Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 29 April 1997
Àireamh a’ chlàir 9304
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 29.04.1997

Geàrr-chunntas

Muc-mhara a thàinig air tìr ann an Stocaigh agus teaghlach a' tilleadh gu Haisgeir ann an 1947.

Tha cuimhne aig Lachlann Moireasdan air an àm a thàinig muc-mhara air tìr ann an Stocaigh ann an 1947. Chaidh a toirt gu Taigh-tasgaidh Hunterian ann an Glaschu. Tha e cuideachd a' bruidhinn air an àm a chaidh an teaghlach aige air ais a dh'fhuireach a Haisgeir mu 1947.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Theisgeir (Na h-Eileanan Monach)

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Bha sinn aig deireadh na seachdain a chaidh a' còmhradh mun a' mhuc-mhara a thathas an-dràsta ag ullachadh airson a bhith air a taisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann. Thug sin air aon dhen an luchd-èisteachd innse dhomh mu chlaigeann muc-mhara a th' ann an Taigh-tasgaidh a' Hunterian ann an Glaschu. Muc-mhara annasach a bha seo. Cha deach ach dusan dhe seòrsa fhaicinn mu chladaichean na dùthcha seo a-riamh. Sowerby's Whale a chanadh iad rithe. Tha mi a' tuigsinn gur ann mar sin a bhios tu ga ràdh. Chaidh a faighinn air Eilean Stocaigh an iar air Haisgeir an Uibhist. Tha Lachlann Moireasdan air an loidhne à Griomasaigh; athair a lorg a' mhuc-mhara. Madainn mhath, a Lachlainn.

Lachlann Moireasdan (LM): Madainn mhath, a Choinnich.

CM: Uill, dè a' chuimhne a th' agadsa air a' mhuc-mhara a bha seo, no na bha air fhàgail dhith?

LM: Uill, a' chuimhne, chan eil i cho math 's a bha i, ach gun do chuir e annas oirnn an ceann aice. Cha robh innte ach tè bheag. Bha a dhà... bha dà mhuc-mhara a thàinig air tìr an Stocaigh. Bha tè dhiubh, 's e tè dhen fheadhainn mhòra, mhòra a bh' ann - an sperm whale. Ach bha an tè bheag a bha seo bha i annasach, thoradh 's e ceann... ceann fada, tana a bh' oirre, agus bha gob fada oirre. Ach bhiodh i mu... mu chòig troighean deug a dh'fhaid.

CM: Agus sin a' chlaigeann a th' anns an taigh-tasgaidh a tha siud ann an Glaschu?

LM: 'S e. Sin an claigeann. 'S e. Ò, cha ghabhadh claigeann na tè eile cur air falbh. Bhiodh tunnaichean a chuideam ann.

CM: Uill, tha mi a' smaoineachadh gu dearbha gur e dealbh dhen an seòrsa claigeann sin a bha sinn a' faicinn anns na pàipearan aig deireadh na seachdain, agus mun robh sinn a' bruidhinn ann an seo fhèin an t-seachdain a chaidh. Ach tha i air a bhith ann an sin, a-rèiste, faisg air leth-cheud bliadhna? Còrr 's leth-cheud bliadhna ann an Glaschu?

LM: Tha. Uill, tha mi cinnteach gu bheil e a' teannadh air a sin, ceart gu leòr. 'S ann nuair a bha sinn a' fuireach an t-Haisgeir, 's ann a chuireadh ann e, 's bha sineach ann an dà fhichead 's a seachd, ceart gu leòr.

CM: Nise, tha fhios agam gu bheil pìosan, no corran cnàimhean na muice sin agad fhèin fhathast?

LM: Tha. 'S e pàirt de chnàimhean na muc mhòr a th' agam.

CM: Ò an e?

LM: Ò 's e. 'S e. Cha robh mòran air fhàgail dhen tè eile, agus cha robh i buan air cladach fiadhaich mar a tha cladach Haisgeir idir.

CM: Uill, 's e an t-adhbhar gun do ghabh iad uiread a dh'ùidh innte, agus 's dòcha gun do chuir sibh fhèin umhail oirre cuideachd, gun robh i cho fìor annasach, gur e seòrsa muc-mhara a bha seo ann nach eil sinn idir, idir a' faicinn tric mu na cladaichean ann an seo, nach e?

LM: Ò 's e, 's e, 's e. 'S e sin a dh'fhàg gun do chuir sinn air falbh an ceann. Cha robh... bha sinn eòlach gu leòr sna bliadhnaichean sin air mucan fhaicinn... mucan-mara fhaicinn mu chuairt Haisgeir.

