Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 14 April 1997
Àireamh a’ chlàir 9452
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 14.04.1997

Geàrr-chunntas

Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain ag innse mun dreuchd ùir aige mar leas-stiùiriche le Comataidh Craolaidh Gàidhlig.

Tha Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain air tilleadh don dùthaich an dèidh bhliadhnaichean ag obair ann an Canada agus tha e gu bhith ag obair na leas-stiùiriche le Comataidh Craolaidh Gàidhlig. Tha e a' faicinn atharrachadh mòr ann an craoladh Gàidhlig, le cus a bharrachd stuth a' dol a-mach air telebhisean agus rèidio, agus tha e dòchasach gum fàs a' chùis nas fheàrr fhathast. Tha e dhen bheachd gu bheil an teicneòlas ùr cudromach, ach gun fheumar gnothaichean a làimhseachadh anns an dòigh cheart. Tha diofar eadar craoladh poblach agus craoladh malairteach, a thaobh ionmhais. Faodaidh craoladh Gàidhlig mòran cuideachaidh a dhèanamh airson a' chànain, agus bidh feum air mòran dhaoine ùra anns a' ghnìomhachas.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Mac a' Phearsain, Seonaidh Ailig

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): 'S e am fear a th' air mo bheulaibh a-nis am fear gun a sgàth a thòisich mise air slighe a dh'fhàg mi far a bheil mi an-diugh, a' còmhradh ribhse a h-uile latha. 'S ann an naoi-deug trì fichead agus a trì a bh' ann. Bha mi na mo ghille gu math òg. A' chiad turas a-riamh a' falbh à Leòdhas aig camp Comann na h-Òigridh, a' coinneachadh airson a' chiad uair a-riamh ri gillean agus caileagan à eileanan eile. Chaidh sinn air turas suas a' Chàirn Ghuirm, agus 's ann ga mo cheasnachadh airson prògram rèidio a bha e a' dèanamh aig an àm, a bha Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain. Bha e na riochdaire rèidio aig a' BhBC ann an Glaschu. Mus deach mise ann an sin bho chionn dìreach còig bliadhna air fhichead, bha Seonaidh Ailig air a shiùil a thogail agus air feuchainn air Canada, far an deach dha gu math ann an saoghal na cumhachd atamach. Bha e an sàs ann an obair fiosrachaidh ann an sin. Tha e air ais anns an dùthaich seo a-nis ann an Steòrnabhagh, agus e air tòiseachadh na leas-stiùiriche aig a' Chomataidh Craolaidh Gàidhlig. Ciamar a tha thu? An robh fhios agad... an robh fhios agad air a siud?

Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain (SM): Bha fhios a'm air sin, bha.

CM: An robh?

SM: Tha cuimhne mhath agam air.

CM: Balach beag reamhar. Ciamar... cò ris a tha e coltach a bhith air ais?

SM: Tha e uabhasach math a bhith air ais. Uabhasach taitneach, 's tha mi gu math toilichte.

CM: An robh dùil agad an latha a dh'fhalbh thu gum biodh tu air ais?

SM: Uill, bha leth-dhùil a'm gum bithinn air ais uaireigin. Cha robh mi cinnteach cuin no dè a bhithinn a' dèanamh, nam bithinn a' tilleadh air ais a dh'obair no a' tilleadh air ais a ghabhail fois, agus dìreach mar a thachair e, tha mi a' tilleadh air ais a dh'obair.

CM: Tha thu air a bhith an sàs ann an obair gu math inntinneach thall ann an Canada, ge-tà, thairis air iomadh bliadhna, nach eil? Obair cruthachaidh... cruthachaidh cumhachd 's mar sin.

SM: Bha. Bha e gu math inntinneach, gu dearbha, ann an iomadach dòigh, agus thug e dhomh cothrom a bhith a' siubhal air feadh an t-saoghail, ann an dùthchannan eile a-mach à Canada, agus anns a' bhliadhna mu dheireadh dh'fhàg mi an obair sin 's bha mi ag obair ann an ospadal, a' dèanamh an aona seòrsa dreuchd, a' toirt seachad fiosrachadh dhan an t-sluagh, agus bha sin, bha e tur eadar-dhealaichte, agus ann an iomadach seagh cha robh e uabhasach furasta, thoradh an rud a tha a' tachairt a thaobh seirbheisean slàinte ann an Canada, 's e rudan a tha a' tachairt ann an dùthchannan eile cuideachd - daoine a' call an obrach, dotairean a' cnàmhan 's a' gearan nach eil iad a' faighinn gu leòr tuarastal, agus leapannan gan dùnadh anns na h-ospadail - 's bha e uabhasach doirbh fiosrachadh mun a sin a thoirt seachad, thoradh luchd-riaghlaidh, a bha iad ag innse dhan an t-sluagh nach robh seo a' dèanamh cron sam bith air na daoine a bha a' tighinn, agus cha b' urrainn dhòmhsa sin a chreidsinn.

