Rannsaich

Tha Mi fo Chùram an Cùlaibh Èireann

Ceann-latha August 1952
Àireamh a’ chlàir 88929
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1952.98.1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1952.096.099

Geàrr-chunntas

Tha am fear a rinn an t-òran seo ag innse mun sgrios a chaidh a dhèanamh air bàta cogaidh a bha faisg air a' bhàta anns an robh e fhèin, 's iad air an t-slighe dhan Èipheit aig àm an Dàrna Cogaidh. Chaidh a h-uile duine air bòrd a chall a chionn 's gun robh an fhairge cho dona 's nach robh e comasach dhaibh eadhon an fheadhainn a bha air uachdar na fairge le seacaidean-teasairginn a shàbhaladh. Tha e ag ràdh nach tèid e às a chuimhne gu bràth.

Notaichean a' Chlàir

Composed by Roderick MacLeod from Stocainis, Harris. His fellow mariners called him Ruairidh Cunnartach, as he was so sharp and witty that they had to be careful what they said to him or it would soon appear in a song.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math