CM: A' dol air ais chun an àm a tha sin, bho chionn leth-cheud bliadhna, tha mi a' tuigsinn, dh'fheuch d' athair ri rud annasach a dhèanamh. Dh'fheuch e ri daoine a thoirt air ais an sin, nach do dh'fheuch?

LM: Ò dh'fheuch. Bha ceithir teaghlaichean... bha e a' smaoineachadh gum feuchamaid new start. Thoradh, an fheadhainn a bha riamh ann, bha an dà theaghlach mu dheireadh air fhàgail. Tha mi a' smaoineachadh gur ann an... ann an dà fhichead 's a trì a dh'fhàg iad e, agus... no dà fhichead 's a dhà, 's bha esan, bha e a' feuchainn ri ceithir teaghlaichean, gun d' reigheadh iad ann 's gu... gum bitheamaid... dìreach gum biodh an t-eilean air ais mar a bha e roimhe. Ach nuair a thàinig e gu... chun a dhol ann, cha deach ann ach sinn fhìn.

CM: Agus... uill, carson a bha sibh ag iarraidh a dhol ann co-dhiù? Dìreach airson ath-chruthachadh, an t-seann dòigh-beatha a thoirt air ais? No an e dìreach airson gur e àite math a bh' ann airson fuireachd?

LM: Ò 's e àite math, math. Eilean beairteach a bh' ann a thoradh fèath, 's bha giomach pailt mun a' chladach aige, 's bha e furasta beòshlaint a dhèanamh ann.

CM: Uill chaidh sibhse air ais ach cha do dh'fhuirich sibh ro fhada, an do dh'fhuirich?

LM: Còrr 's trì bliadhna. Bha an teaghlach againn ro bheag. Ach 's dòcha nam biodh feadhainn eile air tighinn ann bha sinn air fuireach ann gun teagamh, ach bha e ro bheag airson aon teaghlach... bha e ro fhada o thìr airson aon teaghlach. Nam biodh cùisean mar a tha e an-diugh, bhiodh e gu math na b' fhasa na bha e an uair ud.

CM: Uill 's e ceist a bhios a' tighinn a-steach orm aig amannan a tha sin, bidh mi a' smaoineachadh air àite mar Haisgeir, mar Tarasaigh, mar... mar àitichean... eileanan eile ann an sin a tha dìreach gu math faisg air na cladaichean againn. Dh'fhaodadh duine a dhol a dh'fhuireach ann an sin an-diugh 's cha bhiodh e ro dhuilich dhaibh, am bitheadh?

LM: Cha bhiodh e duilich idir an-diugh, a Choinnich. Bhiodh e cho furasta 's a ghabhadh e. Ach bha e doirbh, doirbh an uair ud. Cha robh... cha robh, man tuirt iad, means of communication sam bith ann ri tìr. Ged a bhiodh duine meadhanach, cha b' urrainn dhut sìon a dhèanamh.

CM: Tha mi cinnteach gu bheil thu air a bhith air ais ann bhon uair sin, ge-tà, a bheil?

LM: Och uill, chuir mi fad mo bheatha seachad ag iasgach mu chuairt air, ag iasgach ghiomach, gu 'n do sguir mi dhen obair sin, gu 'n do retire mi.

CM: 'S dè thachair dhan an dachaigh a bh' agaibh?

LM: Och dìreach thuit e chun an làir.

CM: 'S a bheil na ballaichean ann an sin fhathast?

LM: Tha na ballaichean ann, ceart gu leòr, ach 's e sin fhèin [???]. Bha mi a-muigh o chionn dà bhliadhna - no 's dòcha gur ann an-uiridh fhèin a bh' ann - agus 's e cianalas a bh' ann a bhith a' faicinn nan tobhtaichean.

CM: Uill chan eil rian nach e, gu dearbha.

LM: Ò 's e.

CM: Ach 's dòcha... an rud a dh'fheuch d' athair ann an sin bho chionn còrr 's leth-cheud bliadhna, cha chan mise càil nach bi ann an ùine gun a bhith fada daoine a tha ag iarraidh dìreach faighinn air falbh bhon a h-uile càil a tha a' dol air adhart anns an t-saoghal a tha seo, nach bi iad ga fheuchainn a-rithist ann an àitichean diofraichte, agus 's dòcha nach e droch rud a bhiodh ann. Uill, mòran taing, Lachaidh, airson a thighinn a bhruidhinn rium an-diugh, a' cuimhneachadh air man a fhuair sibh lorg air a' mhuc-mhara annasach a bha sin ann an Haisgeir bho chionn còrr agus leth-cheud bliadhna. A' chlaigeann aice ri fhaicinn fhathast, cho fada agus as aithne dhomh, ann an Taigh-tasgaidh a' Hunterian ann an Glaschu.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math