CM: Tha thu air a thighinn air ais ann an seo a-nise gu saoghal a tha gu math diofraichte bhon t-saoghal a dh'fhàg thu, ged a tha fhios agam gun robh... gun do chùm thu suas na ceangail 's gun robh thu air ais air adhart fad an tìde, tha an saoghal gu bheil thu a' tighinn a-steach, saoghal a' chraobh-sgaoileadh, gu math diofraichte bhon t-saoghal a bh' ann nuair a chaidh thusa a-null a Chanada, nach eil?

SM: Ò, eadar-dhealachadh mòr, 's gu h-àraid ann an saoghal craolaidh na Gàidhlig. Nuair a dh'fhàg mise am BBC, cha robh an uair sin ach mu cheithir uairean gu leth anns an t-seachdain air rèidio, agus corra uair prògram air telebhisean, agus tha atharrachadh mòr uabhasach air tighinn air a sin on an uair sin, 's tha mi an dòchas gu bheil atharrachaidhean eile, atharrachaidhean a nì cùisean 's dòcha nas fhèarr buileach, a' tighinn anns na làithean a tha romhainn.

CM: Uill, bidh daoine a' coimhead riut fhèin airson pàirt dhiubh sin, 's dòcha. Ach co-cheangailte ri Comataidh Craolaidh na Gàidhlig, mar a th' againn air a-nise, tha e follaiseach gu bheil sinn a' gluasad do shaoghal gu tur ùr a-rithist, 's dòcha fiù 's nach b' urrainn dhuinn... nach urrainn dhuinn... dhan a' mhòr-chuid againn smaoineachadh air aig an àm a tha seo, ach tha mi cinnteach gur dòcha gu bheil thusa air beagan dhen a sin fhaicinn thall anns na Stàitean 's ann a... ann an Canada fhèin, oir tha gnothaichean teicnigeach 's dòcha air gluasad beagan nas luaithe ann an sin, nach eil?

SM: Uill, ann an seagh tha, 's ann an seagh chan eil. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil, anns an Roinn Eòrpa, gu bheil gnothaichean teicnigeach 's dòcha air gluasad nas sgiobalta na a tha iad ann an Ameireaga a Tuath, ach tha daoine dualach am beò-ghlacadh leis an teicneòlas ùr agus gun a bhith a' gabhail ealla ri dè tha a' tachairt an-dràsta fhèin, agus sin far a bheil an cunnart, nach eil daoine a' dèanamh tomhais ceart air dè feumalachd an latha an-diugh agus dè feumalachd an latha a-màireach, agus chan eil teagamh sam bith nach eil dùbhlan mòr gu bhith ann a thaobh craolaidh anns na làithean a tha romhainn, le craoladh didseatach no figearail a' tighinn a-steach, ach feumaidh sinn dèiligeadh ris an latha an-diugh cuideachd. Ach ann an... gu tilleadh gu do cheist, ann an Ameireaga 's e an rud a th' air tachairt, gu h-àraid a thaobh telebhisean, gu bheil an t-uabhas ann a-nist de sheanailean, barrachd 's as urrainn dhut smaoineachadh no coimhead air, gu h-àraid ma tha saideal agad air cliathaich an taighe. Chì thu eadar ceithir cheud 's còig cheud channel. Uill, cha robh sin agamsa, ach chithinn le càball, chithinn a chinn suas eadar leth-cheud agus trì fichead. Uill, 's e trì dhiubh 's dòcha a b' fhiach a bhith a' coimhead orra.

