Rannsaich

Boireannach ann an sìthean.

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 88865
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.12.B5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.012

Geàrr-chunntas

Boireannach ann an sìthean.

Thugadh boireannach dhan t-sìthean ann an Creag Hàstain an Uibhist a Tuath. Dh'fheumadh i tòiseachadh air fuine. Bha aice ri ciste na mine fhalamhachadh air neo chan fhaigheadh i air falbh. Chaidh iarraidh oirre an fhallaid a thilleadh dhan chiste. Cha do fhalamhaich ciste na mine. Dh'innis sìthiche sean dhan bhoireannach gum bu chòir dhi an fhallaid fhuine a chur còmhla ris a' chòrr. [Tha seo eadar-dhealaichte on sgeul àbhaisteach anns a bheilear ag iarraidh air a' bhoireannach an fhallaid a thilleadh dhan chiste]. Rinn am boireannach mar a thuirt e agus chosg i a' mhin air fad, agus fhuair i air falbh, ach cha robh na sìthichean toilichte gun d' fhuair i cuideachadh. Tha cliù aig sliochd a' bhoireannaich mar dheagh luchd-obrach.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Uibhist a Tuath

Paraiste - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Creag Hàstainn

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Pàdruig Moireasdan (PM): Uill, bha gnothach cho làidir ga chreidsinn uaireigin an Uibhist a Tuath fhèin agus gun robh iad a' smaointinn gun robh sìthean a-staigh rathad Hàstain. Agus bha boireannach, ma b' fhìor, a bha a-muigh a' coimhead air crodh sa mhonadh no ag iarraidh a' chruidh sa mhonadh, chunnaic i an cnoc a bha seo fosgailte, 's chaidh i ann, a-staigh a dh'fhaicinn dè a bh' ann, an e uamh bheag a bh' ann, 's dhùin an t-àite oirre, 's cha robh i a' faighinn a rathad a-mach tuilleadh.

Bha i... chuir iad a dh'fhuine i, agus thuirt an ceannard a bha a-staigh ann, boireannach:

"Nuair a dh'fhuineas tu na bheil sa chiste seo," ars ise, "gheibh thu dhachaigh. 'S cha bhi thu fada ris. Agus cuimhnich," ars ise, "till an fhallaid dhan chistidh," ars ise, "nuair a bhios tu ullamh a' fuine, a h-uile h-uair."

Thuirt ise gun tilleadh, 's bha i gu bhith a-mach ann an tiotan. Agus tha e coltach gun robh i suas ri bliadhna sa chnoc. Bha seann duine ann, gu math aosta, liath, a bha i a' smaoineachdainn a bha aois mhòr, agus thuirt e rithe:

"A nighean," ars esan, "cuin a gheall iad dhut faighinn a-mach?"

"Nuair a bhithinn ullamh a dh'fhuine na bheil a mhin sa chistidh," ars ise.

"Ma-thà," ars esan, "cha bhi thu ullamh dhe na bheil a mhin sa chistidh gu bràth. Ach innsidh mise dhut," ars esan, "dè a nì thu. Agus chan fheàirrde mise e," ars esan, "ach coma co-dhiù; chan eil mi airson thusa a bhith air do chumail an seo. Fuin an fhallaid còmhla ris a' mhin a bheir thu às a' chistidh airson a' chòrr dhen fhuine, 's teirigidh a' chiste."

Agus seo mar a rinn i. Agus bha seo latha dhe na lathaichean bha a' chiste falamh, agus thuirt i ris a' bhoireannach:

"Dh'fhuin mi a' chiste," ars ise. "Tha mi a-nist a' falbh mar a gheall sibh dhomh."

"Gheibh thu air falbh," ars ise, "le mo bheannachd dhut fhèin, ach mo mhallachd do bheul d' ionnsaichidh."

'S dh'fhosgail an cnoc. Leigeadh a-mach i.

Uill, tha feadhainn sa Cheann a Tuath a' creidsinn gu bheil feadhainn de shliochd a' bhoireannaich sin a-staigh air taobh an iar na dùthcha fhathast.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): 'S dè chanas iad riutha sin?

PM: Ò chan urrainn dhomh a sloinneadh.

DE: 'S an robh iad ag ràdh gun do lean buadhannan sam bith ri na daoine a bha sin?

PM: Tha e coltach gun robh.

DE: 'S dè bha sin?

PM: Cho math 's a bha iad gu obair.

DE: Aidh, aidh. Agus tha daoine a' [dèanamh] a-mach gu bheil sin ann fhathast?

PM: Ò tha gu dearbha fhèin e. Tha.

DE: Ò uill, tha sin glè mhath. Agus am facal a tha seo, an fhallaid. Dè...

PM: Sin agad ma-thà, a' mhin a tha ris a' chlàr, air aon làimh no air an dà làimh - bidh e aca ris... gach làimh dhen a' chlàr - nuair a tha iad a' teannadh air cur a-mach na breacaig, tha iad a' crathadh seo gus nach lean i ris an fhiodh, agus crathadh beag dheth air a h-uachdar cuideachd gus nach lean i ri làmhan agus gabhaidh i an uair sin sgaoileadh a-mach le maide-fuine, no botal, no rud sam bith dhen t-seòrsa sin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math