Rannsaich

Cleachdaidhean tiodhlacaidh, croitearachd, iasgach, agus nit...

Luchd-clàraidh
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 87659
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

PN1969.018

Àireamh an Teip Thùsail

PN1969.018

Geàrr-chunntas

Cleachdaidhean tiodhlacaidh, croitearachd, iasgach, agus nithean os-nàdarrach.

Fiosrachadh air na cuspairean a leanas: tiodhlacadh (le iomradh air uisge-beatha, briosgaidean 's càise); croitearachd (crodh agus gobhair); iasgach (sgadan, msaa.); agus taibhsean 's samhlaidhean.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Paraiste - Slèite

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Iain Friseal (IF): Agus a-nis, innsibh dhomh... Dè bha iad... dè bha iad a' dèanamh an seo air tiodhlacadh a-nis? An robh... dar a bhiodh... dar a bhiodh neach a' bàsachdainn anns an àite, an robh iad... an robh iad a' gabhail... ma bha sluagh a' dol fada le...

Dòmhnall MacNeacail (DM): Bha sinn gan giùlan... bha sinn gan giùlan air carbad... ceithir làmhan car air a' charbad, agus ò, chan eil ann ach bhon a... bhon a thòisich an cogadh mu dheireadh a sguir sin, 's bhon a thàinig na h-acfhainnean ùra a-mach mar a tha hearse, na rudan sin airson an giùlan. 'S ann gan giùlan sìos a Chill Mhòr, 's tha e mu chòig mìle às a seo. Agus bha e gu math doirbh cuideachd le làithean fuara, fliucha geamhradail. Bha, gu dearbh fhèin e, bha. Bhiomaid a' leigeil anail an siud 's an seo, agus bhiodh cairt a' dol sìos le alaire. 'S e alaire a chanadh iad ris, uisge-beatha 's briosgaidean 's càise.

IF: Agus cà robh iad ag ithe sin?

DM: Eh?

IF: Am biodh iad ag ithe sin aig a' chladh?

DM: Bha. Bha sinn an uair sin a' cladhach na h-uaigh.

IF: A' cladhach na h-uaigh.

DM: A' cladhach na h-uaigh, agus a' tiodhlacadh an duine no am boireannach, no gu cò bhiodh ann. Ach bha iad ag innse dhomh, roimhe sin, gur ann air a' ghualainn a bhiodh iad a' toir leotha a' ghiùlain, agus 's ann mar sin a tha iad ga dhèanamh ann an Èirinn gus an latha an-diugh. 'S ann.

IF: Agus, nis, an cuala sibh dad mu dheidhinn am biadh a bha seo? An deoch agus am biadh. Dar a bha iad... ma bha... ma bha gin air fhàgail cò bha ga fhaighinn?

DM: Dè rud? Ò bha iad... innsidh mise mar a bha iad a' dèanamh leis an deoch. Bha stòran mòra ann an Eilean Iarmain, agus bha iad a' ceannach na deoch. Agus bhiodh e ann an dà phige-ruadh aca. Tha cuimhn' a'm air sin ged a bhiodh an latha an-dè a bh' ann. Agus an deoch a rachadh fhàgail, thilleadh iad leis agus cheannaicheadh e bhuatha air ais. 'S e sin mar a bha iad a' dèanamh ann a sheo co-dhiù. Ach bhiodh iad uaireannan gu math togarrach gu dearbh...

IF: Tha fhios gun robh. Tha fhios gun robh. Tha fhios nach... 's e fìor corra uair a rachadh... a rachadh stuth air ais dhan bhùth.

DM: 'S e, fìor chorra uair a rachadh iad a thilleadh. Ach co-dhiù, ò bhitheadh iad gu math... feadhainn gu math sunndach, rud a bha fuathasach fhèin doirbh fhaicinn an uair ud. Ach feumaidh duine a thuigsinn air a shon sin, ò bha e doirbh, a' ghiùlan a bha siud, cho fada cuideachd, agus le droch aimsir.

IF: Dìreach sin. Agus an-diugh, a bheil iad... chan eil iad...

DM: Tha iad an-diugh, thig an hearse, thig e gun an doras ann a shin 's thèid a' ghiùlan a chur ann 's...

IF: Tha e a' falbh.

DM: Tha e a' falbh. Ach bidh iad a' toirt riarachadh drama seachad, cuid dhe na taighean, dha na daoine.

IF: Bidh, bidh. Agus am bi iad... am bi iad a-nis a' giùlan... uill tha cleachdadh againne aig an taigh uaireannan, bios iad... bios iad a' togail a' ghiùlain airson dh'fhaodadh leth-mhìle, agus an sin tha iad ga chur anns a' charbad.