CM: Agus nuair a tha sinn a' gluasad dhan an seòrsa saoghal a tha sin, tha sinn a' gluasad... gluasad do shaoghal teilidh nach eil sinn air a bhith eòlach air ann an seo. Tha cuimhn' agamsa an turas bho dheireadh a bha mi thall ann an Canada a bhith a' coimhead, mar eisimpleir, tha mi a' smaoineachadh gur e coinneamh de chomhairle a' bhaile a bhiodh ann, mar gum b' eadh, can an-dràsta, daoine air Taobh Siar Leòdhais no ann am Barraigh a' coimhead ri coinneamh de Chomhairle nan Eilean. Tha iad air a thoirt sìos chun an... chun na h-ìre sin, nach eil?

SM: Ò, tha, chun na h-ìre sin. Uill, aona rud math na lùib, gun tug iad sìos gu ìre na coimhearsnachd e cuideachd, agus tha a-nis barrachd 's dòcha pàirt aig a' choimhearsnachd fhèin ann an telebhisean agus ann an rèidio na bh' aca ron a seo. Ach mar as motha a th' ann dhiubh, 's ann as lugha as urrainn do dhuine a bhith a' coimhead air rud seach rud. Agus aimhreit mhòr eile, 's e craoladh poblach an taca ri craoladh coimeirsealta, agus na buidheannan coimeirsealta, an t-adhbhar a tha iadsan a' craoladh 's ann airson airgead a dhèanamh, agus craoladh poblach a tha cus nas cudromaiche a' sìor choimhead airson airgead agus a' coimhead airson taic bhon an riaghaltas, nach eil iad tric a' faighinn.

CM: Tha thu a' tighinn air ais dhan an dùthaich seo aig àm a tha mòran nithean ag atharrachadh mar sin fhèin cuideachd. Tha mòran a-nise le teilidh saideil aca ann an seo fhèin, tha obair rèidio air atharrachadh, tha mòran a bharrachd stèiseanan ann na bha ann aig aon àm, agus chan eil càil a choltas nach e an tuilleadh ris am faod dùil a bhith aca ris. Ciamar a tha thu a' faicinn, a' tighinn air ais, saoghal na Gàidhlig taobh a-staigh a h-uile càil a tha seo?

SM: Uill, tha seo uabhasach cudromach do Ghàidhlig, thoradh ma tha... ma tha Gàidhlig a' dol a dhèanamh adhartas, agus piseach a' dol a thighinn air a' chànan agus air a' chulture, tha craoladh gu bhith na phàirt mhòr dhen a sin, agus gu feumalachd. Ach a-rithist, mar a thuirt mi, tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn an gnothaich a thomhas air dhòigh agus gu bheil sinn a' faighinn an rud as fheàrr as urrainn dhuinn às. Chan e idir... 's e an rud a tha cudromach, chan e gum bi barrachd Gàidhlig air a craoladh, ged a tha sin cudromach na dhòigh fhèin, ach gum bi Gàidhlig air a craoladh gu math, thoradh 's e feabhas mar as trice cus nas fheàrr na pailteas.

CM: Tha sin... ach tha sin a' togail cheistean eile. Cò às a tha na daoine a' dol a thighinn? A bheil gu leòr dhaoine againn leis na sgilean, an t-eòlas, airson a h-uile càil a tha sin a dhèanamh, a bheil thu dhen a' bheachd?

SM: Uill, 's dòcha nach eil an-dràsta, ach bhithinn an dòchas gum bitheadh, agus mura h-eil iad ann, feumar oidhirpean a dhèanamh gus an t-eòlas a thoirt dhaibh. Agus gun teagamh, mar a tha saoghal na Gàidhlig a' fàs beag ann an seagh, tha daoine a' fàs na gainne aig a bheil an sgil 's an t-eòlas, ach chan eil sin a' ràdh nach gabh an t-eòlas agus an sgil a liubhairt dhaibh, agus 's e sin a dh'fheumas sinn feuchainn ri dhèanamh.

CM: Uill, tha mi a' creidse gur e a th' ann ach ma choimheadas sinn air ais an-dràsta, fiù 's air bho far a bheil sinn an-diugh gu far an robh sinn bho chionn còig bliadhna, 's a chì sinn an t-uabhas dhaoine le sgilean nach robh aca aig an àm a tha sin a th' air a thighinn a-steach dhan a' ghnìomhachas, an ann mar sin a tha thusa ga fhaicinn? Dè cho cudromach 's a tha trèanadh gu bhith anns na bliadhnaichean a tha romhainn?

