh Mòr Ratharsair. Bha e dìreach ainmeil, agus bhiodh daoine, thigeadh iad ann gacha bliadhna, 's bha an t-àite air a chumail cho sgeadaichte 's cho dòigheil, 's mar a thuirt mi, bha sàmhchair 's fois ann dhaibh.

FN: Seadh. Dè mar bha iad... bha sibh ag ràdh ann a shiud gun robh sibh fhèin a' frithealadh bhùird 's mar sin ann. Na daoine a bha sin, an e daoine laghach a bh' annta?

FM: Gu dearbh, 's e. 'S e. Chan aithnicheadh tu, fhios agad, gun robh iad os cionn chàich. Sin agad am faireachadh a bh' agamsa. 'S bha iad bàigheil 's coibhneil, 's dhèanadh iad còmhradh riut 's bha iad... cha robh iad cruaidh oirnn, mar gun canadh tu. Bha iad dìreach cho aoigheil 's a ghabhadh iad. Sin agad a' chuimhne a th' agamsa orra. Cha chuala mi riamh duine a bhith ri trod no feargach mun t-seirbheis no rud eile dhen t-seòrsa sin.

FN: Cha bhiodh iad ag iarraidh biadh sònraichte, no fìon sònraichte, no ga thilleadh air ais no sìon sam bith mar sin, am bitheadh?

FM: Uill, cha do thachair e rim chuimhne-sa. Airson sin agad rud eile. Bha seilear fìona ann, 's a h-uile goireas dhen t-seòrsa sin. Seirbheis airgid, fhios agad, anns an t-seòmar-bìdh 's e grinn sgeadaichte, agus dìreach cho uasal 's a ghabhadh e bhith, agus...

FN: Agus brèagha na bhroinn, tha mi cinnteach. An robh?

FM: Ò, gu dearbh fhèin e. Am fiodh 's an àirneis. Àirneis air leth brèagha. Na bùird 's na sèithrichean, 's na dreasairean, 's...

FN: A bheil beachd againn cò às an tàinig an àirneis a bh' ann?

FM: Uill, thigeadh iad... tha mi cinnteach gur ann bho dheas a thigeadh e, airson nuair a dh'atharraich suidheachadh an taighe mhòir, tha eagal orm gun deach... gun do dh'fhalbh mòran dheth às an t-sealladh gun fhiosta, 's chan eil sin brèagha ri bhith a' meòrachadh air mar a thachair sin. Ach, ò, an àirneis a b' fheàrr na chèile, bratan-ùrlair 's a h-uile càil eile. Agus fhios agad, an t-airgead - na treibhichean airgid agus na soithichean airgid. A h-uile rud, dh'fheumadh e bhith cho brèagha, soilleir, 's air a ghlanadh. Na sgeinean, 's na spàinean, 's a h-uile càil eile. Sin agad obair nach robh a' còrdadh rium uabhasach math, mar a thuigeas tu. A' cur gleans orra.

FN: A' cur gleans orra. Airgead, nach e?

FM: Ò, 's e. 'S e gu dearbh. 'S e. A h-uile rud a b' fheàrr na chèile.

FN: An robh sibh... an robh sibh a' fuireach ann? An robh an luchd-obrach a' fuireach ann? An robh gin dhen luchd-obrach a' fuireach...?

FM: Uill, bha, bha. Bha seòmraichean-cadail dhan luchd-obrach ann. Bha tòrr de sheòmraichean dhen t-seòrsa sin ann, fhios agad. Bha seòmar mòr eile far an robh bòrd airson billiards, agus cur-seachadan mar sin.

FN: Am biodh sibh fhèin a' faighinn greis air an sin?

FM: Nuair nach biodh duine a' coimhead.

FN: Tha mi cinnteach.

FM: Ach 's e saoghal eile a bha sin. Dh'atharraich an saoghal sin. 'S e dìreach aitreabh a' bhlàir a-muigh a th' ann a-nise. Mar a chanas iad, outdoor centre. Chan eil an inbhe 's an t-ainm idir mar a bha e. Ach cò aige tha fios? 'S dòcha gun tig atharrachadh air... gun tèid a' chuibhle mun cuairt, gum faic sinn rudeigin... an t-àite mar a bha e. 'S e sin a chòrdadh riumsa co-dhiù.

FN: 'S e sin ur miann-sa?

FM: Ò, gu dearbh, 's e.

FN: Glè mhath, ma-tà. Uill, tapadh leibh dha-rìribh, ma-thà.

FM: Math a bhith a' bruidhinn riut, a Fhlòraidh.

FN: Glè mhath, ma-thà. Fearchar MacIllFhinnein an sin, à Eilean Ratharsair, 's e a' cuimhneachadh air Taigh Mhòr Ratharsair, mar a tha cuimhne aige fhèin air nuair a bha e ag obair ann na oileanach.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math