DM: Bidh iad a' dèanadh sin ann an cuid dhe na taighean an seo cuideachd, agus an uair sin bidh iad ga chur anns a' hearse. Bidh iad ga ghiùlan sìos mu Eilean Iarmain 's [???]. Bidh iad ga ghiùlan bìdeag agus ga chur a-staigh anns a' charbad. Ò tha sin fìor, ò tha na seann chleachdannan a' falbh.

IF: Aidh, seann chleachdannan ceart gu leòr. 'S e... 's e... 's e croitearan a bha sa bhaile seo uile-gu-lèir?

DM: 'S e, croitearan a bha sa bhaile seo uile-gu-lèir. 'S e iasgairean 's croitearan a bh' annta.

IF: Iasgairean 's croitearan.

DM: Bhiodh iad a' dèanamh fuathasach math ann a sheo le iasgach an sgadain. Bha e a' tighinn cho bitheanta a h-uile bliadhna. Bha e an Loch Nibheis ann a shin, 's Loch Shubhairne, agus an loch seo againn fhìn ann a sheo, Loch Eiseort, aig an Druim Fheàrna ann a shin. A h-uile bliadhna bhiodh e a' tighinn... bhiodh e a' tighinn a h-uile foghar ann a shiud 's bha e a' dèanamh airgead math. Bhiodh e a' dèanamh sia... bhiodh na boireannaich a' dèanamh sia 's a seachd a thastain san latha, a' cutadh 's a' sailleadh.

IF: A' cutadh 's a' sailleadh. Cà robh... bha seo... bha seo an Eilean Iarmain?

DM: An Eilean Iarmain, 's bhiodh bàtaichean, smacaichean mòra, 's bhiodh iad a' tighinn 's Klondykers, agus 's e bha mi a' dol a ghràdh ribh, bha tastan an uair iad, cheannaicheadh tu a cheart uairead 's a cheannaicheas thu le not an-diugh.

IF: Ò abair e. Abair e.

DM: Ò, gun teagamh.

DM: Bha, bha, bha. Bha iad a' dèanamh airgead mòr?

DM: A' dèanamh airgead mòr 's a' bhùth ann a shin a' dol... a' cur fairis le biadh 's deoch 's a h-uile sìon a ghoireas. 'S iad a bha math dheth. Feòil ann a shin, bha iad a' creic feòil air sgillinn am punnd. Bha mòran feòil a' tighinn a-nall à Ameireaga an uair sin ris an canadh iad buffalo meat, agus bhiodh iad a' dèanamh brot leis [???].

IF: Sgillinn am punnd?

DM: 'S e.

IF: Ò glè mhath.

DM: Bha a-rèist daoine a' gabhail leithid de bhuntàta 's sgadan saillte 's iasg. Iasg saillte. Bhiodh iad ag obair air lìn-mhòra sa gheamhradh 's lìn-bheaga as t-earrach. 'S e, bhiodh an [???] gun robh... gun robh am biadh aca.

IF: Seadh. Agus crodh a-nis, cha robh duine a' cumail gobhair anns an... anns an àite, an robh?

DM: Cha robh... uill, bha dithis no triùir de sheann chailleachan a bha tuilleadh 's fada air ais airson a bhith a' coimhead às dèidh an sprèidh. Bha.

IF: Agus an robh gobhair-fhiadhaich anns...

DM: Bha gobhair-fhiadhaich... 's e dh'fhàg na gobhair-fhiadhaich sin ann, 's e goibhrichean-ciùin a bh' annta 's chaidh iad a-mach na mhonadh nuair a dh'fhalbhadh na maighstirean aca agus dh'fhàs iad fiadhaich. Tha cuimhn' agamsa o chionn... a' Chiad Chogadh ann a sheo, chunntais mi còig deug air fhichead shìos aig Sgeir nan Gillean ann a shin. Bha iad ann an Àird Ghunail 's bhiodh iad a' tighinn ann a shin. Ma-thà, dh'fhalbh iad... uill, bha iad a' dèanamh dheth gun robh bàtaichean a' dol seachad 's gun robh iad a' tighinn a-staigh 's gam marbhadh. Ach co-dhiù, dh'fhalbh iad. Chan eil ann ach mu dhà bhliadhna bhon a dh'fhalbh an gobhar mu dheireadh a bha fiadhaich ann a shin, 's bha i a' leanail nan caorach [???].

IF: Bha i a' leanail nan caorach.

DM: Bha.