SM: Ò, anabarrach cudromach. Anabarrach cudromach. Agus tha e cudromach gum bi na colaistean agus na h-oilthighean agus na craoladairean agus an gnìomhachas anns a' bhitheantas, gum bi iad ag obair còmhla, agus 's e trèanadh pàirt dhen obair a bhios an sin.

CM: 'S e aon dhe na rudan a tha mi air a bhith a' cluinntinn thairis air na mìosan a chaidh seachad, co-cheangailte ri rèidio, oir tha mi a' tuigse gu bheil a' chomataidh gu bhith a' coimhead gu sònraichte air rèidio anns na mìosan a tha romhainn, agus tha fhios againn uile, chan eil rèidio a' cosg leth-uimhir, no a dheich uimhir, agus a tha teilidh, gu bheilear am beachd a bhith a' leudachadh sin a-mach gu stèiseanan neo-eisimeileach nach robh thu a-riamh a' dèanamh Gàidhlig gu ruige seo. Dè do bheachd? A bheil thu a' smaoineachadh gur e sin a tha còir againn a bhith a' dèanamh?

SM: Uill, chan eil mi uabhasach cinnteach fhathast, thoradh sin aona rud air am feum mi tòrr smaoineachaidh a dhèanamh mus toir mi breithneachadh air, agus tha e caran tràth dhomh 's dòcha breithneachadh coileanta a thoirt air a sin fhathast. Chan eil mi air a bhith ann a sheo ach seachdain, agus...

CM: Tha thu ag aithneachadh mar-thà gur e siud tè dhe na ceistean nach eil gu bhith cho furasta.

SM: Tha mi... tha mi air a bhith fodha chun nan achlaisean ann am pàipear 's tha mi... tha mi a' leughadh 's tha mi ag èisteachd agus tha mi a' faicinn mus urrainn dhomh breithneachadh a dhèanamh air rud dhen an t-seòrsa sin, ach chan eil teagamh sam bith, mar a thuirt thu, tha an Comann Craolaidh Gàidhlig a-nis, tha e mar dhleastanas orra maoin a thoirt seachad airson prògraman rèidio a bharrachd air telebhisean, ach chan eil sin ach air ùr-thòiseachadh, agus tha mòran againn ri beachdachadh mu dheidhinn mus urrainn dhomh freagairt nas coileanta a thoir dhut na tha mi a' toirt dhut an-dràsta.

CM: Dh'aithnich thu, a-rèiste, gur e ceist a th' ann mum bi deasbad anns na làithean a tha romhainn. Dhut fhèin gu pearsanta, a-rèiste, a' tighinn air ais... a' tighinn air ais an seo, às dèidh na tha sin de bhliadhnaichean, tha thu a' fuireach ann an àite nach robh thu a-riamh a' fuireachd ann.

SM: Uill, chan eil sin buileach fìor, thoradh bha mi...

CM: Nach eil? An robh thu a' fuireach ann an Leòdhas ron a seo?

SM: Bha airson, tha mi a' smaoineachadh, suas mu chola-deug...

CM: Ò, seadh. Och, uill, bha gu leòr...

SM: Uill, 's ann à Steòrnabhagh a rugadh mi, anns an ospadal.

CM: Ò, seadh, bha mi a' dol a ràdh, tha thusa ag innse dhòmhsa rudeigin ris nach eil fhios agamsa air. So 's e Leòdhasach a th' annad às dèidh na tha seo de bhliadhnaichean?

SM: Tha sin ceart.

CM: Uill, uill. Na rudan a dh'fhoghlaimeas duine a bhios fada beò. Chan eil mi a' smaoineachadh gum mill sinn a' chùis idir le dhol a-steach nas fhaide na siud ann. A Sheonaidh Ailig, tapadh leatsa, agus fàilte ort air ais dhan dùthaich. Agus tha mi cinnteach gun tig an latha nuair a bhios mi a' cur, 's nuair a bhios e comasach dhut, feadhainn dhe na ceistean a dh'fheumas a bhith... a bhios sinn a' toirt sùil orra anns na làithean a tha romhainn a' freagairt. Tapadh leatsa gu dearbh airson a thighinn a-steach...

SM: Tha mi an dòchas... an dòchas gun cuir thu na ceistean, agus gum bi am freagairt agam nas fheàrr ann an ath... turas dhut, agus tapadh leat fhèin airson am fàilte.

CM: Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math