Rannsaich

O Hù a 's Mo Rùn air Òg Ùr a' Chùil Dualaich

Ceann-latha 1970
Àireamh a’ chlàir 93391
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.346.B9

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.346

Geàrr-chunntas

'S e òran gaoil le boireannach a tha seo do dh'fhear òg bàn on chaisteal. Dh'aithnicheadh i a cheum 's e a' tighinn le pìob nan dos air a ghualainn.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

O hù a 's mo rùn air
Òg ùr a' chùil dualaich
O hù a 's mo rùn air

O hù a 's mo rùn air
Òg ùr a' chùil chleachdaich
Thig o chaisteal nan stuadhan
O hù a 's mo rùn air

O hù a 's mo rùn air
Òg ùr a' chùil bhuidhe
'S àlainn rudhadh do ghruaidhean
O hù a 's mo rùn air

O hù a 's mo rùn air
Òg ùr a' chùil dualaich
O hù a 's mo rùn air

O hù a 's mo rùn air
'S mi gun aithnicheadh do choiseachd
Pìob nan dos orra* ghualainn [*air do]
O hù a 's mo rùn air

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math