IF: Agus an cuala sibh uair sam bith a bha... dar a bha sprèidh... sprèidh a' bhaile a-nis, crodh a' bhaile, bhiodh iad a' dol a-mach... tha fhios gun iad a' dol a-mach gun a' mhonadh a h-uile latha leotha, an cuala sibh riamh gun robh... gun robh gobhair aca a' leantail a' chrodh?

DM: Cha chuala. Cha chuala.

IF: Cha chuala sibh sin? Cha robh a chleachdadh an sin agaibh, gun robh gobhair... gobhair às... a' leantail a' chrodh?

DM: Cha robh. An robh sin agaibhse shuas?

IF: Cha robh againne, ach bha e ann an Earra-Ghàidheal, 's bha seo... bha i... bha... 's e luck math a bha seo. Bha iad a' dèanamh a-mach sin.

DM: Bha e na mascot aca.

IF: Bha, na mascot. Agus bha iad ag ràdh gun robh... nach biodh... nach biodh iad a' call na laoigh.

DM: 'S e, dìreach. Seòrsa de bhuidsichean.

IF: 'S e, 's e. 'S e dìreach.

DM: [???].

IF: Am biodh mòran creideimh aca an seo anns na...

DM: Dè thuirt thu?

IF: Am biodh mòran creideimh aca an seo anns na buidseachan?

DM: Chan eil mi a' smaoineachadh gun robh. Ach an dèidh sin bhithinn a' cluinnteil naidheachdan, ach gun robh... ach 's e samhlaichean 's taibhseachan bu mhotha a bhithinn-sa a' cluinnteil nuair a bha mi na mo bhalach. Nuair a bhiomaid a' dol a thaighean-cèilidh bhiodh an t-eagal oirnn tighinn dachaigh air an oidhche. Eagal oirnn gum faiceamaid rudan 's gum biodh duine gar leantail 's gum biodh...

IF: Bodaich agus...

DM: 'S e. Bheil fhios agaibh, cha robh siud uabhasach math do chlann idir a bhith ag èisteachd ris a sin.

IF: Cha robh, tha fhios. Cha robh. Cha robh, tha fhios.

DM: Bha e gan dèanadh geal.

IF: Tha fhios nach faca sibh fhèin riamh...?

DM: Chan fhaca gu dearbh.

IF: Rud sam bith. Tha fhios nach fhaca. Och, chan fhaca.

DM: Agus chan aithne dhòmhsa duine fhathast a chunnaic samhla, ach 's e an naidheachd 's an sgeulachd a bhios aigesan gum b' aithne dha duine a chunnaic e.

IF: Sin agaibh dìreach e. Sin agaibh dìreach e. Ach chan eil mòran dhen a sin an-diugh?

DM: Chan eil. Chan eil. 'S cha robh e ann riamh nas motha. Cha robh siud ach dìreach folklore 's naidheachdan [???]. Nach eil an seann Bhìoball againn, nach eil e làn dheth sin nuair a sheallas tu air - buidsichean 's samhlaichean 's... Mar a bha na h-Iùdhaich bha iad dìreach mar a bha daoine eile, mar a bha sinn fhìn, 's bha iad a' toirt gèill dha na rudan ud. Chan eil mi a' creidsinn a leithid a rudan idir. Seall sibh fhèin Coinneach Odhar fhèin ann a shin, leugh mi an leabhar aige ann am Beurla 's ann an Gàidhlig. Bha e ag ràdh, a mhàthair gun robh i a-mach a' buachailleachd 's gun robh an fhearsaid aice 's i ag obair air snìomh, a' dèanamh snàth, 's gun do dh'fhosgail na h-uaghannan. Uill, dè tha sin ach... dè tha sin ach naidheachd.

IF: Chan eil, naidheachd. Chan eil. Chan eil. Agus, a bheil duine ag iasgach an seo fhathast? A bheil duine a' dèanamh mòran iasgach an seo fhathast?

DM: Chan eil.

IF: Chan eil.

DM: Innsidh mise mar a tha. Chan eil... chan eil mòran dhe na seann natives air fhàgail an seo a-nise ann, dhe na seann daoine a bh' ann. Agus an fheadhainn òga, tha iad ag obair air falbh ann an àiteachan eile 's iad a' dèanamh biadh 's tuarastal air falbh an àiteachan eile 's chan eil iad a' còmhnaidh ann a sheo ann. Chan eil anns a' bhaile seo fhèin ach mu cheathrar no chòigear dhe na seann daoine, dhe na natives, dhen an àite.

IF: Tha dìreach. Tha sin fìor.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math